Iolaire

Timeline of events

  1. 16.00

    31 Dùbhlachd 1918

    Tha an Iolaire a’ ruigsinn Caol Loch Aillse agus i gann de chriutha oir tha mun dàrna leth de na fir air falbh air saor-làithean na Nollaig.

  2. 19.00

    31 Dùbhlachd 1918

    Dà thrèana a’ ruigsinn Caol Loch Aillse loma-làn dhaoine bho na feachdan armaichte.

  3. 19.30

    31 Dùbhlachd 1918

    Tha an Iolaire a’ seòladh bho Chaol Loch Aillse gu Steòrnabhagh le 260 seòladair à Leòdhas is na Hearadh air bòrd còmhla ri criutha de 24. Tha an Sheila a’ fàgail aig 8f.

  4. Às dèidh mu 12.30

    1 Faoilleach 1919

    Tha an Iolaire a’ cumail oirre agus sgalan gaoithe agus smugraich uisge ann.

  5. 01:00m

    1 Faoilleach 1919

    An Commandair Mason a’ dol air ais dhan t-seòmar aige. Tha Leifteanant Cotter a-nis aig an stiùir.

  6. 01:55m

    1 Faoilleach 1919

    Tha an Neach-sanais Uilleam Saunders a’ faicinn ‘solas gorm’ agus tha e ag aithris gur e seo an comharra aig soitheach a tha feumach air paidhleat. Ach ’s e a bh’ ann an da-rìribh, rocaid a bha na comharra èiginn. Tha fianais bho dhaoine a mhair beò ag aithris gun do bhuail an long air na creagan aig ‘Biastan Thuilm’ mun àm seo. Tha an Iolaire a-nis air a milleadh agus air na creagan ann an droch ghèile.

  7. 02:25m

    1 Faoilleach 1919

    Tha Iain Fionnlagh MacLeòid, 32, a’ greimeachadh air ròpa fada, ga chur timcheall caol a dhùirn, a’ leum dhan mhuir agus a’ feuchainn ri snàmh dhan chladach: ‘… ach - ò - bha na tuinn air fàs cho àrd aig an àm seo.’ Ach a dh’aindeoin cho fuar sa bha e agus ged a bha e air na creagan, ràinig Iain Fionnlagh MacLeòid an cladach agus thug e loidhne teasairginn dhan dàrna leth de na daoine a mhair beò às an Iolaire.

  8. Mu 03:15m

    1 Faoilleach 1919

    Tha an Iolaire a’ liostadh gu trom dhan taobh chlì agus tha a deireadh a’ tuiteam far na creige air an robh i steigte. Fhad ’s a tha i a’ gluasad dhan mhuir agus a’ dol fodha ann an uisge domhainn, tha i a’ tarraing leatha an taod (ròpa no càball tiugh airson long a tharraing no a chur air acair) air a bheil tòrr dhaoine fhathast a’ greimeachadh. Cha do mhair duine aca beò.

    Ann am buidhnean beaga no nan dithisean, chunnaic na daoine a mhair beò às an tubaist na solais ann an uinneagan tuathanas Stoneyfield. Rinn na daoine seo, a bha troimh-a-chèile, gu tuisleach air an tuathanas seo far an tug Mgr agus A’ Bhean-phòsta Anderson Young cuideachadh dhaibh. Chaidh iarraidh air na daoine as treasa agus nach robh ro fhuar a dhol dhan bhaile gus rabhadh a thoirt do mhuinntir Steòrnabhaigh mun chùis.

  9. 03:30m

    1 Faoilleach 1919

    Chaidh toirt air còignear a mhair beò agus a bha leth-mharbh a dhol gu Rear-Admiral Boyle, aig an oifis aige ann an Steòrnabhagh. Sgrìobh e às dèidh làimh ‘nach robh mòran fiosrachaidh ri fhaighinn bhuapa.’

  10. 06:10m

    1 Faoilleach 1919

    Bha e fàs follaiseach do mhuinntir a’ bhaile dè cho dona sa bha an tubaist.

  11. Uaireigin às dèidh 9.00m

    1 Faoilleach 1919

    Fhuaras aithris gun robh fear a’ greimeachadh air a’ chrann. Dh'aithris an Leifteanant Wenlock dhan Rannsachadh air Tubaist Bhàsmhor: ‘Chaidh mi a-mach sa bhad anns a’ bhàta-motair Spense le criutha de shaor-thoilich gus am fear seo a shàbhaladh.’ B’ e seo Dòmhnall Moireasdan, a bha 20 bliadhna a dh'aois agus air an robh am far-ainm Am Patch. Thuirt e às dèidh làimh: ‘Bha am muir fhathast gu math garbh aig briseadh an latha, ach eadar sin agus 10m dh'fhàs e rud beag na bu chiùine. Dh'fheuch a’ chiad bhàta ri tighinn faisg air a’ chrann far an robh mi, ach bha aige ri dhol air ais. Bha mi a’ smaoineachadh gum bithinn na bu shàbhailte far an robh mi na bhith a’ feuchainn ri dhol air a’ bhàta ud.’

    Bha Dòmhnall Moireasdan faisg air tuiteam na laigse, ach mu dheireadh, chaidh a chur air an sgoth bhig agus a-mach às na 284 a bha air bòrd na h-Iolaire, thuirt e ri a chàirdean an dèidh làimh: ‘ ’S mise an aon duine a chaidh air tìr air Cidhe Steòrnabhaigh.’

    Taobh a-staigh beagan uairean a thìde, thòisich na daoine claoidhte a bha air mairsinn beò às an tubaist air na bailtean aca fhèin a ruigsinn gu tuisleach.

    Na b’ fhaide air adhart air Latha na Bliadhn’ Ùire agus fad iomadh latha às dèidh sin, chaidh daoine a-mach a shireadh nan corp aig na mic, na cèilean, na bràithrean agus na nàbaidhean aca air a’ chladach. Cha deach cuid aca a lorg riamh.

  12. Rannsachadh air Tubaist Bhàsmhor

    10 Gearran 1919

    Rannsachadh air Tubaist Bhàsmhor a’ fosgladh ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Steòrnabhagh.

  13. Ùghdarras a' Chabhlaich a’ foillseachadh nam pàipearan

    Am Faoilleach 1970

    Ùghdarras a' Chabhlaich a’ foillseachadh nam pàipearan uile co-cheangailte ris an tubaist dhan mhòr-shluagh airson a’ chiad turais riamh.

Tha an clàr-ama de thachartasan cuideachd ri fhaotainn mar PDF airson luchdachadh a-nuas an seo. (701KB; 2td)