Innealan-ciùil : A’ Chlàrsach

Illustration of a Clarsach
Seall barrachd
Drawing of the Queen Mary Harp
The Queen Mary Harp

’S e a’ Chlàrsach am facal Gàidhlig air a’ chruit, a nochdas ann an iomadh cruth thar an t-saoghail. B’ e seòrsa sònraichte de chlàrsach a chaidh a chleachdadh air Ghàidhealtachd na h-Alba agus na h-Èireann thar nan linntean. Tha dà eisimpleir mhath den t-seann chlàrsach bheag stòlda ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba: Clàrsach na Banrìgh Màiri agus a’ Chlàrsach Lumanach. Tha com na clàrsaich air a shnaidheadh às a’ chraobh sheileach , agus bhiodh teudan pràiseach orra. A rèir deiteadh rèidio-charboin, thathas den bheachd gur ann dhan 14mh linn a bhuineas Clàrsach na Banrìgh Màiri, ged nach eil fios againn air aois na Clàrsaich Lumanaich.

Bhiodh na seann chlàrsaich nam pàirt de bheul-oideas foghlamaichte, gan cluich le clàrsairean a fhuair ionnsachadh ann an sgoiltean nam filidhean ann an Èireann agus an Alba. B’ e ceòl foirmeil eagraichte sgeadaichte a bh’ aig a’ chlàrsach, dh’fhaoidte le dàimh ri ceòl mòr na pìoba.

Detail of sheet music
Sheet music

Cha robhar a’ sgrìobhadh a’ chiùil a rachadh a dhèanamh do na h-uachdarain sìos idir, agus chan eil againn ach na nochd ann an leabhraichean is làmh-sgrìobhainnean nas anmoiche airson na cruite, na fìdhle, no ionnsramaidean eile.

Detail of sheet music
Page from Dean of Lismore

Bha a’ chlàrsach glè chudromach mar cheòl-taice do sheinn no aithris bàrdachd Ghàidhlig. Bhiodh clàrsairean a’ siubhal a-null ’s a-nall eadar Èireann agus Alba, ag obair do rìghrean, prionnsachan agus cinn-chinnidh nan cùirtean Gàidhealach agus nan taighean mòra.

Photograph of Patrick Byrne by Hill & Adamson (1845)
Portrait ofPatrick Byrne by Hill & Adamson.

Feumaidh gun robh clàrsaich eile a bharrachd air na dhà a th’ air an cumail san Taigh-tasgaidh Nàiseanta, ach cha do mhair gin eile. Sguireadh cluich na clàrsaich san 18mh linn. Chum clàrsairean orra ann an Èireann gus an 19mh linn agus thigeadh feadhainn a dh’Alba.

Carson a sguireadh cluich na clàrsaich? Aig Dia tha brath. Feumaidh gun robh grunn adhbharan ann – teachd na pìoba agus na fìdhle, crìonadh nan ceann-cinnidh Gàidhealach a chumadh taic riutha ’s a phàigheadh airson oideachadh nan clàrsairean, crìonadh cultar foghlamaichte na Gàidhlig agus nan teaghlaichean sgoilearail, call nan làmh-sgrìobhainn agus sgoiltean nam filidhean, agus fasain ùra a’ chiùil Shasannaich agus Eòrpaich a thàinig às a’ chinn a deas.

Front page of The Poems of Ossian, 1792
The Poems of Ossian.

Ach bha a’ chlàrsach a’ tighinn gu inbhe mar ìomhaigh chudromach nan Gàidheal air taobh a-muigh an t-saoghail Ghàidhealaich, agus nochdadh clàrsaich san litreachas Romansach eadhon an dèidh do sguir an cluich. Tha Oisean Mhic a’ Phearsain loma-làn de cheòl na clàrsaich a’ brosnachadh nam bàrd.

Painting of Margaret MacLean-Clephane.
Portrait Margaret MacLean-Clephane.

Nuair a bha miann aig uachdarain Albannach air ath-bheòthachadh na Gàidhlig san 19mh linn, mhiannaicheadh leotha gum biodh a’ chlàrsach na chois. Ach leis gun robh dualchas na clàrsaich aig an ìre sin air chall, cha robh dòigh aca gus clàrsaireachd a chur gu dol a-rithist. Choimhead iad ri Sasainn, agus clàrsaich a chaidh an cleachdadh an lùib tradaisean Angla-Eòrpach, airson an dualchas caillte a thoirt air ais. Tràth sna 1800an, chluicheadh Mairead NicIllEathain-Clephane na tar-sgrìobhaidhean aice de phuirt agus òrain Ghàidhlig air cruit Lunnainneach nan casachan.

