An Comunn Gàidhealach

An Comunn publications
An Comunn publications

Stèidhicheadh An Comunn Gàidhealach ann an 1891, aig àm buaireasach ann an saoghal nan Gàidheal.

Bha cùis còir an fhearainn agus bochdainn air Strì an Fhearainn adhbhrachadh agus stèidhicheadh an Coimisean Napier ann an 1883 gus cor nan Gàidheal a rannsachadh. Shocraich Achd na Croitearachd 1886 cuid den bhuaireadh, ach leanadh cuid eile.

Stèidhich Achd an Fhoghlaim 1872 foghlam reachdach do gach duine-chloinne aois 5 – 13 bliadhna, ach air a sholarachadh le bùird-sgoile thaghta fo ùghdarras Roinn an Fhoghlaim Albannaich. Mar thoradh air sin, chaidh an Comann Gàidhealach agus na sgoiltean eaglaiseil a dhùnadh. Cha robh solar foghlam Gàidhlig ann agus bu tric a leagadh peanas air an òigridh a chluinnte ga bruidhinn san sgoil.

Bha comainn Ghàidhealach eile ann, mar Comann Gàidhealach Lunnainn, a stèidhicheadh ann an 1777, agus Comann Gàidhlig Inbhir Nis, ann an 1871. Bhiodh Comann Oiseanach Latharna, a stèidhicheadh ann an 1872 gus cànan is cultar nan Gàidheal a bhrosnachadh, a’ cumail Gheamaichean Gàidhealach san Òban, agus farpais seinn sa Ghàidhlig nan cois sin. Ge-tà, nuair a chrìonadh an comann sna 1880an, stèidhicheadh cuid den luchd-stiùiridh aige An Comunn Gàidhealach gus an gluasad a chumail a’ dol.

Stèidheachadh a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 1891

An toiseach, chaidh ‘Comunn airson Leasachaidh Ceòl agus Litreachas nan Gàidheal’ a mholadh mar ainm, le ‘The Highland Bardic Association’ mar ghiorrachadh na Beurla. Chaidh seo atharrachadh gu ‘An Comunn Gàidhealach’, mar as aithnte dhuinn an-diugh e. B’ ann an Glaschu a bha e an toiseach, le oifis ga fosgladh an Inbhir Nis ann an 1963, agus oifis an Steòrnabhagh ann an 1972.

Manifesto
Manifesto: to Highlanders at home and abroad, 1891.

Stèidhich An Comunn e fhèin le foillseachadh ‘Manifesto’, a chuir a chuid amasan an cèill. Tha liosta de luchd-pàtrain agus buill a’ bhùird-stiùiridh – a’ chuid as motha dhiubh nan uachdarain, ollamhan agus clèirich, mar a bu chumanta san àm sin. B’ e linn a bha seo ro mhaoineachadh an riaghaltais don Ghàidhlig, agus an Comunn an tagsa thabhartasan agus saothar shaor-thoileach.

B’ e còig amasan a’ Chomuinn::

  1. Litreachas agus Ceòl agus Gnìomhachas Dachaigheil nan Gàidheal a bhrosnachadh air a’ Ghàidhealtachd
  2. Teagasg na Gàidhlig a chur air adhart ann an Sgoiltean na Gàidhealtachd.
  3. Mòd Bliadhnail a chumail, sam bi farpaisean, agus duaisean gam buileachadh.
  4. Leabhar fhoillseachadh de Litreachas a ghlèidh Duais, gan taghadh leis a’ Chomhairle Stiùiridh.
  5. Maoin a thogail, tro fho-sgrìobhaidhean agus tabhartasan, a nì obair a’ Chomuinn mu choinneamh nan amasan seo comasach.

B’ e amasan farsaing is èasgaidh a bh’ annta, gus cleachdadh na Gàidhlig a sheasamh agus a leasachadh. Tha a’ chuid as motha den sgrìobhainn sa Bheurla, leis gur i a’ Bheurla an cànan airson coiteachadh adhbhar na Gàidhlig aig Riaghaltas Westminster agus am measg oifigich ionadail gun Ghàidhlig, agus cuideachd leis nach robh a’ Ghàidhlig aig gach neach-stèidheachaidh a’ Chomuinn. Ge-tà, tha e a’ crìochnachadh le sluagh-ghairm lasanta sa Ghàidhlig, a tha a cheart cho freagarrach air an latha an-diugh sa bha ann an 1891:

‘Do Chlanna nan Gaidheal anns gach cearn’

…’Dùisgibh, ma ta, èirichibh agus cuiribh an gniomh. Rugaibh sibh nur Gaidheil; nur Gaidheil bitheadh sibh; agus togaibh bhur cloinn gu bhi nan Gaidheil.’

Gnìomhan Tràtha

Ged as aithnte an-diugh e mar bhuidheann-òrdanachaidh a’ Mhòid, cha b’ e sin ach aon de dh’amasan a’ Chomunn nuair a chaidh e a stèidheachadh. Bhathar ag obair às leth gach amais, agus iad a’ coiteachadh airson maith an t-sluaigh Ghàidhealaich an cois iomadh adhbhair, mar a dhearbhas leughadh nan iomadh foillseachadh aige.

Foillseachadh

Bhathar a’ foillseachadh sgrìobhadh Gàidhlig bhon fhìor-thoiseach, ag aithneachadh gur ann tro fhoghlam is solar fiosrachaidh a thigeadh teasraiginn na Gàidhlig.

An Comunn’s first publication, 1893.
An Comunn’s first publication, 1893.
An Deo Greine
An Deo Greine
Clarsach advert in An Gaidheal, October 1936
Clarsach advert in An Gaidheal, October 1936
Sruth, 1967
Sruth, 1967

B’ e ciad fhoillseachadh a’ Chomuinn Scottish Gaelic as a specific subject. Stage 1. 1893. Dh’fhoillsicheadh seo air sgàth a’ bharail nach robh leabhar gràmar na Gàidhlig iomchaidh do theagasg ann an clasaichean.

Dh’fhoillsicheadh sreath de litreachas ùr a’ gabhail a-steach leabhraichean chloinne, leabhraichean ciad-chobhair, leabhraichean Gàidhlig do shaighdearan thall fairis, sgrìobhadh ùr agus dealbhan-chluiche Gàidhlig, gun iomradh air prògraman bliadhnail a’ Mhòid gach bliadhna. Bithear a’ foillseachadh ‘Lasair Litreachais’ gach bliadhna, cruinneachadh de litreachas a’ Mhòid a ghlèidh duais.

Bhiodh An Comunn cuideachd a’ toirt iris a-mach eadar 1905 – 1970: An Deò Gréine eadar 1905 – 1922 agus An Gàidheal eadar 1922 – 1967, le 744 irisean uile-gu-lèir. An cois gach iris bha altan ann an Gàidhlig is Beurla am broinn ‘roinnean’ Gàidhlig is Beurla, ach cha b’ e eadar-theangaichean a bh’ annta dhe chèile.

Tha iad nan tobraichean inntinneach de chùisean Gàidhealach, a’ gabhail a-steach cànan is poileasaidh de gach seòrsa. Bhathas ag aithris air iomadh cuspair, mar choinneamhan, eaconamaidh na Gàidhlig agus cùis an fhearainn. Mar eisimpleir, tha ùrachadh fios air fearann a bhathar a’ tairgse fo Achd Shaighdearan is Mharaichean 1916, ann an Leabhar XIV, Earrann 3, Darna Mìos a' Gheamhraidh, 1918.

B’ e inneal freagarrach a bh’ ann an cruth na h-iris airson a bhith a’ foillseachadh sgrìobhadh ùr, bàrdachd, beul-aithris, fiosrachadh air ainmean-àite agus cleachdadh cànain a chlàradh. Bha sreath inntinneach de dh’abairtean mu ghràdh is gonadh eadar an Dàmhair 1916 agus an t-Sultain 1918. ’S e ‘Àireamh na h-Aoine ort!’ am measg na nochd ann an Àireamh 13, Dàmhair 1917-Sultain 1918.

Bha eadhon pàipearan-deuchainn Teisteanasan Deireadh Sgoile agus sanasan, a tha nan tùs beairteach de dh’eachdraidh shòisealta.

An dèidh dha ‘An Gàidheal’ a thighinn gu crìch ann an 1967, chuireadh ‘Sruth’ a-mach gus an deach a thoirt am broinn ‘Gaiseat Steòrnabhaigh’ ann an 1970.

Ann an 1966, dh’fhosgladh Ionad Gàidhlig ann an Cùil Lodair, ri linn mar a bha ùidh an luchd-turais a’ fàs sa Ghàidhlig, agus chaidh sreath de bhileagan ullachadh le eòlaichean. Cho math ri bàrdachd is eachdraidh, nochd cuspairean ùra an leithid dealain-uisge air Ghàidhealtachd.

Brosnachadh, togail airgid & Gnìomhachas Dachaigheil nan Gàidheals

The Feill cookery book
Sruth, 1967

Chuir Comataidh Propaganda (ainm iomchaidh) a’ Chomuinn stèidh nam meuran ionadail air bhonn bhon fhìor thoiseach ach an ruigeadh iad air na coimhearsnachdan; tha an structar seo ann fhathast an-diugh.

