Songs banner

Suidheachadh Eachdraidheil

Tha ceòl nan Gàidheal agus ceòl na h-Alba mar as trice eadar-dhealaichte bho cheòl dualchasach dhùthchannan eile leis nach eil crìoch shoilleir ann eadar an ceòl dualchasach sin agus an ceòl ‘clasaigeach’. Le ceòl clasaigeach, ’s ann tro chaochladh chruthan sgrìobhte a thèid an ealain a dhèanamh agus a thoirt air adhart. Mar as àbhaist, thèid ceòl dùthchasach a thoirt air adhart leis a’ chluas, seach ann an riochd sgrìobhte. Ach ann an Alba, bithear a’ cleachdadh an dà chuid an cois ceòl dualchasach gus an ceòl a thoirt do luchd-èisteachd air taobh a-muigh nan coimhearsnachdan chiùil.

Ceòl do na h-Uile

Margaret Sinkler’s manuscript book
‘Margaret Sinkler’s Manuscript Book’ of 1710.

Thèid ceòladairean ‘clasaigeach’ cuideachd an lùib ceòl dualchasach. Bha ceòl dualchasach na h-Alba ga chluinntinn sna lùchairtean rìoghail fad linntean agus bha ùidh a-riamh aig sluagh na b’ fharsaing anns a’ cheòl na ’n luchd-èisteachd sa choimhearsnachd dhualchasach.

Collection of Original Scotch Tunes
‘Collection of Original Scotch Tunes’

Bha seo eadar-dhealaichte bho na bha dol, can, ann an Èireann, agus an ceòl sin gun a sgrìobhadh sìos gu fada às dèidh làimhe ann an coimeas ri ceòl dualchasach na h-Alba. Ro ‘Collection of the Most Celebrated Irish Tunes’ le Iain agus Uilleam Neal ann an 1724, bhiodh ceòl na h-Èireann a’ nochdadh ann an làmh-sgrìobhainnean is foillseachaidhean ciùil Albannach is Sasannach, mar eisimpleir ‘Làmh-sgrìobhainn Mhairead Sinkler’ ann an 1710 (Comharradh-sgeilpe MS3296 / Glen.143(i)). Nochd a’ chiad fhoillseachadh anns nach robh ach ceòl Albannach ann an Lunnainn ann an 1700. B’ e seo ‘Collection of Original Scotch Tunes’ (Comharradh-sgeilpe: Ing.4) le Eanraig Playford, ach bha ceòl Albannach air nochdadh roimhe, mar as àbhaist cuide ri ceòl Sasannach agus Cuimreach.

Ceòl Albannach a’ fàs

Bhidio

Bhodhan aridh m’ braigh Rannoch

Cluich

Mheudaich àireamh foillseachaidhean ceòl na h-Alba agus an fhèill a bh’ orra san 18mh linn. Ged a chailleadh stòrasan tràth de cheòl Gàidhealach agus chaidh ceòl eile às an fhasan, ghabhar ath-lorg a dhèanamh orra tro na tùsan eile a mhaireadh. Tha làmh-sgrìobhainnean is foillseachaidhean ceòl na h-Alba a’ cumail nan seann phìosan beò le bhith a’ brosnachadh rannsachadh agus ionnsachadh chun an latha an-diugh.

A-nis, cho math ri ionnsachadh air a’ chluas gun taic a’ chiùil sgrìobhte, tha an ùidh a th’ aig ceòladairean tradaiseanta ann an ionnsachadh mu sheann tùsan agus seann chleachdaidhean cluiche a’ fàs.

Tha clàraidhean-raoin agus seann chlàraidhean coimeirsealta nan tùsan a bhios a’ cluich nam pìosan iad fhèin, ach tha e cudromach cuimhneachadh gu bheil ceòl dualchasach buailteach air atharrachadh tro na ginealaichean.

Ga thoirt seachad: leis a’ bheul (duine-ri-duine agus tro chlàraidhean-fuaime)

Canntaireachd of Neil McLeod of Gesto
Canntaireachd of Neil McLeod of Gesto
Edison Gold Moulded Cylinder Record, ca. 1904 License: GNU FDL
Edison Gold Moulded Cylinder Record, ca. 1904 License: GNU FDL
Bhidio

Chiu ri ruo

Cluich

Mar bu dual, thèid ceòl dualchasach aiseag tro theaghlaichean agus choimhearsnachdan leis a’ bheul agus air a’ chluas.

