Iolaire

Obair an luchd-ealain

Chaidh iomadh dàn, òran, dealbh, leabhar agus seòrsa obair-ealain eile a dhèanamh mu chall na h-Iolaire thar nam bliadhnaichean agus suas chun an latha an-diugh, an dà chuid sa Ghàidhlig agus sa Bheurla. Chan eil an earrann seo a’ sealltainn ach beagan de na chaidh a dhèanamh agus mar a chaidh an sgeulachd a mhìneachadh tro ealan bho 1919 chun an latha an-diugh.

Dealbhachadh de choire ga goil.

Òrain

Òran na h-Iolaire

A’ luchdachadh a’ chluicheadair ...

Chaidh an t-òran seo a chlàradh ann an 1970, agus tha e air a sheinn le Flòraidh NicCumhais a rugadh ann an 1898, tè à Beàrnaraigh na Hearadh. ’S e cumha a tha seo mu na daoine a chaidh a chall ann an tubaist na h-Iolaire. Tha am bàrd a' smaoineachadh mu mhulad na feadhna a chaill daoine san tubaist. Chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh le Eachann MacFhionghuin à Beàrnaraigh agus tha e a’ tighinn à làmh-sgrìobhainn de na h-òrain aige a rinn a nighean Nellie NicFhionghuin.


'S Bochd an Sgeul a Rinn Mise Leughadh

A’ luchdachadh a’ chluicheadair ...

Chaidh seo a chlàradh ann an 1972 agus e air a sheinn le George Gow à Cataibh, a rugadh ann an 1885. Chaidh an t-òran seo a sgrìobhadh le athair an t-seinneadair.


Òran na h-Iolaire

A’ luchdachadh a’ chluicheadair ...

Chaidh an t-òran seo a chlàradh ann an 1977, air a sheinn le Màiri NicRath a rugadh ann an 1892, tè à Ùig, Eilean Leòdhais.

Chan eil anns na trì òrain seo ach cuibhreann bheag de na h-òrain a chaidh a sgrìobhadh mu chall na h-Iolaire. Gheibhear barrachd fiosrachaidh aig

Dealbhachadh de cheò ag èirigh fa chomhair eilein fad às.

Bàrdachd

Mairi Iain Mhurch’ Chaluim

A’ luchdachadh a’ chluicheadair ...

Air a sgrìobhadh leis a’ , à Leòdhas, agus chaidh fhoillseachadh an toiseach ann am ‘Fon t-slige: Under the shell’ bàrdachd le Anna Frater/Poems by Anna Frater’.
Glaschu, 1995. Comharra-sgeilp HP2.95.7880.


Mo sheanmhair, a chaill a h-athair air an “Iolaire”, oidhche na Bliadhn' Ùir, 1919

Tha mi nam shuidhe ag èisteachd ribh
agus tha mo chridh' a' tuigsinn
barrachd na mo chlaisneachd;
's mo shùilean a' toirt a-steach
barrachd na mo chluasan.

Ur guth sèimh, ur cainnt
ag èirigh 's a' tuiteam mar thonn
air aghaidh fhuar a' chuain
's an dràst' 's a-rithist a' briseadh
air creag bhiorach cuimhne;
's an sàl a' tighinn gu bàrr
ann an glas-chuan ur sùilean.

"Bha e air an ròp
an uair a bhrìs e..."

Agus bhris ur cridhe cuideachd
le call an ròpa chalma
air an robh grèim gràidheil agaibh
fhad 's a bha sibh a' sreap suas
nur leanabh.

Agus, aig aois deich bliadhna,
cha robh agaibh ach cuimhne air a' chreig
a bhiodh gur cumail còmhnard;
's gach dòchas a bha nur sùilean
air a bhàthadh tron oidhch' ud,
's tro gach bliadhn' ùr a lean.

Chàirich iad a' chreag
agus dh'fhàg sin toll.
Chruadhaich an sàl ur beatha
agus chùm e am pian ùr;
agus dh'fhuirich e nur sùilean
cho goirt 's a bha e riamh;
agus tha pian na caillich
cho geur ri pian na nighinn,
agus tha ur cridhe
a' briseadh às ùr
a' cuimhneachadh ur h-athar.

"... oir bha athair agam ..."