Chumadh Fèill ann an Glaschu an 1907. B’ e dòigh fhèillmhor airson togail-airgid a bh’ ann aig an àm, leis a’ bhean-phosta Burnley Chaimbeul, ceannard ùr a’ Chomuinn. Dh’fhoillsicheadh leabhar còcaireachd agus cruinneachadh de sgrìobhaidhean ‘Am Bolg Solair’. Bha an fhèill cho soirbheachail ’s gun do thog i £6,878, agus lean fèilltean eile na dèidh.

Bha An Comunn cuideachd an sàs ann an togail airgid do dh’iomairtean nàiseanta eile sna 1920an, mar eisimpleir togail Ospadal a’ Chinn a Tuath ann an Inbhir Nis, agus Maoin a’ Chruadail air Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, dhan tug iad £4,949 ann an 1924, faisg air £286,000 an-diugh.

B’ e togail airgid cuideachd cudromach airson taic a chumail ri Gnìomhachas Dachaigheil nan Gàidheal agus eaconamaidh na Gàidhealtachd, a bha toirt stèidhean do choimhearsnachdan nan Gàidheal.

1912 Inverness Mòd souvenir book
1912 Inverness Mòd souvenir book

Ann an 1912, dh’aithriseadh e ann an Leabhar Cuimhneachain Mòd Inbhir Nis gun deach an £500 a fhuaireadh tro fhèill-rèic Comataidh Ealain agus Ghnìomhachas a thoirt do luchd-dèanamh a’ chlò air Ghàidhealtachd – suim timcheall air £54,000 an-diugh. B’ e suim mhòr a bha seo don ghnìomhachas agus na dheagh eisimpleir dhen togail airgid cunbhalach a chuidicheadh a’ choimhearsnachd.

Foghlam Gàidhlig

Bhathar a’ gabhail ùidh mhòr ann an solar foghlam Gàidhlig, agus chumadh cunntas math de cho-labhairtean. B’ e Sir Dòmhnall MacAlasdair, Prionnsabal Oilthigh Ghlaschu aig an robh Gàidhlig na òige, a thug òraid seachad aig a’ cheathramh co-labhairt san Òban 1908, a’ soillearachadh bhuannachdan foghlam tron Ghàidhlig.

Gaelic in Highland schools address, 1908
Gaelic in Highland schools address, 1908

Ro Achd an Fhoghlaim ann an 1918, chuir An Comunn athchuinge fo chomhair Pàrlamaid Bhreatainn le 18,000 ainm a’ moladh gun aithnichear a’ Ghàidhlig gu h-oifigeil. Fhuaireadh ath-leasachadh air an sgrìobhainn far an robh aig ùghdarrasan ùra ri ‘foghlam Gàidhlig a sholarachadh ann an sgìrean Gàidhlig mar as iomchaidh’, ged nach robh seo riatanach no air a mhìneachadh, agus cha robh maoin na chois, a’ fàgail dhuilgheadasan le sgrùdadh. Mar sin, chuir An Comunnn lìonra ionadail de luchd-sgrùdaidh gus àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig a thomhas airson an tuilleadh leasachaidh a choiteachadh. Dh’fhàs seo na bu duilghe agus structar rianachd ùr air dhol an gnìomh, a’ fàgail gun robh Eilean Leòdhais is Na Hearadh ann an ùghdarrasan foghlaim eadar-dhealaichte. Chuir atharraichean a thaobh rianachd agus crìochan ùghdarrais dùbhlan ro iomairtean.

Ged a chuireadh UHI Ltd air bhonn ann an 1993 (Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean na dhèidh sin), chomharraich An Comunn am feum a bh’ air oilthigh air Ghàidhealtachd cho fada air ais ri 1913, nuair a chuireadh aithisg air adhart a’ moladh Colaiste Oilthigh na Gàidhealtachd. Thuirteadh gun robh feum air Colaiste Theicnigeach am broinn na Gàidhealtachd, gus cùrsaichean a fhreagradh air cor na Gàidhealtachd a lìbhrigeadh. Rachadh oileanaich a thrèanadh le colaistean àiteachais mar mheasadairean-fearainn, no air tuathanasan mòra, agus cha robh iad air an ullachadh airson obair na croite agus stoc measgaichte. Choiticheadh tobraichean maoineachaidh, mar roinnean riaghaltais agus cathrannasan. Bhathar am beachd gun obraicheadh Colaiste Oilthigh agus Colaiste Theicnigeach, air sàilleabh gun robh:

‘an tuilleadh ri dèanamh gus riatanasan foghlaim air Ghàidhealtachd a shàsachadh.’ ...‘Bhiodh a’ Cholaiste Oilthigh na riochdachadh de àrd-chiall is aigne shaor nan Gàidheal.’

Ach le fosgladh a’ Chogaidh Mhòir, chuireadh an iomairt dheth.