Mar bu trice, thèid na puirt no na h-òrain a bhriseadh ann an pàirtean nas lugha, a thigeadh an cluich leis an oide, dh’fhaoidte gu socrach, agus an t-ionnsaichear ga chluich às a dhèidh. Thèid na pàirtean a chur còmhla agus a chluich a-rithist ’s a-rithist gus a bheil an t-ionnsaichear cofhurtail leis fhèin. ’S e seo an dòigh-teasgaisg as cumanta fhathast air an latha an-diugh.

Tha canntaireachd an lùib ionnsachadh na pìoba, agus, air uaireannan, na fìdhle. Ged a tha canntaireachd mar as trice air a seinn, faodar a sgrìobhadh. Mar dhòigh-teagaisg ciùil, tha i gach cuid beul-aithriseach agus sgrìobhte air a seinn agus air a sgrìobhadh. Tha eisimpleirean de channtaireachd sna cruinneachaidhean ciùil aig an Leabharlann, mar an cruinneachadh ainmeil le Niall MacLeòid à Geusto (Comharra-sgeilp: Mus.D.s.138).

Dòigh ùr air ionnsachadh air a’ chluas

Thòisicheadh clàradh san 19mh linn. B’ e siolandairean cèire agus fonographan (clàran shellac), a chlàradh aig 78 rpm (caran gach mionaid), na prìomh dhòighean gus clàraidhean a dhèanamh bho na 1880an a-mach.

An dèidh an Dàrna Cogaidh, b’ e clàraidhean ruidhle-ri-ruidhle a thàinig gu prìomhachas. Rachadh a chleachdadh gach cuid gu proifeiseanta, aig an taigh-sheinnse agus aig an taigh. Leig seo le ceòladairean a bhith ag ionnsachadh bho chlàraidhean, cho math ri ionnsachadh duine-ri-duine. Tha seo a’ dol fhathast agus e air aon de na h-adhbharan gu bheil ceòl Albannach cho aithnichte air feadh an t-saoghail..

Cruthan ag atharrachadh

Tha dòighean clàraidh ag atharrachadh fhathast. An dèidh ruidhle-gu-ruidhle, thàinig clàradh na cèiseige (teipichean cassette). Dh’fhalbh clàraidhean vinyl is thàinig CDan. Mar a bu dhidseataiche a chaidh an gnothach, dh’èirich clàraidhean mp3.

An-diugh, tha iomadh clàradair didseatach a leigeas leat càileachd àrd de dh’fhuaim a bhith agad ann an àite sam bith. Tha clàradh-fuaime proifeiseanta nas fhasa agus tha nas motha de cheòladairean a’ dèanamh agus a’ sanasachd nan clàraidhean aca fhèin. Tha teicneolas an latha an-diugh fiù ’s a’ leigeil leis an luchd-ionnsachaidh a bhith a’ gabhail air an socair ag èisteachd ri clàraidhean gun an gleus atharrachadh. Tha seo a’ dèanamh ionnsachadh bho chlàraidhean nas fhasa.

Ga thoirt seachad: le sgrìobhadh (puingean-chiùil, canntaireachd, sol-fa)

Collection of Original Scotch Tunes
‘Collection of Original Scotch Tunes’
Highland Vocal Airs (1784)
Highland Vocal Airs (1784)
Airs and melodies peculiar to the Highlands of Scotland (1816)
Airs and melodies peculiar to the Highlands of Scotland (1816)"

B’ ann air a’ chluas a bu mhotha a bhiodh ceòl nan Gàidheal ga thoirt seachad. Ge-tà, chuir ceòladairean tradaiseanta feum air dòighean eile gus an ceòl a sgaoileadh air taobh a-muigh nan coimhearsnachdan aca. Ghabhadh seo dèanamh ann an caochladh dhòighean.

