Am Mòd Nàiseanta Rìoghail

1946 Aberdeen Mòd programme
1946 Aberdeen Mòd programme.
1970 Oban Mòd programme
1970 Oban Mòd programme.

’S dòcha gur e am Mòd Nàiseanta Rìoghail, air a chur air dòigh leis a’ Chomunn Ghàidhealach, an tachartas Gàidhealach as motha agus as aithnichte air an t-saoghal. Bidh e a’ toirt àite do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig de gach aois tighinn a dh’fharpais ann an sreath de thachartasan ciùil, litreachais agus spòrs.

Thar còrr is 125 bliadhna, tha an tachartas cliùmhor air a bhith a’ dèanamh obair mhòr gach bliadhna a’ seasamh agus a’ brosnachadh cultar na Gàidhlig an lùib co-chruinneachadh sliochd nan Gàidheal bho air feadh an t-saoghail.

Chithear cunntais mhòr de phrògraman a’ Mhòid agus foillseachaidhean a’ Chomuinn sa Ghailearaidh Dhidseatach.

A’ Chiad Mhòd: 13 den t-Sultain 1892, ann an Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheil, an t-Òban.

‘Chumadh a’ chiad Mhòd den Chomunn Ghàidhealach san Òban Dimàirt. Bha an cruinneachadh uamhraidh soirbheachail, agus bha na farpaisean ciùil agus eile ùidheil togarrach agus bha a’ mhòr-shluagh dha-rìreabh taingeil.’ Tìm an Òbain, 17 den t-Sultain, 1892.

B’ e cumail cruinneachadh bliadhnail am measg amasan ‘Manifesto’ a’ Chomuinn Ghàidhealaich nuair a stèidhicheadh e ann an 1891. Bha e na phàirt bhunaiteach de chuid amasan a bhith a’ leasachadh agus a’ brosnachadh litreachas agus ceòl nan Gàidheal, cho math ri ionnsachadh a’ chànain.

1900 edition of Choisir-chiuil.
1900 edition of Choisir-chiuil.

Bha deasbad gu leòr mun ainm, agus ‘Fèis-ciùil’ agus ‘Mòd-ciùil’ am measg nam molaidhean tràtha, ach mu dheireadh, b’ e am facal sìmplidh ‘Mòd’ a thugadh air. Leanadh eisimpleir an Eistedfodd Chuimrich, agus tha ceanglaichean làidir aig a’ Chomunn ris fhathast.

Ron chiad Mhòd, thàinig e a-steach orra nach robh ceòl gu leòr a bha iomchaidh air fhoillseachadh do fharpaisean nan còisir, agus mar sin dh’fhoillsicheadh ‘A’ Chòisir-chiùil’ ann an 1892 mu choinneamh na h-easbhaidhe seo. B’ e Gilleasbuig MacFhearghais, stiùiriche Còisir Ghàidhlig Eaglais Chaluim Chille, a chuir ri chèile e. Tha seo a’ sònrachadh pàirt mhòr leantaileach dhen Mhòd – foillseachadh phìosan agus rèiteachaidhean-chiùil ùra airson nam farpaisean bliadhnail, ag ùrachadh a’ chiùil thradaiseanta agus ga chur fa chomhair an t-sluaigh.

Chaidh cuid de chòisirean a chruthachadh às ùr, agus chaidh feadhainn eile ath-chruthachadh airson a’ Mhòid seo, ach b’ e glè bheag de sheinneadairean aona-neach a chaidh a-staigh air a shon agus bha aig a’ Chomunn ri farpaisich fhiathachadh ann. Ge-tà, fhuaireadh togail mhòr bho làithreachd Mhàiri Mhòr nan Òran ris nach robh dùil. Cha do chuir i a h-ainm a-steach ro làimhe, ach chaidh i an lùib farpais seinn aona-neach.

