Homepage banner

An Dualchas Beò

A’ tarraing à tobraichean domhain ceòl nan Gàidheal, bidh iomadh buidheann is ceòladair a’ saothrachadh gus ceòl Gàidhealach a chumail beò air an latha an-diugh tro bhith ga ùrachadh don linn a th’ ann agus a’ cruthachadh shuidheachaidhean beòthail tarraingeach anns an tèid a chraobh-sgaoileadh fad is farsaing. Tha an dà bhuidheann an seo nan eisimpleir air mar a bhitheas an dualchas beò a’ cumail ceòl nan Gàidheal ùr is buntainneach do gach cuid, an luchd-ciùil agus an luchd-èisteachd.