Canntaireachd

Tha canntaireachd ga chleachdadh airson a’ phìoba ionnsachadh, an dà chuid air a seinn agus air a sgrìobhadh. A rèir ‘The Oxford Dictionary of Music’, ’s e a th’ ann an canntaireachd ach ‘dòigh-riochdachaidh annasach do cheòl na pìoba Albannaich, sam bheil lidean a’ seasamh airson bad nòtaichean aithnichte.’ Ged a thòisich sgrìobhadh ceòl na pìoba mòire tràth sna 1800an, tha an ceòl fhèin nas sine agus chan iongnadh gum biodh dòigh aig na Gàidheil air an ceòl toinnte seo ionnsachadh. Tha am facal fhèin a’ ciallachadh seòrsa de sheinn. Tha fuaimean is lidean a’ riochdachadh an fhuinn agus gabhaidh ceòl ionnsachadh leatha.

Pongan ciùil sgrìobhte

’S e pongan ciùil sgrìobhte (staff notation) an dòigh as so-ruigsinneachd air ceòl ionnsachadh do cheòladairean eile, gu h-àraid cheòladairean clasaigeach. Chaidh puirt is òrain Ghàidhlig agus ceòl na pìoba is na fìdhle a chruinneachadh agus fhoillseachadh leis an dà chuid ceòladairean tradaiseanta agus ‘clasaigeach’. Rinn seo an ceòl nas fhasa ionnsachadh don fheadhainn a leughadh ceòl sgrìobhte.

An toiseach, dh’fhoillsicheadh òrain Albannach an cois chruinneachaidhean òran Sasannach, Èireannach is Cuimreach, mar eisimpeir ‘Choice new songs’ (1684) le John Playford no ‘Wit and mirth: or pills to purge melancholy’ (1699) le Henry Playford. B’ e a’ chiad chruinneachadh anns nach robh ach fuinn Albannach ‘A Collection of Original Scotch-Tunes, (Full of the Highland Humours) for the Violin: Being the First of this Kind yet Printed’ (1700) le Henry Playford (Comharra-sgeilpe: Ing.4).

Am measg nam foillseachaidhean mòra Albannach is Gàidhealach:

  • ‘Collection of Highland Vocal Airs’, MacDhòmhnaill (1784)
  • ‘Airs and melodies peculiar to the Highlands of Scotland’, Frisealach (1816)
  • ‘Albyn’s anthology’, Caimbeulach (1816)
  • ‘Ancient Martial Music of Caledonia called Pìobaireachd’, MacDhòmhnaill (1822)
  • ‘Collection of piobaireachd’, MacLeòid Geusto (1828)
  • ‘Collection of Ancient Piobaireachd or Highland Pipe Music’, MacAoidh (1838)

Chithear bho liosta fo-sgrìobhaidhean Cruinneachadh MhicDhòmhnaill (1784) gun robh iomadh duine a’ cur taic ris mu choinneamh foillseachadh. Nam measg, bha uachdarain is daoine-uaisle, clèirich, tìdsearan, saighdearan, marsantaich, ceòladairean, eachdraichean agus foillsichearan ciùil. Bhuineadh iad ris a’ Ghàidhealtachd, na h-Eileanan, bailtean beaga Sasannach is Albannach agus bailtean mòra an leithid Lunnainn is Dhùn Èideann.

Òrain fhèillmhor

Mrs Macleod of Raasay. Shelfmark: Glen.384
Mrs Macleod of Raasay. Shelfmark: Glen.384

San 18mh agus 19mh linn, dh’fhàs fèill air òrain Albannach ann an Lunnainn – òrain Ghallta ach cuideachd feadhainn às an dualchas Ghàidhealach; faic mar eisimpleir an ceangal a th’ eadar port fìdhle ‘‘Mrs MacLeod of Raasay’’ agus òrain Ghàidhlig ‘Mac-a’-Phì’ agus ‘Stad a Mhàiri Bhanarach’.