Bha am Morair Gilleasbaig Caimbeulach, mac Diùc Earra-Ghàidheil, na fhear-cathrach agus dh’fhosgladh e le òran fàilteachaidh a rinn Iain Caimbeul, Bàrd na Leidige:

Failte Do ‘n mhod

Fàilte don chomunn tha cumail a-suas
Na cànain tha lasadh ‘nar cridhe gach uair;
Ge b’ e àite san tàmh sinn air uachdar an fhuinn,
Gràdh dar cànain ’s dar dùthaich cha chaill sinn a-chaoidh.

Cia cho sgapte ’s am bi sinn measg dhùthannan cèin,
Tha smuaintean ar cridhe mar ghathan na grèin’,
A’ gearradh ron astar ‘s a’ sracadh ron cheò,
‘S gar giùlan san spiorad gu làithean ar n-òig.

A’ dh’èisteachd nan òran cho blast’ is cho binn,
A chluinntinn nan sgeulachd mu Oisean ’s mu Fhionn;
A dh’fhaicinn nam beanntan is gleanntaidhean fhraoich
’S an d’fhuair sinn ar n-àrach ’s an tràth thug sinn gaol.

Tha caochlaidhean mòr’ tighinn air dùthaich ar cridh’,
A cànain ’s a gnàthas gun tàmh a’ dol sìos;
Ach taing do gach aon chuir an làmh ris a’ chrann,
A chumail air chuimhn’ gach deagh chleachdainn a bh’ ann.

Tha dùrachd ar cridh’ leis a’ chomunn gach tràth,
A thrusadh ’s a ghleidheadh seann eachdraidh is dhàn,
Gach òran is sgeulachd tha snàmh feadh ar tìr,
Mun tèid iad am mùgha ’s nach faight’ iad gu sìor.

Bha deich farpaisean ann, ach “farpais nan còisirean, san robh ceithir còisirean, a bha gun cheist air thòiseachd air farpaisean eile a’ Mhòid. Bha na còisirean air ullachadh cùramach a dhèanamh agus ghiùlain iad iad fhèin le modh a thug urram do na stiùirichean aca.” Tìm an Òbain, 17 den t-Sultain 1892.

B’ e farpais theann a bh’ ann, agus dh’iarr na britheamhan orra seinn dà thuras. Ghlèidheadh Còisir Ghàidhlig Eaglais Chaluim Chille, agus bha Còisir Ghàidhlig Bhaile a’ Chaolais agus Co-chomann Ceòl Gàidhlig an Òbain le chèile san dàrna àite.

Bha coinneamh ghnìomhachais ann an dèidh nam farpaisean, agus chaidh Iain Mac an Tòisich às an Òban a stèidheachadh mar chiad Ionmhasair agus Rùnaire ann an Gnìomh a’ Chomunn, le tuarastal £10 sa bhliadhna.

Thugadh an latha gu ceann le ‘cuirm mhòr Ghàidhlig’, san robh HRH Bana-phrionnsa Louise agus a duine am Marcas Latharnach an làthair. Sheinn na còisirean agus na seinneadairean aona-neach, agus chluich Còmhlan-pìoba Inbhir Aora.

Tha aithisg fhiosrachail den chiad Mhòd a’ nochdadh ann an Tìm an Òban, 17 den t-Sultain 1892 (comharra-sgeilpe an Leabharlainn Nàiseanta: Mf.N.67).

An Dàrna Mòd: 12 den t-Sultain 1893, ann an Tallaichean Cruinneachaidh Earra-Ghàidheil, an t-Òban

1893 Mòd programme
1893 Mòd programme

Lean an dàrna Mòd an t-aon chruth ris a’ chiad fhear, ach bha dusan farpais ann, mar a chithear sa phrògram. Cho math ri farpaisean seinn, bha farpaisean ann an ‘Sgrìobhadh ri Labhairt do dh’Òigridh’, ‘Sgeulachd Neo-fhoillsichte as Fhèarr’ agus Duais a’ Mhorair Gilleasbaig Caimbeul airson ‘Seinn Ghàidhlig le Ceòl-taice na Clàrsaich’.

