Iolaire

Na thachair às dèidh làimh

Milleadh

Thug Mòr Bhrù (A’ Bh-ph Marion NicLeòid à Brù) seachad deagh gheàrr-chunntas air an t-suidheachadh far an do dh'fhuiling daoine fa leth call mòr agus far an tug an tubaist cuideachd buaidh air a’ choimhearsnachd air fad. Thuirt i, agus i a’ cuimhneachadh air làithean a h-òige:

‘... b’ e an - an - rud a bu mhiosa air am b’ urrainn dhut smaoineachadh. Na fir sin uile. Fir den aois agad fhèin, fir na b’ òige, luchd-obrach a bha a’ dèanamh beòshlaint do an cuid theaghlaichean. Agus uile aig an aon àm. B’ e Àm na Bliadhna Ùire a bh’ ann, agus b’ e an rud a bu mhiosa, gun robh na boireannaich sin, na mnathan is màthraichean, gun robh iad air a bhith a’ gabhail dragh cho fada, fad a’ Chogaidh, agus iad an dòchas gun tilleadh na fir aca dhachaigh gu slàn sàbhailte. Agus bha iad a’ smaoineachadh nach fheumadh dragh a bhith orra tuilleadh, or bha an Cogadh seachad, agus an uair sin...’

Bhon leabhar ‘When I Heard the Bell': the loss of the Iolaire’ le Iain MacLeòid, taobh-duilleig 207.

Is urrainn dhut èisteachd ris an ùghdar cuideachd agus e a’ bruidhinn mun chòmhradh shònraichte a bh’ aige còmhla ri Mòr.

Chaidh dà cheud agus a còig fear a bhàthadh ann an call na h-Iolaire, agus cha do mhair ach 75 beò. Bhiodh cuirp gan lorg air a’ chladach fad ùine mhòr às dèidh an tachartais ach, gu mì-fhortanach, bha 56 cuirp nach deach a lorg riamh. Ruith an t-eilean a-mach à cisteachan-laighe. Bha cuid de na daoine a mhair beò às an Iolaire a’ faireachdainn ciontach gun robh iad fhathast beò nuair a chaidh uiread de an càirdean is caraidean a bhàthadh, is bha e doirbh dhaibh bruidhinn ri daoine a bha air cuideigin a chall. Chuir a’ phian a dh'adhbharaich a’ mhòr-thubaist ris mar a bha cuid den luchd-seirbheis a’ faireachdainn troimh-a-chèile às dèidh dhaibh tilleadh bhon chogadh agus bha e doirbh do chuid a luchd-seirbheis ceangal a dhèanamh ri daoine timcheall orra nach robh air a bhith anns na trainnsichean. Bha pian na coimhearsnachd cho domhainn is nach biodh daoine a’ bruidhinn gu tric air an tubaist. Chaidh an uiread fhàgail mar bhanntraichean agus mar dhilleachdanan is gu bheil e doirbh dhuinn a-nis tuigsinn cho mòr ’s a bha a’ bhuaidh aig an tachartas seo air coimhearsnachd bheag, dhlùth mar seo.

Faic Gaiseat Steòrnabhaigh agus a’ West Coast Advertiser’, 10 Faoilleach 1919
Gaiseat Steòrnabhaigh & West Coast Advertiser 10 Faoilleach 1919, Td 2
‘Gaiseat Steòrnabhaigh & West Coast Advertiser 10 Faoilleach 1919, Td 2

(A’ fosgladh ann an uinneag ùr).

Dealbh de dh’aodach ga chrochadh ’s a’ tiormachadh sa ghaoith.

Freagairtean a dhìth

Ach bha a’ choimhearsnachd ag iarraidh fhreagairtean agus bha iarrtasan ann airson rannsachadh anns a’ bhad. Bha iomadh ceist ann, mar eisimpleir, dè an cùrsa a ghabh an Iolaire, an robh mearachdan stiùiridh ann, agus bha fathannan ann gun robh deoch air cuid den chriutha.

Chaidh Cùirt Rannsachaidh a’ Chabhlaich a chumail gun dàil. Chaidh gnothaichean na Cùirte a chumail gu prìobhaideach agus chaidh na co-dhùnaidhean a thoirt do dh’Ùghdarras a’ Chabhlaich ach cha deach am foillseachadh gu poblach gu 1970. Bha an aithisg aca neo-chinnteach:-

'Chan eil fianais ann gus mìneachadh carson a thachair an tubaist oir cha do mhair gin de na h-oifigearan a bha air bòrd no de na stiùireadairean no luchd-faire a bha air an deic aig an àm beò. Chan urrainnear beachd a thoirt seachad air an robh duine sam bith ri choireachadh airson na thachair.'

