Iolaire

Buaidh air a’ choimhearsnachd

Thug call na h-Iolaire buaidh mhòr air coimhearsnachdan Leòdhais is na Hearadh. Às dèidh dhaibh tighinn beò tro uabhasan a’ Chogaidh Mhòir, bha call nam fear air an t-slighe dhachaigh, aig àm nuair a bha daoine an dùil ri fàilte is furan, na bhuille mhòr is anabarrach cruaidh do thòrr choimhearsnachdan air nach d’ fhuair iad seachad riamh.

Anns an earrainn seo, tha sinn a’ cluinntinn bho dhaoine ann an Leòdhas an-diugh, aig a bheil ceangail ris an tubaist, agus iad ag innse dhuinn na tha iad a’ smaoineachadh mun chùis.

Dealbhachadh de chleoc air sgeilp, làimh ri lus.

Calum MacLeòid, rùnaire Chomann Eachdraidh Steòrnabhaigh agus ogha aig ball-seirbheis a chaidh a chall air an Iolaire

Bha na bailtean fo sgòth dhorcha fad iomadh latha às dèidh na mòr-thubaist. Cha deach seotal breabadair a-steach do bheart: cha d’ rinneadh obair sam bith ach na bha deatamach. Bha na bailtean cho sàmhach is gun cuireadh fiù 's gairm coilich no cù a’ dèanamh comhart clisgeadh air daoine. Chaidh cùisean air ais dhan àbhaist mean air mhean gun chaoidh phoblach a bhith ann. Ach lean am bròn agus briseadh-cridhe agus, airson na feadhna a chaill luchd-gaoil, cha deach na beàrnan a lìonadh riamh.

Dh’fhàg mar a chaidh an uiread de dh'fhir òga a chall sa chogadh beàrn air leth mòr ann an sluagh Leòdhais is na Hearadh. Cha robh a’ mhòr-chuid de na fir òga sin pòsta agus, mar sin, cha tàinig ginealach ùr de chloinn às an dèidh. Bha tòrr de na boireannaich òga air am fàgail gun phòsadh airson a’ chòrr de am beatha. Mar tòrr den fheadhainn a chaidh a mharbhadh sa chogadh, bha tòrr de na fir a chaidh a bhàthadh air an ‘Iolaire’ fo ghealladh-pòsaidh, no bha iad an dùil gealladh-pòsaidh a thoirt seachad nuair a thilleadh iad dhachaigh.

Lean an t-sàmhchair neo-chrìochnach a thaobh na tubaist anns na bailtean uile agus ann an Steòrnabhagh gus an do mhol an Comhairliche Ailean Camshron a bha ann an Cùl-taic a’ Chabhlaich Rìoghail uair, 40 bliadhna às dèidh làimh, gum bu chòir carragh-chuimhne a thogail ann an Tolm.

Bha balla de shàmhchair air a bhith a' cuairteachadh na coimhearsnachd air fad às dèidh na mòr-tubaist is daoine gun a bhith ag iarraidh bruidhinn mu dheidhinn idir. Bha tòrr fada an aghaidh a bhith a’ cur suas carragh-chuimhne don ‘Iolaire’ an-toiseach, oir dhùisg e cus chuimhneachain phiantail do chuid.

Bhiodh aodach dubh air na boireannaich a chaill fir air an Iolaire mar a bhiodh air na boireannaich a chaill an cuid fhear sa chogadh agus cha bhiodh duine sam bith a’ bruidhinn mu dheidhinn idir sna taighean aca no sa choimhearsnachd. Bha e na chuspair tabù. Cha robh daoine, air feadh an eilein, deònach bruidhinn mun chùis. Ach ged nach robh daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn, bha na smaointean aig daoine air an tug an Iolaire buaidh troimh-a-chèile. Bha an ìomhaigh de chairt fhalamh na droch chuimhne do na teaghlaichean uile le luchd-gaoil nach deach a lorg riamh. Bha tòrr nach robh ag iarraidh dhol dhan chladh ionadail a chionn 's gun robh an luchd-gaoil air an tìodhlacadh ann.

Ann an artaigil ann an ‘Gaiseat Steòrnabhaigh’ ann an 1994, sgrìobh Ruairidh Moireach mun t-sàmhchair:

‘Tha aon rud cinnteach, cha deach bruidhinn mu dheidhinn gu tric. Ach chan eil sinn cho cinnteach carson. Co-aontachd shàmhach mar urram do na daoine a chaidh a mharbhadh is do an teaghlaichean. No is dòcha nach gabhadh na smaointean a chur an cèill ann am faclan. Ro throm-chùiseach is ro phiantail do dhaoine a bhith bruidhinn mu dheidhinn agus tha fios nach robh e freagarrach mar chuspair airson bruidhinn mu dheidhinn aig àm bìdh.’

Cha chuala mòran dhaoine a rugadh às dèidh na tubaist mu dheidhinn gus an deach a’ Charragh-chuimhne a thogail, gus an deach an leabhran ‘Sea Sorrow’ aig ‘Gaiseat Steòrnabhaigh’ fhoillseachadh agus gus an d’ rinn am BBC prògram rèidio mu dheidhinn aig deireadh nan 1950an. Cha robh fhios aig cuid gun deach seanair no seann-uncail a chall ann an suidheachadh cho uabhasach.

Cha do bhruidhinn an gaisgeach leis an ròpa, Iain Fionnlagh MacLeòid, ach dà thuras mun oidhche uabhasach sin ri a mhac. Aon turas nuair a thòisich an cogadh ann an 1939, agus uair eile ann an 1965 nuair a chaidh e fhèin agus Iain Moireach, a mhair beò às an tubaist cuideachd, air ais gu làraich na tubaist airson a’ chiad turais.

Fhuair mo sheanair bàs air an ‘Iolaire’ ach cha deach innse dhomh no do mo phiuthar mu dheidhinn na thachair gu 1958. Bha mi deich bliadhna a dh'aois aig an àm agus bha mo phiuthar 17. Ged a chaidh m’ athair fhàgail na dhìlleachdan leis an tubaist, cha do bhruidhinn e mu dheidhinn gu mionaideach riamh.   Bhruidhinn e rud beag mu dheidhinn seo ri mo phiuthar nuair a bha e còrr is 80 bliadhna a dh’aois. Cha deach corp mo sheanar a lorg a-riamh agus tha sinn a’ creidsinn gun tug an tachartas uabhasach seo droch bhuaidh air. Chaidh m’ ainmeachadh air mo sheanair.

Dealbhachadh de shiuga.

Freya NicLeòid, ban-iar-ogha Iain F MhicLeòid, a mhair beò à tubaist na h-Iolaire

Is mise Freya, tha mi 17, agus tha mi a’ fuireach ann an Steòrnabhagh (ach 's ann a Port Nis a tha teaghlach m’ athar). Chuala mi mun ‘Iolaire’ an toiseach nuair a bha mi ceithir no còig bliadhna a dh’aois. Tha mi a' smaoineachadh gun cuala mi mu dheidhinn bho mo phàrantan an toiseach agus dh'ionnsaich sinn mu dheidhinn cuideachd mar phàirt de phròiseact sa bhun-sgoil.

Tha dlùth cheangal agam ri Iain F. MacLeòid. B’ esan mo shinn-seanair (seanair m’ athar). Cha robh mi eòlach air ach a rèir coltais, bha e gu math coltach ri mo sheanair fhèin. ’S e neach-togail bhàtaichean a bh’ ann, thug e seachad a’ mhòr-chuid den tìde aige a’ togail sgothan Niseach agus bha e fìor eòlach air a’ mhuir. Shàbhail Iain F. còrr is trì fichead duine nuair a chaidh an Iolaire fodha, le dìreach ròpa.

Cha bhi mo theaghlach a’ bruidhinn mu na thachair ro thric. Ach, bidh an cuspair a’ tighinn am bàrr bho àm gu àm air BBC ALBA no anns an sgoil, no fiù 's ann an rudeigin mar seo, agus cuiridh mi ceistean air m’ athair agus air mo sheanair mu dheidhinn. Gach turas, gheibh mi a-mach mu rudeigin air nach robh mi eòlach roimhe. Cha do bhruidhinn Iain F. gu tric mun Iolaire idir, ge-tà. Thuirt m’ athair gun robh e gu math sàmhach is iriosal mun chùis.

Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil fios aig tòrr òigridh a tha a’ dol tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air seo a chionn 's gu bheil e na phàirt de chultar an eilein. Anns a’ bhun-sgoil bhiodh daoine aig a’ Mhòd daonnan a’ seinn, a’ leughadh bàrdachd no a' gabhail pàirt ann an dealbhan-cluiche mun Iolaire agus sin as adhbhar gu bheil òigridh ann an saoghal na Gàidhlig nas eòlaiche air a’ chuspair seo.

Dealbhachadh de dhealbh air balla seòmar-suidhe.

Guthan Òigridh Leòdhais

Tha na clàraidhean seo sa Ghàidhlig agus faodaidh tu cuideachd na tar-sgrìobhaidhean Beurla a leughadh seo.


Anndra MacFhionghain, 23, Steòrnabhagh

A’ luchdachadh a’ chluicheadair ...

Kathleen Corbett, 18, Gabhsann bho Dheas

A’ luchdachadh a’ chluicheadair ...

Fiona Rennie, 24, Gabhsann bho Dheas

A’ luchdachadh a’ chluicheadair ...

Màiri Ros, 23, An Rubha

A’ luchdachadh a’ chluicheadair ...

Agallamh le Dòmhnall MacLeòid

Rugadh Marion Nic a’ Ghobhainn, no Mòr Bhrù mar a bh’ aig a h-uile duine oirre, ann an 1914 ann an Iarsiadair agus b’ i an nighean aig Coinneach is Cairistìona Nic a’ Ghobhainn. Bha Coinneach ann an Cùl-taic a’ Chabhlaich Rìoghail agus bha e 45 aig àm na tubaist. Chaidh a thìodhlacadh ann am Bostadh ann an Leòdhas.

Anns a’ bhideo seo, tha Iain MacLeòid, ùghdar an leabhair ‘When I heard the bell’ a’ cuimhneachadh air còmhradh sònraichte a bh’ aige le Mòr nuair a bha i cha mhòr 94 bliadhna a dh’aois.

A’ luchdachadh a’ chluicheadair ...

Leugh tar-sgrìobhadh den bhideo an seo