An Dualchas Beò : Ceòlas Uibhist

Photo of music session
Seall barrachd

Air a fhreumhachadh ann an coimhearsnachd Ghàidhlig Uibhist a Deas, tha Ceòlas na shamhla air dìleab dhualchas Cheap Breatainn agus Innse Gall. Bidh a’ bhuidheann a’ cur air adhart ’s a’ brosnachadh cànan, ceòl agus dannsa tro ionnsachadh agus cluich.

An toiseach ga stèidheachadh mar sgoil shamhraidh ann an 1996, b’ e amas an tachartais ceòl agus dannsa Gàidhealach à Gàidhealtachd na h-Albann Nuaidhe a thilleadh do dh’Alba. Tha a’ bhuidheann air fàs bho sgoil aona-seachdaineach gu bhith a’ lìbhrigeadh prògram fad na bliadhna ann an Uibhist, an Alba agus air feadh an t-saoghail. Bidh Ceòlas a-nise ag obair gus ar dìleab eileanach a chraobh-sgaoileadh.

’S e an sgoil shamhraidh am prìomh thachartas sa bhliadhna agus i a’ ruith air a’ chiad seachdain den Iuchar ann an Dalabrog, Uibhist a Deas. Bidh oideachadh ann an ceòl is dannsa Gàidhealach ann, a’ gabhail a-steach òran, pìobaireachd, fìdhlearachd, clàrsaireachd, dannsa-ceum agus ruidhleachan, còmhla ri cànan nan Gàidheal. Bidh luchd-teagaisg às Alba agus Canada, cuid mhath aig a bheil buntanas ri Uibhist, a’ tighinn an cois thìdsearan is na coimhearsnachd ionadail, a’ co-measgachadh an dualchais bheò agus an diaspora cruinneil. Tron latha, bidh oileanaich na sgoile ag ionnsachadh òran, phort is cànan ann an clasaichean, agus tron oidhche, gheibh iad cothrom an dùthchas fhiosrachadh mar bu nòs, ann an tallachan-baile agus taighean-cèilidh.

Bidh Ceòlas a’ ruith fhèilltean eile airson òran, ceòl is dannsa Gàidhealach a bhrosnachadh, an leithid ‘Fèis Chullaig’ aig a’ bhliadhna ùr agus ‘Moladh Uibhist’ as t-earrach. ’S e fèis òran a th’ ann am ‘Moladh Uibhist’, le seiseanan air an gabhail le òranaichean tradaiseanta às an sgìre, a’ chuid as motha dhiubh a fhuair an cuid òran ag èisteachd ris a’ ghinealach a bu shine. Bidh òrain mu dheidhinn Uibhist, no le bàird Uibhisteach, air an ionnsachadh san nòs thradaiseanta (neo san “t-seann-nòs” mar a th’ aig cuid air).

Thòisicheadh ‘Moladh Uibhist’ ann an 2014 airson toraidhean a sgaoileadh an lùib a’ phròiseict thar-Eòrpaich European Oral Song Traditions (EOST), a mhair dà bhliadhna. Bha am pròiseact, san robh Ceòlas ag obair còmhla ri buidhnean eile às an Fhrang, an Fhionnlainn agus Estonia, a’ sgrùdadh agus a’ clàradh dualchas nan òran ann an coimhearsnachdan mion-chànain agus a’ brosnachadh co-obrachadh. Bha na toraidhean iongantach. Ann an Uibhist fhèin, chomharraicheadh còrr is 1,000 òran le triùir luchd-rannsachaidh thar trì mìosan. Bha mu dhà cheud de na h-òrain seo gun fhoillseachadh. Mar thoradh air a’ phròiseact seo, thug Ceòlas a-mach 2 CD, 2 leabhar, 1 goireas bàrdachd a th’ air a chleachdadh ann an sgoiltean fhathast, agus iomadh cuspair co-labhairte.

B’ e aon toradh eile bhon phròiseact seo gun deach buidheann seinn Ghàidhlig a stèidheachadh ann an Uibhist, ‘Guthan an Iar’. A’ gabhail a-steach Ghàidheal agus luchd-ionnsachaidh, bidh a’ bhuidheann ag ionnsachadh agus a’ seinn òrain às an eilean. Bho chaidh a stèidheachadh ann an 2014, tha iad air seinn ann an Glaschu, Dùn Èideann agus Lunnainn aig cuirmean, cèilidhean agus fèisean an leithid Celtic Connections agus a’ Fringe. Tha iad a’ nochdadh air a’ chlàr EOST ‘Gaoth an Iar’, agus air dà CD eile ann an 2018.

Audio

Iain Aonghas Mac a’ Ghobhainn (à “Oirfeid Uibhist”, CEOLASCD001, foillsichte 2008)

Cluich
Audio

Òran na h-Airship (à “Ceòl Uibhist II”, CEÒLAS1109, foillsichte 2009)

Cluich
Audio

Cille Bhrìghde Mo Ghràidh / Iain a Luaidh Nach Pòs Thu (à “Ceòl Uibhist II”, CEÒLAS1109, foillsichte 2009)