Òrain fhèillmhor eile:

Laigsean nam pongan ciùil

Mo Dhachaidh from Coisir a Mhòid. Shelfmark: Blair.351
Mo Dhachaidh from Coisir a Mhòid. Shelfmark: Blair.351

Chaidh tionndaidhean bunasach den cheòl Albannach a riochdachadh sa cheòl sgrìobhte seo, tric le sgeadachaidhean a bharrachd a’ feuchainn ris an stoidhle Albannach a thoirt seachad. Ge-tà, chan urrainn gun nochd gach oisean den chluich, eadar gleus is ruithim, sna pongan. Bha cruinnichearan a’ chiùil Ghàidhealaich mothachail air na laigsean seo sa cheòl sgrìobhte:

‘Although many of the Luinigs are very pleasing, when sung by a Highlander with that animation and enthusiasm with which they never fail to inspire him, yet they may appear but trifling and insipid, perhaps, when played from notes by a person who never heard them sung, and who has no portion of that enthusiasm.’ (Pàdraig MacDhòmhnaill, 1784)

’S e an dòigh as fhèarr airson ionnsachadh ceòl dualchasach na h-Alba air a’ chluas, bidh sin duine-ri-duine no bho chlàraidhean.

Bhidio

‘Slionar eubh’ agus iolach

Cluich

Sgrìobhadh sol-fa

From Twenty-third Mod to be held in Oban, 1920
From Twenty-third Mod to be held in Oban, 1920
Coisir a' mhoid Book 5 1938-1947
Coisir a' mhoid Book 5 1938-1947
Bhidio

Phiὺrag nan gaoll

Cluich
Bhidio

‘S fliuch an oidche nochd, ‘sgur fuar i

Cluich

Chaidh dòigh inntinneach air sgrìobhadh ciùil a chruthachadh san 19mh linn ’s e a’ cleachdadh charactaran: sgrìobhadh sol-fa. B’ e tìdsear ciùil à Norwich, Sarah Anna Glover (1785-1867), a rinn e agus sgaoileadh e leis na foillsichearan ciùil John Curwen agus John Spencer Curwen bho mheadhan na 19mh linn a-mach.

Tha an siostam stèidhichte air canntaireachd Ghuidionach (Guidonian solmization), agus na lidean gan riochdachadh ann an sol-fa (m.e. do, re, mi, fa, sol, la, ti, do) agus litrichean (m.e. d, r, m, f, s, l, t, d). Tha ruithim ga thoirt a-steach le beàrnan is puingeachadh.

Ged a chaidh an siostam seo às an fhasan mu mheadhan na 20mh linn, thathas ga chleachdadh fhathast ann an ceòl Gàidhlig, an leithid ceòl a’ Mhòid. Bidh An Comunn Gàidhealach a’ foillseachadh ciùil san dà dhòigh.

Ath-shuidheachaidhean airson ceòl clasaigeach

Bhiodh mòran cheòladairean Albannach, cho math ri foillsichearan ciùil Albannaich, a’ gluasad eadar Sasann agus mòr-roinn na h-Eòrpa, gu h-àraidh sna 18mh agus 19mh linntean. An lùib sin, shaothraich iad gum biodh ceòl Albannach fosgailte do luchd-èisteachd na b’ fharsaing.

Ràinig òrain Ghàidhlig margaidean-ciùil Lunnainn tro fhoillseachadh. Rachadh ceòladairean às an Roinn Eòrpa, an dà chuid proifeiseantaich agus amaitrean, an sàs ann an ceòl Albannach tro cheannachd fhoillseachaidhean ciùil.

Ghlaic na fuinn Albannach aire nam foillsichearan agus nan sgrìobhadairean-chiùil. Chuir iad dreach ùr orra mar cheòl clasaigeach an leithid ‘rondo’ (ceòl le ùrlaran gan ath-chluich) no tionndaidhean air an dèanamh dhan inneal pianoforte. Bha fèill gu sònraichte air òrain, ged a bha cuid nach robh às an dualchas idir.

Fo Bhuaidh a’ Chultair Albannaich

Chithear buaidh a’ chultair Albannaich, an leithid Oisein, anns an obair aig cuid de sgrìobhadairean-chiùil Sasannach agus Eòrpach. Bhiodh cuid a’ sgrìobhadh ceòl le blas Albannach le bhith a’ fighe cruth na tìre dùthchail a-steach dhan cheòl. Fhuair ‘Fingal’s Cave’ agus ‘Scottish symphony’ le Mendelssohn brosnachadh bhon turas aige a dh’Alba, ged nach do nochd ceòl Albannach sam bith ann.

