An Dualchas Beò : Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd

Sgoil Chiùil Na Gàidhealtachd logo
Seall barrachd

Stèidhicheadh Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc ann an 2000 le maoineachadh bho Mhaoin Sàr-mhaitheis Riaghaltas na h-Alba. Bhon uair sin, tha i air cliù a chosnadh mar àite far an leasaich òigridh thàlantach an cuid sgilean ann an ceòl tradaiseanta. ’S e pròiseact còmhnaidheach do dh’oileanaich na h-àrd-sgoile ann am foghlam ann an Alba a th’ ann, suidhichte ann an Àrd-sgoil a’ Phluic sa Ghàidhealtachd an Iar.

’S ann a gheibhear a-steach air deuchainn-chluiche, agus faodaidh sgoilearan falbh ann aig bliadhna sam bith tron àrd-sgoil. Ionnsaichidh iad cluich agus seinn (an dà chuid beò agus san stiùidio), sgrìobhadh agus eagrachadh ciùil, eachdraidh agus co-theacs a’ chiùil thradaiseanta, ceàrd fear/bean-an-taighe, teicneòlas ciùil, agus farsaingeachd eile de na sgilean nach b’ fhuilear don cheòladair phroifeiseanta. Bidh na h-oileanaich gan cumail trang le cluiche, agus bidh an t-Ionad a’ cur a-mach CD coimeirsealta gach bliadhna. ’S e cunntas claisneach a th’ anns a’ ChD seo, agus tha a riochdachadh na pàirt stèidhichte den bhliadhna. Tha an t-ionnsachadh ga lìbhrigeadh le ceòladairean proifeiseanta fiosrachail, agus ’s e an t-amas gun tèid na h-oileanaich a dheisealachadh airson foghlam a bharrachd air neo dreuchd ann an ceòl, mas e sin a tha bhuapa.

Tha e cudromach cuimhneachadh, ge-tà, nach eil an t-Ionad ann do cheòladairean proifeiseanta a-mhàin. Tha gu leòr den luchd-ceumnachaidh air diofar dhreuchdan a leantail, ach bheir iad an ceòl leotha ge brith càit an tèid iad. ’S e aon de na h-Amasan a th’ aig an Ionad “Gus tuigse a thoirt do na h-oileanaich againn air dualchas, agus an t-àite a th’ aca fhèin ann.” Bidh na h-oileanaich a thig dhan Ionad comasach air a’ cheòl aca fhèin, ach chan ainneamh nach eil aire aca air na freumhan ciùil a th’ aig càch. Leis gum bi òigridh a’ tighinn dhan Ionad bho air feadh na h-Alba, bidh aire ga togail nam measg air dualchasan ciùil càch a chèile, agus sin a’ lìonsgaradh nuair a thogas na h-oileanaich orra an dèidh na sgoile.

Tha uallach air an Ionad airson gach dualchas ciùil ann an Alba, ach air sgàth na sgìre aice, agus leis gu bheil cuid mhath de na h-oileanaich a’ buntainn ris a’ Ghàidhealtachd, tha deagh làthaireachd aig ceòl na Gàidhlig ann. A bharrachd air an taobh seo, ’s e inneal fheumail a th’ ann an ceòl Gàidhlig airson teagaisg cuid de na comasan a bhios an t-Ionad a’ riatanachadh. Tha cudromachd air seinn aon-neach san dualchas Ghàidhlig, ach bidh an t-Ionad cuideachd a’ cur cuideam air cluich còmhla ri daoine eile agus leasachaidhean ùr-nòsach ann an dualchas a’ chiùil thradaiseanta.

Tha na ruidheaman agus fuinn a gheibhear ann am puirt-à-beul agus sna h-òrain luaidh glè fhreagarrach sna suidheachaidhean seo, agus iad a’ toirt cothrom math do dhaoine le ionnsramaidean a bhith a’ cur ris na sgilean ciùil-thaice aca. Tha dualchas mòr farsaing aig ionnsramaidean ann an saoghal nan Gàidheal, gu h-àraidh a thaobh ceòl na pìoba agus na fìdhle, agus ’s e tobraichean beairteach de phuirt a th’ annta seo do neach- agus luchd-ciùil.

Bidh na clàraidhean-fuaim air an duilleag seo a’ sealltainn mar a dhèiligeas an t-Ionad ri òrain Ghàidhlig. Tha gach òran tradaiseanta, agus an suidheachadh a’ freagairt air brìgh gach òrain, ach cuideachd tha ùrachadh beag nan cois a tharraingeas an luchd-èisteachd riutha.

Thuirt Stiùiriche na Sgoile Dougie Pincock:
“’S e a bhith a’ cumail tuigse ris na h-oileanaich air an àite aca fhèin an cois slabhraidh dualchasan ceòl na h-Alba air aon de na dleastanasan as cudromaiche againn, ach tha e na urram agus na thlachd mòr faicinn mar a chòrdas e riutha a bhith ag ionnsachadh agus a’ cluich a leithid a’ chiùil mhìorbhailich ’s a th’ againn ann an Alba. ”

Nochd na h-earrannan a leanas sna nòtaichean airson gach òrain anns an CD san do nochd iad:

  1. Tobair Tobair Siollaidh (à “First Class”, SCGCD001, foillsichte 2001)
    Chaidh an t-òran seo ionnsachadh dhuinn le Màiri Anna NicUalraig, agus ’s e geas a rachadh a sheinn an àm tarraing uisge às an tobar. Mar a bh’ ann, cha robh ann ach aon rann, ach chuir sinn earrannan ionnsramaideach ris airson a leudachadh a-mach.
  2. Smeòrach Chlann Dòmhnaill (à “Duck!”, SCGCD005, foillsichte 2005)
    ’S e rainn thaghta a tha seo às an òran le Iain mac Fhearchair, bàrd do Shir Seumas MacDhòmhnaill Shlèibhte, an 8mh Tighearna Shlèibhteach. Bhuineadh Iain do dh’Uibhist a Tuath, far an robh fearainn le MacDhòmhnaill Shlèibhte. Tha an t-òran a’ sìor-fhàs na mholadh do Chlann Dòmhnaill, agus an t-òran seo a’ sìor-fhàs na ho-ro-gheallaidh.
  3. Macreach An Each Dubh A Sassain (à “The Right Path”, SCGCD016, foillsichte 2016)
    ’S ann mu each, agus Raghnall MacDhùghaill à Uibhist am marcaiche, a fhuair òr bhon rìgh airson cruaidhean òir a chur air an each. Chuala Raibeart MacAonghais, am prìomh sheinneadair, e air a’ chlàr aig Raonaid Walker ,“Air Chall”, agus dh’ionnsaich e an t-òran anns na leasain aige còmhla ri Raonaid, a tha bhios a’ teagasg òrain Ghàidhlig aig an Ionad.
  4. Buain A’ Choirce (à “Brick By Brick”, SCGCD017, foillsichte 2017)

’S e òran às an dualchas a tha seo a chuala sinn an tòiseachd air a’ chlàr “Glen Lyon: A Family Song Cycle” le Mairead agus Martyn Bennett. ’S ann mu bhoireannach a shuidh sìos an dèidh dhi a glùn a gheàrradh a’ buain a’ choirce, agus i a’ siubhail airson duine sam bith aig a bheil coltas an fhir ghaolaich aice.

Audio

Tobair Tobair Siollaidh

Cluich
Audio

Smeòrach Chlann Dòmhnaill

Cluich
Audio

Macreach An Each Dubh A Sassain

Cluich
Audio

Buain A’ Choirce (à “Brick By Brick”, SCGCD017, foillsichte 2017).

Cluich