Chaidh Rannsachadh Poblach a chumail le diùraidh ann an Steòrnabhagh sa Ghearran 1919. Chaidh a thoraidhean fhoillseachadh fad is farsaing anns na pàipearan. Fhuair e a-mach nach robhar cùramach gu leòr air an t-slighe a-steach dhan chala, nach deach òrduighean a thoirt do dh'oifigearan, agus gun robh dàil ann mus do ràinig uidheamachd-sàbhalaidh an t-àite, agus nach robh gu leòr sheacaidean-, bàtaichean- no ràthan-teasairginn ann airson na bh’ ann de luchd-siubhail air bòrd. Ach cha do lorg e fianais sam bith gun robh an deoch air a’ chriutha.

Mhol e:

  • Gum bu chòir leasachaidhean mòra a dhèanamh air mar a bha uidheamachd-sàbhalaidh air a giùlain airson suidheachaidhean far an robh longan ann an èiginn.
  • Gum bu chòir do Choimiseanairean nan Taighean-solais beachdachadh air solas a chur suas aig Tolm aig a’ chala.
  • Gum bu chòir dhan Riaghaltas goireasan siubhail iomchaidh agus sàbhailte a thoirt seachad airson saighdearan agus airson seòladairean a’ Chabhlaich.
  • Gum bu chòir gaisgeachd a’ mharaiche I F MacLeòid aithneachadh le Urras Carnegie agus An Comann Daonndach Rìoghail a chionn 's gun do shnàmh e dhan chladach le ròpa.

Chaidh molaidhean a dhèanamh a thaobh a bhith a’ toirt seachad uidheamachd-sàbhalaidh airson luchd-siubhail aig a’ Chòmhdhail Eadar-nàiseanta airson Sàbhailteachd Beatha aig Muir às dèidh mòr-thubaist an Titanic ann an 1912, ach cha deach seo a chur an gnìomh air sàillibh a’ chogaidh. Chaidh a chur an gnìomh ann an lagh eadar-nàiseanta leis a’ Chùmhnant Eadar-nàiseanta airson Sàbhailteachd Beatha aig Muir ann an 1929 agus ann an lagh na RA le Achd na Loingeis Mharsanta (Cleachdaidhean Sàbhailteachd is Loidhnichean Luchdachaidh) 1929.

Faic Molaidhean an Rannsachaidh Phoblaich, a chaidh fhoillseachadh san Albannach, 12 Gearran 1919
Dealbh de dhuilleag 7 den Albannach. Molaidhean airson Rannsachadh Poblach foillsichte san Albannach 12 Gearran 1919.
Faic Molaidhean an Rannsachaidh Phoblaich, a chaidh fhoillseachadh san Albannach, 12 Gearran 1919.

(A’ fosgladh ann an uinneag ùr)

Dealbhachadh de mhullach taigh-croite.

Maoin na Mòr-tubaist

Chaidh Maoin Mòr-thubaist na h-Iolaire a stèidheachadh cha mhòr sa bhad agus thog e sùim mhòr, an dà chuid tro thabhartasan agus tro thachartasan gus airgead a thogail a chaidh a chur air dòigh leis na Comainn Ghàidhealach ann an Glaschu agus ann an àiteachan eile. Cha robh sochairean stàite ann aig an àm agus mar sin, bha an t-airgead bhon mhaoin a’ toirt taic dheatamach do theaghlaichean a chaill an duine a dhèanadh beòshlaint dhaibh. Chaidh airgead na maoine a sgaoileadh gu farsaing am measg theaghlaichean a chaill cuideigin san tubaist, a’ gabhail a-steach seann-phàrantan. Bha an t-airgead a phàigh iad nas motha na an t-airgead a thug an Riaghaltas do Bhanntraichean Cogaidh, agus mar sin, dh'fhaodte gun do dh'adhbhraich seo connspaid.

Faic na cunntasan anns na pàipearan-naidheachd mun mhaoin:
Gaiseat Steòrnabhaigh & West Coast Advertiser 24 Faoilleach 1919
Gaiseat Steòrnabhaigh & West Coast Advertiser 24 Faoilleach 1919

(A’ fosgladh ann an uinneag ùr)
Tìm an Òbain, 25 Faoilleach 1919
Tìm an Òbain, 25 Faoilleach 1919

(A’ fosgladh ann an uinneag ùr)
Dealbhachadh den iarmailt.