Ged a bha prògram an ath Mhòid ann an 1894 glè choltach, tha cuirm deireadh a’ Mhòid ga sanasachd air a’ chòmhdach – deagh eisimpleir air mar a bha taobhan sòisealta a’ Mhòid a’ fàs. Stèidhich an dà Mhòd seo an cruth bunaiteach a th’ air a’ Mhòd an-diugh.

Farpaisean a’ Mhòid

Bhon fhìor-thoiseach, bha farpaisean ann an seinn aona-neach, còisirean, cluich ionnsramaid, aithris, deachdadh, eadar-theangachadh agus sgrìobhadh ùr, aig ìre na h-òigridh agus nan inbheach. Bhiodh duaisean is buinn ùra gan cur ris an àireamh mar thoradh air tabhartaichean ùra, agus feadhainn eile air guidhe a’ Chomuinn.

Cha robh cuid de dh’fharpaisean gun chonnspaid. Mar eisimpleir, b’ e amas Sgiath MhicShimidh is Thulaich Bhàrdainn a bhith a’ gabhail a-steach tuilleadh chòisirean sa Mhòd 1903, ach dh’adhbharaich sin deasbad mu bhith a’ sparradh co-sheirm còisire air òrain thradaiseanta Ghàidhlig. Thugadh farpais a’ bhuaidh a-mach air connspaid, agus ’s e duais mhòr fharpaiseach a th’ anns an sgiath an-diugh. Chuireadh farpais nan còmhlan (ceòl folk) ris anns na 1960an, a’ freagairt air fàsanan ceòl an ama sin.

An Deo Greine
An Deo Greine

Tha cuid de dh’fharpaisean air tighinn ’s air falbh, cuid a tha inntinneach dhuinn an-diugh. Ann an 1899, nochd farpais airson ‘Briathran Teicnigeach’ sa Ghàidhlig a chruinneachadh, agus farpais airson ‘Briathran Gràidh is Droch-chainnt’ ann an 1901. Ghlèidh iad seo iomadh briathar sa chànan, cuid an cunnart a dhol à bith. Lorgar an stòras seo am measg dhuilleagan ‘An Deo-Gréine’.

Ged a sguireadh dhuibh, bhathar a’ cumail fharpaisean Ealain is Gnìomhachais, ann an co-rèir ri amas Manifesto a’ Chomuinn gus gnìomhachas a bhrosnachadh. Mar eisimpleir, bha Farpais Ealain Cheiltich ann an 1896, agus aig Mòd 1966, bha duais airson ‘Ball-cuimhneachain le Tionnsgnadh Ceilteach a bhios freagarrach airson fhoillseachadh no a rèic ri luchd-turas’.

Bidh Bàrd a’ Chomuinn ga chrùnadh gach bliadhna bho chionn 1923, dreuchd mhòr urramach ga buileachadh airson saothair mhòr an lùib litreachas na Gàidhlig. Ann an 1969, thòisicheadh Cupa na Camanachd, a’ toirt aithne air prìomhachas an spòrs ud do chultar nan Gàidheal.

Tha eachdraidh fheumail den chiad deich bliadhna den Mhòd ann an ‘An Gaidheal’ No.5, May 1955, agus e ag innse mu chuid de na farpaisean tràtha agus cò a ghlèidh iad.

Àitichean a’ Mhòid

1979 Programm.
1979 Programme

An dèidh 1894 chaidh am Mòd a chumail ann an àite eadar-dhealaichte gach bliadhna, cleachdadh a tha fhathast a’ dol an-diugh, seach ri linn an dà Chogaidh Mhòir. Bidh comataidhean nam Mòdan ionadail a’ farpais gus am Mòd fhaighinn, agus togaidh iad airgead mu choinneamh. Mar as trice, ’s ann san Òban, an Inbhir Nis agus an Glaschu a thèid am Mòd a chumail thar nam bliadhnaichean, ach chumadh e ann an coimhearsnachdan nas lugha, an leithid Ghoillspidh agus na Leargaidh Gallta, cuideachd.

Chumadh ciad Mhòd nan Eilean Siar ann an 1979, leis an tuigse ‘[ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith air a teasairginn tha e deatamach gum bacar crìonadh agus seargadh a’ chànain na dachaigh fhèin, gus stèidh dhaingeann a chur air bhonn an sin airson iomairt ath-bheòthachaidh a dhèanamh ann an sgìrean eile]’ (Prògram 1979: Facal bhon Cheann-suidhe).

Air an aon adhbhar, dh’fhosgladh Oifis a’ Chomuinn ann an Steòrnabhagh, mar a mhìnichear san Aithisg Bhliadhnail ann an 1972.

Tha am Mòd a-nis cho mòr ’s gum feumar bun-structar ionadail a tha seasmhach gu leòr gus a ghiùlan, an leithid tallachan cuirme agus àitichean-fuirich; mar as trice ’s ann an coimhearsnachdan nas motha a thèid a chumail. Ged-tà, tha lìonra farsaing de Mhòdan sgìreil thar na dùthcha – rud a tha gu sònraichte cudromach ann am brosnachadh na h-òigridh.

Am Mòd an-diugh

1990 Dingwall Mòd Fringe programme
1990 Dingwall Mòd Fringe programme

Ann an 1992, bhuilicheadh inbhe rìoghail air a’ Mhòd ceud bliadhna bhon stèidhicheadh e, agus am Mòd Nàiseanta Rìoghail ga ghabhail air.

Bidh am Mòd a’ ruith fad còrr is seachdain a-nise is tha mu 200 farpais ann, le còrr is 500 duais ri thogail. Bidh iad a’ gabhail a-steach ceòl ionnsramaid, còisir, sgrìobhadh, labhairt, spòrs, litreachas agus dràma. Thèid pìosan de cheòl ùr a choimiseanadh agus fhoillseachadh airson farpaisean a’ Mhòid agus thèid ‘Lasair Litreachais’, cruinneachadh den litreachas ùr a ghlèidheadh, fhoillsicheadh gach bliadhna. Tha an tachartas ga chraoladh air BBC Alba agus air meadhannan eile, a’ ruigsinn luchd-coimhid mòr eadar-nàiseanta.

Tha Iomall a’ Mhòid air a bhith ga leasachadh bho chionn ghoirid, a’ tarraing chuirmean a bharrachd, dealbhan-chluiche, taisbeanaidhean agus ceòl sna taighean-òsta ionadail. Sheall rannsachadh gun do chuir Mòd 2014 £3.5m ri eaconamaidh Inbhir Nis, le timcheall air 9,000 neach-tadhail – euchd mòr do dh’aon tachartas fa leth, agus comharra air neart seasmhach a’ Mhòid agus an ùidh a tha an cois cànan is cultar nan Gàidheal.

Bidh cuid de chruinneachaidhean a’ Chomuinn gan cumail aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, cuide ri cruinneachadh mòr de dh’fhoillseachaidhean a’ Chomuinn agus prògraman nam Mòdan. Tha deagh chuid dhiubh ri fhaighinn air an làrach-lìn.

Lorgar na foillseachaidhean fhèin tro chatalog na Leabharlainn.

Thèid làrach-lìn a’ Chomuinn a thasgadh gach bliadhna bho 2013, an cois tasglann-lìn Còir-thasgadh na RA. Tha an tasgann-lìn mar phàirt den eResources agus chithear e aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann air neo Tasglann na h-Ìomhaighe Gluasadaich aig Talla Cheilbhinn ann an Glaschu.

An Tuilleadh Leughaidh

  • Oban Times, 17 September 1892. National Library shelfmark: Mf.N.67
  • Frank Thompson. The National Mod. Published by Acair Books in 1979.
  • Frank Thompson. History of An Comunn Gaidhealach: the first hundred (1891-1991): centenary of An Comunn Gaidhealach. Published by An Comunn Gaidhealach, 1992.
  • Frank Thompson. Mod memories : four decades of pure nostalgia. Published by the West Highland Publishing Company Ltd in 2014.