Skip to main content

‹‹‹ prev (13) Page 11Page 11

(15) next ››› Page 13Page 13

(14) Page 12 -
Papanachd, a thaobh gu’m bheil e a" gabliail a stigh a h-aon d’ a
h-agartasan a’s daine; agus tha e a’ neartachadh mi-chreidimh;
do bhrigh ’n uair a tlia ministeirean an t- soisgeil a’ cur tlieagasg
air bhonn, ri sealltainn a stigb annta a gheibhear co amaideach,
agus co mearachdach ’s a tha so, tha iad a’ toirt a nuas an
creideis fein, an ann aithris do dhaoinibh fhirinnean agus theag-
asgan a th’ air an steidheadh air firinn, agus feumail a chum
slainte.
CAIB III.
C OMii- Shuxdheachadh AGU s Uachdah axaciid lag hail Chuirtean
na h-EAGLAis.
I. Ciod e nadur agus farsuingeachd an ughdarrais a thug
Criosd do luchd-riaghlaidh na h-Eaglais?
Tha e a mhain ’n a ughdarras ministeireil agus iochdaranach.
2 Cor. i. 24: “ Cha’n e gu’m bheil againn tighearnas air bhur
creidimh-sa, ach is luchd-cuidcachaidh sinn do ’ur n-aoibhneas.”
II. Ciod a tha air a chiallachadh le ughdarras ministeireil?
Is ughdarras e, air a thoirt dhoibh, mar mhinisteiribh, no
mar seirbhisichibh Chriosd, gu reachd a ghaimi, a chleachdamh,
agus oibreachadh a chum orduigh agus edlais spioradail na h-
Eaglais a chur air an aghaidh no a mheudaehadh.
III. Ciod a th'air a chiallachadh le ughdarras iochdaranach?
The e a’ ciallaehadh gu ’m bheil cuisean na h-Eaglais, ’n a
cuirtibh iochdaranach, gu bin air an togail a chum ard-chuirtean
tigh’ an Tighearna—Mar tha cuisean na Cleire gu Seanadh, agus
Seanadh gu Ard-sheanadh, agus na h-uile gu Criosd, mar tha a
thoil-sa foillsichte ’s an fhocal.
IV. Cionnus a tha riaghailt an ughdarrais so gu bin air a
cleachdamh?
Le na h aodhairean no na seanairean bhi air an cruinneachadh
gu Seisein, gu Cleir, agus gu Seanadh, agus Ard-sheanadh, no gu
comh-chruinneachadh coitchionn nan Diadhair. Gniomh xv. 6:
“ Agus thainig na h-abstoil agus na seanairean an ceann a cheile
a dh’ fheuchainn mu ’n chuis so.”
V. Ciod e Seisein Eaglais?
Is e am ministeir (a theagaisgeas agus a riaghlas) maille ris
na seanairean-riaghlaidh do choimhthional sdnruichte’s am bith,
air tighinn an ceann a cheile mar chuirt-Eaglais. Tha ’m
ministeir do ghnath mar Cheann-suidhe do ’n choinneamh, agus
feudar Cleir a’ choimhthionail a radh ri mod mar so air a shuidh-
eachadh. Tha’m mod so, leis an aird luchd-bhreth air a shuidh-
eachadh do reir eisempleir mhod nan Sionagog o shean, a chum
ghnothuichean Riaghailt agus Teagaisg. Ecsodus xviii. 21:
“ Agus taghaidh tu mach as an t-sluagh uile, daoine foghainteach,
agus cuiridh tu iad os an ceann ’n an uachdaranaibh.” Mat. xviii.
15—17: “ Ma pheacaicheas do bhrathair ’nat’ aghaidh, innis do'n
Eaglais e.” Faic mar an ceudna 1 Cor. v. 4, 13.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence