Innealan-ciùil : An Fhìdheall

Drawing of a fiddle
Seall barrachd

Thàinig an fhìdheall, mar as aithne dhuinn i, às an Eadailt mu dheireadh an t-17mh linn. Aig àm Raibeirt Burns (ann an Siorramachd Àir na h-18mh linn), bha a’ chuibhreann bu mhotha de dh’Alba a’ bruidhinn na Gàidhlig, ged a bha i air crìonadh sa Cheann a Deas. Chluicheadh Burns an fhìdheall agus bhiodh e a’ cruinneachadh fhonn do na h-òrain aige agus thàinig deagh chuid de na fuinn a fhuair e às an dualchas Ghàidhlig.

‘An Gille Dubh Mo Laochan’ – seann òran Gàidhlig a tha seo a tha cumanta air an fhìdheall agus ionnsramaidean eile. Seo am fonn a chleachd Burns airson ‘A Man’s a Man for a’ that’.

Mrs MacLeod of Raasay
Mrs MacLeod of Raasay

‘Mrs MacLeod of Raasay’ - ruidhle a dh’fhoillsicheadh sa chòigeamh cruinneachadh aig Niall Gow (1727-1807) ann an 1808, le nòta gur e ‘ruidhle às an Eilean Sgitheanach le Mgr MacLeòid’ a bh’ ann. Bha e ga chluich nuair a thadhail Dr Johnson agus Boswell ann an 1773. Tha e a-nis air aon de na puirt as ainmeile air an fhìdheall ’s air a’ phìoba a th’ againn. Chleachd na h-òrain Ghàidhlig ‘Mac-a-Phì’ agus ‘Stad a Mhàiri Bhanarach’ a’ chiad agus an dàrna leth den phort seo. Chaidh am port a chleachdadh san òran Bheurla ‘Mac a Phee turn your cattle’, sam bheil beurlachadh inntinneach den channtaireachd Ghàidhlig.

Puirt na fìdhle gan cleachdadh an òrain an t-sluaigh

Gabhaidh Sinn an Rathad Mòr

‘Gabhaidh Sinn an Rathad Mòr’ - a rèir aithris, chaidh seo a chluich le pìobaire nan Stiùbhartach aig Blàr Sliabh an t-Siorraim, 1715. ’S math a dh’aithnichear e mar òran Gàidhlig do chlann. ’S e an dearbh fhonn ris an fhear a th’ air an òran Ghallta ‘Katie Bairdie’ air aon de na h-òrain Ghallta as sine, agus port aithnichte air an fhìdheall. Thathas a’ smaointinn gum buin ‘Katie Bairdie’ ris an t-17mh linn, agus e ann an làmh-sgrìobhainn Shir Uilleim Rubha Àilein (Siorramachd Àir an Ear). Tha eòlaichean am beachd gun do sgrìobhadh e eadar 1612 agus 1623. Chan eil ‘Katie Bairdie’ a’ cleachdadh ach a’ chiad loidhne den fhonn mar as aithnte dhuinn e. ’S e ‘Kafoozalum’ port eile a tha a’ cleachdadh an aon fhuinn, mar a tha ‘The High Road to Gairloch’ air a’ phìob. Tha dà phàirt nas anmoiche aig an dà phort mu dheireadh an sin, agus iad sin nas ùire air an dèanamh. ’S e an aon fhonn a th’ air an òran Shasannach ‘London Bridge is Falling Down’.

Puirt-à-beul agus òrain eile

‘Brochan Lom’ - tha am port seo airson dannsa agus na dheagh eisimpleir de dh’fhaclan nach dèan cus ciall – tha iad ann airson ruithim a chumail ris na dannsairean. Bu thric a bha puirt-à-beul gan seinn do dhannsa nuair nach robh ionnsramaid ri làimhe, gu sònraichte an dèidh casg saoghal nan Gàidheal an dèidh Bliadhna Theàrlaich ann an 1746.

‘High Road to Linton’ - tha e air innse gum biodh dròbhairean a’ gabhail a’ phuirt agus iad eadar a’ Ghàidhealtachd agus an fhèill-mhargaidh ann am Peairt. Tha an dà phàirt mu dheireadh nas ùire, ach tha iad stèidhichte a-nis. Tha òrain stèidhichte air an fhonn, mar ‘Bodachan a’ Mhirein’, ‘Dòmhnall Beag an t-Siùcair’, agus an t-òran Albannach ‘Some say the Deil’s Dead’ , agus iad nan eisimpleir de dh’fhaclan gan cur ri port Gàidhealach nas sine.

‘Far am Bi mi Fhìn’ – òran Gàidhlig a tha cumanta air an fhìdheall ’s air a’ phìob leis an ainm ‘The Drunken Piper’. Ghabhar a chluich mar srath spè, caismeachd 2/4 agus ruidhle, agus tha ‘Highland Rory’ na thionndadh 4-pàirt dheth air a’ phìob.

Audio

The Drunken Piper

Play

Òrain Ghàidhlig gan cluich

Màiri Bhàn Òg
Màiri Bhàn Òg

Air uaireannan, thèid òrain Ghàidhlig a chluich air ionnsramaidean. Mar as trice bithear a’ dèanamh ath-ghabhail de phàirtean, far nach àbhaist a dhèanamh nuair a thathar a’ seinn an òrain – tha seo fo bhuaidh tradaisean na fìdhle far a bheil ath-ghabhailean ann de gach pàirt. Tha tionndaidhean sònraichte aig iomadh òran Gàidhlig air an fhìdheall agus iad sin airson an ionnsramaid a thaisbeanadh i fhèin, seach i bhith air a cuingealachadh am broinn rainse nòtaichean tùsail an òrain. Ann an corra suidheachadh, tha tionndaidhean gan cruthachadh far a bheil iad aithnichte mar cheòl fìdhle no pìoba iad fhèin. Tha deagh eisimpleir de seo ann am ‘Màiri Bhàn Òg.

Srath Spè

’S e an srath spè air aon de na stoidhlichean as aithnichte de cheòl agus òrain na h-Alba. Tha eòlaichean gu leòr den bheachd gun tàinig an Geàrradh Albannach (‘Scots Snap’ – nòta goirid ga chluich air a’ bhuille ro nòta nas fhaide) bho chànan agus seinn nan Gàidheal.

‘Gun do dhiùlt am bodach fodar dhomh’ – òran Gàidhlig srath spè a tha aithnichte air an fhìdheall mar an srath spè ‘Munlochy Bridge’.

Ceòl mòr na fìdhle

Locheils March
Locheils March

Thathar am beachd gun robh buaidh mhòr aig a’ chlàrsach (a bha ann an Alba mus tàinig an fhìdheall Eadailteach) air ceòl na fìdhle agus na pìoba ann an Alba, gu h-àraidh a’ Chiùil Mhòir. Bha sgilean a bharrachd a dhìth gus Ceòl Mòr na fìdhle a chluich, mar bhoghaireachd diofraichte, gleusadh agus sgeadachadh Gàidhealach, cho math ris an stadadh dhùbailte agus cruth a’ chiùil fhèin. Aig an àm seo, thàinig Ceòl Mòr na pìoba gu bith, ach thathar a’ smaointeachadh gun robh an dà nòs co-aoiseach ach air leth bho cheòl clàrsach an ama.

Tha 17 pìosan fìdhlearachd bho làmh-sgrìobhainnean a bhuineas don t-17mh agus 18mh linn. Chaidh cuid seo a thoirt sìos bho cheòl na clàrsaich. ’S e ‘Cumha Mhic an Toisich’ aon eisimpleir de seo, a nochd mar cheòl mòr na fìdhle ann an ‘Cruinneachadh Phàdruig Dhòmhnallaich’ an 1784. ’S e gleusadh eadar-dhealaichte a tha seo agus an fhìdheall ga gleusadh AEAE, a’ cur fuaim nan dos ris a’ cheòl nuair a tha feum air.

