Skip to main content

‹‹‹ prev (14) Page 12Page 12

(16) next ››› Page 14Page 14

(15) Page 13 -
13
VI. Co iad a ta fo ughdarras an t-Seisein?
Uile bhuill na h-Eaglais a ta fo ’n coimhead?
VII. Ciod e dleasdanas gach Eaglais no gach coimhthionail, a
thaobh an t-Seisein?
An t-ughdarras sin a tha air a thoirt le Criosd a chumail
suas le mor mheas, agus umhlachd shuilbhir d’a a nochdadh’s
an Tighearna; le co-oibreachadh dileas anns na h-innleachdaibh
feumail a tha e a’ moladh. 1 Tes. v. 12,13: “ Agus guidheamaid
oirbh, a bhraithre, aithne bhi agaibh air an dream a tha saoith-
reachadh ’n ur measg agus a ta os bhur ceann ’s an Tighearn,
agus a tha ’g ur comhairleachadh; agus meas mdr a bhi agaibh
dhiubh ann an gradh air son an oibre. Bithibh siochail ’n ur
measg fein.”
VIII. Co dheth a tha Cleir air a deanamh suas?
Do Mhinisteiribh sgireachdan a ta goireasach, no fagus d’ a
cheile.
IX. Ciod i farsuingeachd Uachdranachd laghail na Cleire?
Tha e a’ gabhail a steach a buill fein maille ris gach Seisein
agus comhthional abhuineas d’a; tha e 'n a mhdd a dh’ ionnsuidh
am bheil ciiisean air an togail o Sheisein, aig am, bheil coimhead
coitchionn a’ choimthionail fo a churam, agus o bhreth-sa o am
bheil cuisean gu bhi air an toirt a chum an t-Seanaidh.
X. Co dheth a ta Seanadh air a dheanamh suas?
Tha e air a dheanamh suas do Mhinisteirean Chleirean air
leth, dluth d’ a cheile, le Seanair-Riaghlaidh as gach Seisein.
Ann an Eaglaisibh Cleireachail Chanada agus New South Wales,
&c, is e an t-ard-Mhdd Uachdaranachd Laghail e; ach ann an
Eaglaisibh eile a’s lionmhoire agus a’ ’s farsuinge, mar tha Eag-
laisean na h Alba’, agus na h-Eirinn, agus America; tha mar an
ceudna Ard sheanaidh air an deanamh suas do bhuill shonruichte,
mhinistearan agus Sheanairean-Riaghlaidh, air an cur air leth
le gach Cleir do ’n Eaglais.
XI. Am bheil an Tiomnadh Nuadh a’ toirt seachad samhlaidh
’s am bith cosmhuil ri an leithidibh sin do mhddaibh Eaglais?
Tha e, anns an xv. Caibideil do Ghniomara nan Abstol.
XII. Cia mar tha ’n xv. Caibideil do G-hniomhara nan abstol
a’ cur a’ ghne Riaghailt Eaglais so air chois?
Tha na firinnean a ta air an sgriobhadh ann ’n an eiseimpleir
dhuinne, a’ toirt dhuinn a shamhladh so do shuidheachadh. Ann
an Eaglais Antioch, chaidh ceist a thogail mu chreidimh, agus
mu ghnathas ml’ Eaglaisean Chriosd. (Rami 1, 2) chaidh a
fagail gu bhi air a socruchadh no air a dearbhadh aig Coimh-
thional a bha gu cruinneachadh ann an lerusalem. (Rann 2,)
Bha ’n coinh-chruinneachadh so air a dheanamh suas do luchd-
Riaghlaidh na h-Eaglais, ach bha e fosgailte do’n mhor-shluagh
uile, (Rann 6, 12,) Thdisich i le tuigse fhaicilleich a chleachd-
amh, (Rann 7,12,13,) agus cha deachaidh i a thaobh le inntinnibh
aoin-bheachd, air tus; ach le tagradh cothromach, agus le
smuaintibh geur-bheachd, fo thredrachadh coitchionn an Spioraid
Naoimh. (Rann. 7, 22, 28). Thug fear do’n chomh-chruinn-
eachadh doibh mineachadh leis an d’ aon taich iad gu h-aon-sgeulach
e bhi ceart, agus leis an do shocruicheadh a’cheist. (Rann 19,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence