Innealan-ciùil

Ann an ceòl nan Gàidheal, tha iomadh eisimpleir ann den aon phort ga shuidheachadh air diofar òrain agus pìosan ciùil eile, a’ fàgail nach eil fios le cinnt cò fear as sine dhiubh. Tha an roinn seo a’ coimhead air na trì innealan-chiùil mòra a tha an cois ceòl nan Gàidheal: a’ phìob, an fhìdheall agus a’ chlàrsach.

Cho math ri dian-chleachdadh nan aon phort gu seinn no cluich, rachadh am foillseachadh fa leth cuideachd: faclan gun fhonn air neo port gun òran. Mar eisimpleir, tha briathran an òrain, le iomradh air an fhonn, a’ nochdadh ann an , aig a bheil ainm sa Ghàidhlig agus sa Bheurla Ghallta. Gu h-inntinneach, tha an sreath mu dheireadh air an duilleag a’ feuchainn ris a’ Ghàidhlig a riochdachadh le fuaimneachas.