Bhiodh Max Bruch, an sgrìobhadair-ciùil romansaich Gearmailteach bhon 19mh/20mh linn, a’ cur ceòl Albannach gu beagan feum sna pìosan aige. Bha Hector Berlioz, an sgrìobhadair-ciùil romansaich Frangach bhon 19mh linn, air a bhrosnachadh aig litreachas Sir Walter Scott, a’ gabhail ‘Waverly’ air aon de na pìosan aige.

Adhartas teicneolasach

Le adhartas an teicneolais san 19mh agus 20mh linn, sgaoil clàraidhean-fuaime mar mheadhan cluich ciùil. Chaidh ceòl dualchasach, a’ gabhail a-steach ceòl Gàidhealach, a chlàradh air siolandairean cèire agus fonographan (clàran shellac; ‘78s’). Rinn seo an ceòl na b’ fhosgailte do dhaoine aig nach robh comas air ceòl sgrìobhte a leughadh.

Gaelfonn

Chuir Murchadh Fearghastan Gaelfonn air dòigh, a’ foillseachadh ceòl Gàidhlig agus cùrsaichean cànain. Èist ri eisimpleirean air duilleag nan Cruinneachaidhean Didseatach..

Dlùth-chruinneas

Bha ceòladairean a’ siubhal bho chionn fhada, tro thursachd no eilthireachd. Chuir an siubhal seo ri iomlaid a’ chiùil san 18mh linn agus dh’fhàs i na bu mhotha san 19mh linn air teachd an rathaid-iarrainn.

Le siubhal a-nise na chur-seachad aig na clasaichean meadhanach, bha ‘turas mòr na h-Eòrpa’ a’ gabhail a-steach Bhreatainn cho math ris an Roinn Eòrpa. B’ ann san linn seo a thàinig tursachd gu bith, agus b’ ann san 20mh linn a sgaoil e mar chleachdadh am measg sluagh na b’ fharsainge buileach.

Sna bliadhnaichean mu dheireadh, leig saoiread an t-siubhail le daoine a bhith a’ falbh gu fèisean ciùil agus chan iongnadh gu bheil ceòl Albannach agus Gàidhealach a-nise a’ tàladh dhaoine bho air feadh an t-saoghail.

Barrachd leughadh

  • Henry George Farmer. A history of music in Scotland. London: Hinrichsen, [1957]
  • Francis Collinson. The traditional and national music of Scotland. London: Routledge and Kegan Paul, 1966.
  • Francis Collinson. The Bagpipe fiddle and harp. Newtongrange, Midlothian: Lang Syne Publishers, 1983.
  • Francis Collinson. The Bagpipe. London: Routledge and Kegan Paul, 1975.
  • Roderick D. Cannon. The Highland Bagpipe and its Music. Edinburgh: John Donald, 1988.
  • Roderick D. Cannon. A Bibliography of Bagpipe Music. Edinburgh: John Donald, 1980.
  • Seonair. Gaelic Names of Pipe Tunes. Kingston, Ont., Canada: Iolaire, 1994.
  • Allan Macdonald. The relationship between pibroch and Gaelic song: its implications on the performance style of the pibroch urlar. M.Litt thesis. University of Edinburgh, Edinburgh, 1995. (online at https://www.cl.cam.ac.uk/~rja14/musicfiles/manuscripts/allanmacdonald/)
  • Anne Lorne Gillies. Songs of Gaelic Scotland. Edinburgh: Birlinn, 2005.
  • George S. Emerson. Rantin’ Pipe and Tremblin’ String. A history of Scottish dance music. London: J. M. Dent, 1971.
  • Roger Fiske. Scotland in music. A European enthusiasm. Cambridge: CUP, 1983.
  • John Purser. Scotland’s music: a history of the traditional and classical music of Scotland from early times to the present day. Edinburgh: Mainstream Publishing, 2007.
  • Bill Dean-Myatt. A Scottish vernacular discography, 1888-1960. Hailsham: City of London Phonograph & Gramophone Society, 2013.
  • Aloys Fleischmann, Mícheál Ó Súilleabháin and Paul McGettrick (eds.) Sources of Irish traditional music, c. 1600-1855. New York : Garland, 1998.