Poileasaidh

Polasaidh do n’Ghaidhlig, 1975
Polasaidh do n’Ghaidhlig, 1975

Ann an 1975, dh’fhoillseachadh ‘Polasaidh do’n Ghàidhlig’ leis a’ Chomunn, le taic bho Bhuidheann Thar-phartaidh na Gàidhlig sa Phàrlamaid. B’ e an t-amas ‘dà-chànanachas iomlan air Ghàidhealtachd agus adhartachadh cleachdadh na Gàidhlig sna Breac-Ghàidhealtachdan’, a chomharraich iad air mapa. Chuir e ‘Còraichean Bunaiteach Luchd-labhairt na Gàidhlig’ an cèill, ag aithneachadh an fheum a bh’ sna meadhanan mòra a bha a’ tòiseachadh.

  1. Còir air làn-fhoghlam fhaighinn tro mheadhan a’ chànain mhàthaireil.
  2. Còir air craoladh sna meadhanan mòra & Gàidhlig.
  3. Còir air leasachadh eaconamach structaraichte sna sgìrean Gàidhlig.
  4. Còir air conaltradh ri ùghdarrasan ionadail is riaghaltasan sa Ghàidhlig.
  5. Còir air pròiseasan laghail sa Ghàidhlig.
  6. Còir aig gach Albannach air eòlas a chur air cultar nan Gàidheal.

Ge-tà, shaoil am poileasaidh gun cuireadh atharraichean chrìochan nan ùghdarrasan poblach a bha ri tighinn dùbhlan ro na còirichean seo air sgàth nach robh na crìochan ùra seo a’ toirt fa-near sam bith do ‘chrìochan tradaiseanta cànanach’ – rud a bha na dhùbhlan roimhe do leasachadh na Gàidhlig.

Am Mòd Bliadhnail

Chumadh a’ chiad Mhòd san Òban ann an 1892, agus tha e air a bhith a’ dol gach bliadhna bhon uair sin, ach a-mhàin ri linn an dà Chogaidh Mhòir. Na shoirbheachas mòr, tha e air fàs bho shìol beag gu bhith na thachartas cliùiteach sa bhliadhna Albannach, Ghàidhealach agus eadar-nàiseanta..

An Comunn an-diugh

2015 Mòd programme
2015 Mòd programme

Tha suidheachadh na Gàidhlig glè dhiofarach an-diugh an coimeas ris an àm san deach a stèidheachadh. Thar na linn a dh’fhalbh, bha e ag iomairt airson iomadh taobh de shaoghal na Gàidhlig, ged nach deach leotha air uaireannan air sgàth ghnothaichean air nach robh smachd aca.

Ge-tà, chuidich an coiteachadh aca thar nam bliadhnaichean, agus an-diugh tha farsaingeachd de bhuidhnean Gàidhlig a’ saothrachadh ann an raointean tràth a’ Chomuinn, an leithid foghlam Gàidhlig, ceòl, foillseachadh, ath-leasachadh fearainn, agus leasachadh a’ chànain fhèin, uile am broinn co-theacs Plana Nàiseanta na Gàidhlig agus Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, air a reachdachadh le Pàrlamaid na h-Alba.

Tha amasan farsaing aig a’ Chomunn fhathast (a gheibhear air a làrach-lìn). Tha lèirsinn nas eadar-nàiseanta an-diugh aca, agus aig Mòd 2016, mholadh gun sireadh luchd-poileataigs inbhe tèarainte UNESCO air a’ Ghàidhlig gus ‘dualchas beò’ nan eilean a’ chànain a ghleidheadh – iomairt a tha a’ leantail fhathast.

Aithnichear An Comunn fad is farsaing airson a’ Mhòid bhliadhnail, tachartas ana-mhòr a tha aithnichte airson cur air adhart cànan, ceòl is cultar na Gàidhlig, cho math ri buannachdan mòra eaconamach.

Fiosrachadh is leughadh a bharrachd

’S e dachaigh do chuid de thasglann a’ Chomuinn a th’ ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, cho math ri cruinneachadh mòr de dh’fhoillseachaidhean agus prògraman Mhòd.

Gabhar gu leòr fhaicinn air làrach a’ Chomuinn aig gailearaidh didseatach na Leabharlainn. Lorgar foillseachaidhean cuideachd air catalog na Leabharlainn agus gabhar an sgrùdadh aig an Leabharlann ann an Dùn Èideann no Glaschu.

Tha làrach-lìn a’ Chomuinn air a bhith ga tasgadh bho 2013 mar phàirt an cois tasglann-lìn Còir-thasgadh na RA, ach a rèir riaghailtean còir-lethbhreac, chan fhaicear e ach aig an Leabharlann fhèin.

Airson eachdraidh mhionaideach, faic ‘History of An Comunn Gàidhealach: the first hundred (1891-1991): centenary of An Comunn Gàidhealach’. le Frank MacThòmais, foillsichte leis a’ Chomunn Ghàidhealach, 1992.