Bochdainn

Coltach ris a’ chòrr de Bhreatainn, thug an crìonadh eaconamach mòr às dèidh a’ chogaidh agus flù na Spàinne droch bhuaidh air Leòdhas is na Hearadh. Chaidh seo a dhèanamh na bu mhiosa le crìonadh ann an gnìomhachas an sgadain, gnìomhachas a bha air a bhith air leth cudromach don eaconamaidh ionadail fad ùine mhòr, a chionn 's gun do chailleadh margaidean ann an taobh an ear na h-Eòrpa. Bha tòrr de na maraichean air a bhith ann an Cùl-taic a’ Chabhlaich Rìoghail agus bhiodh iad a’ faighinn airgead-glèidhidh airson seo, teachd-a-steach eile a chaill an cuid theaghlaichean. Tha fianais ann gun robh daoine a’ fulang cruaidh-chàs, agus bha aithrisean ann cuideachd air mar a bha a’ choimhearsnachd a’ toirt taic do chàch a chèile agus a’ co-roinn na bh' aca, ged nach robh mòran aca.

Dealbhachadh de phàirtean taigh-croite.

Sealbh air an Fhearann

Bha mar a bha feum air ath-leasachadh an fhearainn air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan air a bhith na chuspair mòr bho chionn fhada. Chaidh aghaidh a chur ri seo an toiseach le Achd nan Croitearan 1886, a thug còir-ghabhaltais do chroitearan. Ann an 1911 bha gealladh ann an Achd nan Uachdaran-fearainn Beaga (Alba) gun rachadh talamh croitearachd is àiteachais ath-roinn, agus bhathar air Bòrd Àiteachais na h-Alba a stèidheachadh gus seo a chur an gnìomh. Chaidh na cumhachdan aige a leudachadh le Achd Rèiteachaidh an Fhearainn (Alba) 1919 a thug cumhachd dhan Achd oighreachdan chaorach is oighreachdan-seilg a roinn a-mach. Mar sin, bha luchd-seirbhis a bha a’ tilleadh bhon chogadh an dùil na croitean aca fhèin fhaighinn, ach cha deach seo a choileanadh. Gu ìre, thachair seo a chionn 's gun robh tuathanasan ann an Leòdhas, eu-choltach ri àiteachan eile, cho beag mar-thà, is nach gabhadh an roinn mòran a bharrachd, agus bha glè bheag de dh’oighreachdan-seilg ann co-dhiù. A bharrachd air sin, cha robh am Morair Leverhulme, leis an robh Leòdhas is na Hearadh aig an àm, a’ toirt taic do chroitearachd. Cha robh e a’ tuigsinn gur e dòigh-beatha a bh’ ann an croitearachd cho math ri dòigh air beòshlaint a chosnadh, is mar sin, cha thug e seachad talamh sam bith airson ath-riarachadh mar chroitean. Chruthaich e obair gus beòshlaint a thoirt do na h-eileanaich, ach aig a' cheann thall, dh'fhàillig am pròiseact seo agus chuir seo ris a’ bhochdainn anns na h-eileanan.

Dealbhachadh de rudan eas-chruthach.

Crìonadh-sluaigh agus Eilthireachd

Leis na brisidhean-dùil seo, rinn iomadh duine an co-dhùnadh gluasad gu tìr-mòr na h-Alba, no nas fhaide air falbh. Mar eisimpleir, rinn 800 fireannaich is boireannaich òga à Leòdhas imrich a Chanada, mòran aca air bòrd a’ Mhetagama, airson beatha ùr mar shearbhantan no mar luchd-obrach tuathanais. Thug Achd Tuineachaidh na h-Ìompaireachd 1922 cothrom don riaghaltas taic-airgid a thoirt do dh'eilthirich ma chaidh am moladh air a son le saoranach Breatannach ann an Canada, agus ghabh iomadh duine ris a’ chothrom seo. Bha seo a’ leantainn air bho phàtran eilthireachd a bha gu math cumanta san linn mu dheireadh, mar thoradh air fuadaichean is bochdainn, ach chuir seo ris an droch shuidheachadh eaconamach anns an robh na daoine a bha air fhàgail san eilean.


Carragh-chuimhne na h-Iolaire

Chaidh carragh-chuimhne airson Mhòr-thubaist na h-Iolaire a thogail ann an 1960 agus chaidh seirbheis chuimhneachaidh a chumail air 1 Faoilleach 1999.

Tha a’ mhòr-thubaist fhathast na thachartas anabarrach mòr ann an eachdraidh Leòdhais is Na Hearadh, agus ged a tha na daoine a mhair beò no aig a bheil cuimhne air a' chùis a’ sìor fhàs gann, tha fios aig barrachd is barrachd dhaoine air na thachair. Chaidh a comharrachadh le Pannal Cuimhneachaidh na h-Alba mar an tachartas Albannach mu dheireadh anns a’ Chogadh Mhòr agus thèid a comharrachadh air a’ 100mh ceann-bliadhna anns an Fhaoilleach 2019.

Dealbh de dh’àite na mòr-thubaist ann an 2016.

Anns an dealbh seo a chaidh a thogail ann an 2016 chithear carragh-chuimhne na h-Iolaire air an làimh chlì le Biastan Thuilm air an làimh dheis.