Tha Pìobaireachd Dhòmhnaill Dhuibh air a bhith ann fad còrr is 500 bliadhna. Chan e port fìdhle a th’ ann dha-rìreabh – caismeachd 6/8 ann an stoidhle na pìoba – tha an Ceòl Beag a’ cleachdadh ùrlar a’ Chiùil Mhòir. B’ e Dòmhnall Dubh – ceann-cinnidh nan Camshronach – a bh’ air thoiseach air feachdan nan Camshronach an dà chuid aig a’ Bhlàr Ghairbheach ann an 1411 air taobh Rìgh nan Eilean, agus aig Blàr Inbhir Lòchaidh fichead bliadhna an dèidh sin, air taobh Rìgh na h-Alba an aghaidh nan Dòmhnallach. Chailleadh an dàrna cath, ged a thàrr Dòmhnall Dubh e fhèin às le bheatha. Chan eil fhios an d’ rinneadh an t-òran cho tràth ris an 15mh linn. Chan e brosnachadh catha a th’ ann, mar a shaoilear bho ainm a’ phìos, ach cumha. Chuir Sir Walter Scott ris an troimh-chèile seo agus e a’ cur fhaclan Beurla ann an riochd brosnachadh catha ris an fhonn ann an 1816. Bithear a’ gabhail ‘Caismeachd Loch Iall’ agus ‘Cruinneachadh nan Camshronach’ air cuideachd.

Ro dhùnadh na h-18mh linn, bha Ceòl Mòr na fìdhle air crìonadh. Tha clàraidhean ùra den cheòl seo le Bonnie Rideout air ‘Scotland’s Fiddle Pìobaireachd’ 1 & 2, agus air ‘Harlaw’ – air an riochdachadh leis an eòlaiche Albannach Dr Iain Purser.

Ceòl Mòr ùr

Scott Skinner
Scott Skinner

San 20mh linn, chaidh an tradaisean ath-nuadhachadh le grunnan tàlantach. Am measg na feadhna a rinn ath-leasachadh agus sgrìobhadh ùr don Cheòl Mhòr, tha Paul Anderson (Obar Dheathain), Iain Hardie nach maireann (Inbhir Narainn), neach-cluich cello Daibhidh MacIain (Eilean Leòdhais), agus Scott Skinner leis a’ phìos ainmeil ‘Dargai’.

Cha bu mhath dhuinn leigeil an dearmad an liuthad cheòladairean Gàidhealach agus chruinnichearan phort a thug an sealladh iongantach seo dhuinn air na bha a’ dol san t-17mh agus 18mh linn. Bha cuid de na pìosan ciùil sean nuair a chaidh an cruinneachadh. Bha mòran chruinnichearan a’ sgrìobhadh ciùil cuideachd agus bhiodh iad a’ cur nam pìosan aca fhèin ris na cruinneachaidhean clò-bhuailte, no a’ cur ainmean ùra air seann cheòl, agus mar sin tha e doirbh fhaighinn a-mach dè cho sean sa tha cuid. ’S e tobraichean feumail a th’ anns na cruinneachaidhean a rinn Pàdraig Dòmhnallach, Simon Friseal, Aonghas Friseal (athair Shimon), Daniel Dow, Iain Buidhe, Rob Donn agus Uilleam Gunnach (de cheòl na pìoba). Faodaidh na h-ainmean Beurla a bhith car faoin uaireannan, ach bhiodh na h-ainmean Gàidhlig a’ nochdadh ann cuideachd – rud a tha gu math feumail. Bha a’ chuid a bu mhotha den luchd-chruinneachaidh a’ còmhnaidh air Gàidhealtachd.

Leughadh a bharrachd agus ceanglaichean feumail:

  • Christine Martin, ‘Traditional Scottish Fiddling’. An t-Eilean Sgitheanach, Taigh na Teud, c2002. Comharra-sgeilp Mus.Box.q.43.32; Mus.38.39L
  • Christine Martin, Susie Petrov agus Dougie Pinnock (arr.). We're A' Connected : 95 Traditional Scottish songs alongside their dance tune arrangements for fiddle & pipes. An t-Eilean Sgitheanach: Taigh na Teud, c2005.
  • Leabhraichean-d de sheann leabhraichean phort
  • Cruinneachadh Uilleim Ghunnaich