Songs banner

Òrain Ghàidhlig agus an luchd-cruinneachaidh

Òrain Ghàidhlig agus an luchd-cruinneachaidh

Tha dualchas beairteach de dh’òrain aig na Gàidheil. Le bàrdachd aig teis-meadhan a’ chultair Ghàidhealaich, bha ceanglaichean làidir a-riamh eadar òrain air an seinn agus puirt air a’ phìob, an fhìdheall agus a’ chlàrsach. Ge-tà, ’s e glè bheag de thùsan nan òran le ceòl nan cois a th’ air tighinn sìos thugainn air taobh a-muigh na beul-aithrise.

Seòrsachan òran Gàidhlig

Mar a tha le iomadh dualchas, bha òrain nam pàirt de bheatha làitheil nan Gàidheal, agus gabhar an roinneadh a rèir cuspair, mar:

  • Òrain obrach (le ceangal ri croitearachd mar luaidh a’ chlò, snìomh, bleoghann, maistreadh, buain, iomradh agus tàlaidhean)
  • Òrain gaoil
  • Òrain sìthe
  • Cumha agus crònan
  • Òrain pìobaireachd
  • Puirt-à-beul

Mar bu trice, bidh na h-òrain ag innse sgeulachd no eachdraidh. Tha na duain agus na laoidhean ann cuideachd, mar eisimpear, Laoidhean na Fèinne..

19th century women waulking the cloth
19th century women waulking the cloth

’S e na h-òrain luaidh as aithnichte de na h-òrain obrach. Mar bu nòs, bhite gan gabhail le boireannaich nan suidhe timcheall bùird a’ fùcadh a’ chlò ri ruidheam an òrain. Tha ‘A’ Bhìrlinn Bharrach/Beinn a’ Cheathaich’ na eisimpleir de sheann òran luaidh.

Tha e ag innse mu bhith a’ coimhead air bìrlinn a’ dol seachad air Caisteal Chiosamul ann am Barraigh. Thèid an rann agus ciad loidhne den t-sèist a sheinn leis a’ bhoireannach a tha air ceann na buidhne, agus an còrr den t-sèist ga thogail aig càch. Bhiodh buille a’ chlò a’ dol a rèir buille an òrain. Chaidh an t-òran seo a chruinneachadh agus ùrachadh le Mairead Cheanadach-Fhriseal fon ainm ‘Kishmul’s Galley’.

Tha tùsan nas ùire den òran:

Òrain pìobaireachd

From ‘Popular songs of Scotland with their appropriate melodies’. Library shelfmark: Glen.222
From ‘Popular songs of Scotland with their appropriate melodies’. Library shelfmark: Glen.222

Gu tric, bidh òran a’ dol le ùrlar a’ Chiùil Mòir. Chan eil cinnt an cleachdadh pìobairean seann òrain mar stèidh a’ Chiùil Mhòir, no an rathad eile. Tha na h-òrain pìobaireachd a th’ againn stèidhichte air seann phìosan pìobaireachd a tha aithnichte, air neo seann phìosan nach eil againn tuilleadh.

Tha deagh eisimpleir san òran ’Pibroch of Donuil Dhu’, a tha aithnichte na cheòl mòr agus na port pìoba agus fìdhle (tha iomradh nas fhaide fo chuspair ceòl na fìdhle). An seo, ’s e òran Beurla a chaidh fhoillseachadh san 19mh, agus nach eil a’ leantail an òrain thùsanaich cho math.

Puirt-à-beul

Tha puirt-à-beul gan cleachdadh an àite ionnsramaid agus tha na briathran tric aotrom no gun chiall. ’S e a’ bhuille agus am fonn fhèin as cudromaiche leis gun tèid na puirt a chleachdadh do dhannsa.

Tha na leanas taghadh de phuirt às an làrach Tobar an Dualchais:

Lorgar eisimpleirean eile sna leabhraichean seo:

Luchd-cruinneachaidh ann an Alba

Ged a bhiodh òrain gan cruinneachadh ann an Alba thar iomadh linn, cha b’ ann gus deireadh na 19mh linn agus tràth san 20mh linn a dh’èiricheadh ùidh sna h-òrain Ghàidhlig mar a bha iad gan gabhail aig na Gàidheil fhèin, le ceòl sgrìobhte agus clàraichte. Nuair a nochdadh comasan clàraidh fuaim san 20mh linn, thòisich an luchd-cruinneachaidh falbh a-mach timcheall na dùthcha a dh’èisteachd agus a chlàradh na daoine fhèin, agus bha seo cus na b’ fhèarr gus brìgh agus fìor-nòs nan òran a thoirt seachad.

Am measg an luchd-chruinneachaidh aithnichte, bha:

Mairead Cheanadach-Fhriseal (1857-1930)

Marjory Kennedy Fraser
Mairead Cheanadach-Fhriseal

B’ e seinneadair, cruinniche, sgrìobhaiche-chiùil, eagraiche-chiùil agus tìdsear-chiùil Albannach a bh’ ann am Mairead Cheanadach-Fhriseal. Chaidh i gu mòran de na h-Eileanan an Iar far an d’ rinn i clàraidhean air siolandairean cèire. Na dhèidh sin, thug i na siolandairean gu tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann. Chaidh an cruinneachadh de dh’òrain Innse Gall aice ‘Songs of the Hebrides’ , san robh eadar-theangachaidhean gu Beurla leis an Urr Coinneach MacLeòid, fhoillseachadh ann an 1909 (Comharrachan-sgeilpe: Mus.P.l.25; Mus.P.l.39; Mus.P.l.61; Mus.P.l.62;Mus.38.51L; Mus.38.52L).

Frances Tolmie (1840-1926)

‘Old songs of Skye’.Shelfmark: Mus.Rm.4
‘Old songs of Skye’.Shelfmark: Mus.Rm.4

B’ e bana-sgoilear beul-aithrise às an Eilean Sgitheanach a bh’ ann Frances Tolmie a dh’fhoillsich cruinneachadh òrain ann an 1911 air an robh ‘One hundred and five songs of occupation from the Western Isles of Scotland’ air an ath-chlò-bhualadh às an ‘Journal of the Folk-Song Society’ san aon bhliadhna. Chaidh mu 24 òrain ath-chlò-bhualadh ann an 'The Old Songs of Skye: Frances Tolmie and Her Circle' le Ethel Bassin.

Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh (1906-1996)

B’ e sgoilear beul-aithrise a bh’ ann an Iain Latharna Caimbeul, Fear Inbhir Nèill ann an Earra-Ghàidheal, a bha a’ fuireach sna h-Eileanan an Iar bho na 1930an, far an do choinnich e ri a mhnaoi-phòsta Aimeireaganach Mairead Fay Sheathach. Cheannaich iad Eilean Chanaigh agus dh’fhuirich iad ann an Taigh Chanaigh fad 40 bliadhna. Le chèile, chruinnich agus chlàraich iad iomadh òran às an dualchas, a’ cruthachadh tasglann mhòr de bhàrdachd Ghàidhlig, a’ gabhail a-steach làmh-sgrìobhainnean, clàraidhean fuaime, dealbhan agus film. Eadar 1969 agus 1981, dh’fhoillsich Fear Chanaigh cruinneachadh de dh’òrain Innse Gallann an trì leabhraichean.

Tha Taigh Chanaigh fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba an-diugh, agus chaidh na clàraidhean a chur ann an cruth didseatach an cois Tobar an Dualchais.