Front page of Songs of the Hebrides
Songs of the Hebrides

Thòisich am Mòd sna 1890an, le farpais ann an seinn ri ceòl-taice na clàrsaich. Rinneadh na clàrsaich a chaidh a chluich ann am Mòd 1893 le clàrsadair nan casachan ann an Lunnainn. Chaidh cumadh beag agus seann choltas Gàidhealach a chur orra, ged a bha an cruth a’ buntainn ris an tradaisean Angla-Eòrpach gu tur, le teudan caolain agus uidheam a’ ghleusa chromataich.

Portrait of Patuffa Kennedy Fraser.
Portrait of Patuffa Kennedy Fraser.

Tron 20mh linn, stèidhicheadh an seòrsa clàrsaich seo ann an ceòl na h-Alba. Aig an tòiseachd, cha b’ ann ach airson ceòl-taice do sheinn a bha i, mar na h-òrain Ghàidhlig a chaidh a chruinneachadh ’s ùrachadh le Mairead Cheannadach-Fhrìseal.

An seo cluinnear clàradh le Patuffa Kennedy-Fraser bho 1929.

Tha e uile sa Bheurla, a’ sealltainn cho làidir ’s a bha a’ bhuaidh Shasannach air dùsgadh Gàidhealach na linne.

Sna 1970an, thòisich Alison Kinnaird air clàrsach nan teudan caolain a chluich mar ionnsramaid leis fhèin. Shuidhich i a’ chlàrsach am measg nan ionnsramaidean tradaiseanta eile ann an Alba, an leithid na pìoba agus na fìdhle. An-diugh, tha a’ chlàrsach gu math aithnichte ann an roinnean tradaiseanta, clasaigeach agus jazz-fiùision de cheòl na h-Alba.

Ach bha aire gu ìre air choireigin nach ann den aon shliochd a bha a’ chlàrsach ùr seo, le teudan caolain (no plastaig an-diugh) agus uidheaman a’ ghleusa chromataich, agus clàrsach na seann aimsire. Bho na 1890an, bha oidhirpean ann gus “ceòl tràth” na clàrsaich Ghàidhealaich ath-chruthachadh, le teudan meatailt. Chaidh deagh mhac-samhailean airceòlasach de chlàrsaich an taighe-thasgaidh a dhèanamh le Glen, neach-dèanamh ionnsramaidean ann an Dùn Èideann, ann an 1892 airson a’ chiad Mhòid. Bha iad ro dhoirbh a chluich do chlàrsairean a fhuair ionnsachadh san stoidhle chlasaigeach agus chaidh cùl a chur riutha air an ath bhliadhna, agus clàrsaich Angla-Eòrpach nan teudan caolain gan cur gu feum. Bhon uair sin, tha dà ghnè den chlàrsach gan cluich ann an Alba – clàrsach nan teudan caolain agus a’ ghleusa chromataich chlasaigeach a tha nas cumanta, agus clàrsach eachdraidheil na seann aimsire, a chuireas teudan uèir agus an gleus diatonach gu feum gus seann cheòl agus ceàrd-eòlas a thoirt air ais beò.

Barrachd leughadh

  • Robert Bruce Armstrong, The Irish and Highland harps by David Douglas, Edinburgh, 1904
  • Simon Chadwick, ‘The contest between instrument and idea: “the harp”’, The cultural history of musical instruments in Scotland, 1700-present day’. Birlinn, forthcoming
  • Stuart Eydmann, ‘In good hands: the Clarsach Society and the renaissance of the Scottish harp’. The Clarsach Society, Edinburgh, 2017
  • Karen Loomis, David Caldwell, Jim Tate, Ticca Ogilvie, & Edwin J. R. van Beek, ‘The Lamont and Queen Mary harps’ Galpin Society Journal XV, 2012
  • Keith Sanger & Alison Kinnaird ‘Tree of strings - crann nan teud’, Kinmor Music, 1992
  • Helene Witcher, ‘Madame Scotia, Madam Scrap’, Islands Book Trust, 2017