Skip to main content

‹‹‹ prev (12) Page 10Page 10

(14) next ››› Page 12Page 12

(13) Page 11 -
11
leithid sin do tliighinn a nuas, Tha’m Pobull air a’ mhodh sin gu
soilleir ceangailte, no fo fhiachaibh a chum a fagail, agus pilltinn
gu ughdarras Eaglais na Roimhe; ni ris an do chuir na minis-
teirean so air aon laimh gu h-amaideach an aonta, agus air an
laimh eile, a blia iad gu mi-aontachail a’ cur ’n a aghaidh.
XI. An ann a thaobh nach urrainn sinn fein coir agairt air a
leithid so do thiginn a nuas a tha sinn ’g a aicheadh?
Cha ’n ann. Ach do brigh gu’m bheil sinn ’g a mheas diomh-
ain, agus neo-Sgriobtuireil. Dh’ fheudadh an t-Abstol, ’n uair
thigeadh e’ n dhil choir-agartais gun bhunnchar, a radh “ Ge b’ e
air bith anns am bi neach dana (Tha mi labhairt gu h-amaideach,)
tha mise dana mar an ceudna. An Eabhraich iad? Amhuil is
mise. An Israelich iad? Amhuil is mise. Am bheil iad do
shiol Abrahaim? Is amhuil a ta mise.” Air an t-seol eheudna,
feudaidh sinne a radix, ma’s e agus gur h-urrainn aon chomunn
Protastanach coir agairt air a leithid so do thighinn a nuas,
feudaidh Eaglais na h-Alba, agus gach freumh dhi, a’ choir
cheudna agairt.
XII. Cia xjiar tha sin?
Tha sinn a’ faicinn roimh am an Ath-leasachaidh gu’n robh
am ministeirean air an drduchadh le Easbuigibh Papanach; agus
tha sinn a’ faicinn gu’m bheil a h-uile mhinisteirean ’n an Eas¬
buigibh iad fein, mar chaidh a nochdadh roimhe so, agus gu ’m
biodh an “tighinn a nuas” fadheoidh air a bhriseadh a reir
coltais, ni’s lugha na ann an Eaglais anns nach ’eil ach aon
mhinisteir a measg chiiig ceud air a ghabhail ris mar Easbuig le
cumhachd an dreuchd sin a thoirt seachad do neach eile. Ann
an amannaibh carraideach agus mi-riaghailt, dh’ fheudadh e bhi
air a chall a measg ard-Easbuigean Papanach, agus air a ghleidh-
eadh a measg Easbuigean cleireachail, no Protastanach.
XIII. Ach am bheil sinne gu sinn fein a shocruchadh, no gu
uaill a dheanamh as so?
Cha ’n ’eil gu cinnteach: Ma tha sinn gu amharc a mach air
son dhearbhaidhean gu’m bheil ar ministeirean air an cur le
Dia, ’s ann an nithibh eile, ach so, a gheibhear na dearbhaidh-
ean sin, agus cha ’n ann’s a’ ghnothach so, nach ’eil mar a’s fearr
ach neo-tharbhach agus diomhain.
XIV. Ciod an t-olc a tha ’g eirigh o mhinisteiribh Protastan¬
ach bhi a’ cumail a mach, gu’m bheil an “ tighinn a nuas neo-
bhristeach ” so bhi aca feumail a chum slainte, agus o iad a
ghabhail orra fein coir a bhi ac’ air?
Tha mdran uilc ullamh gu eirigh, a tha dol co fhad ri iad feiu
a chur as an Eaglais, do bhrigh, ’n uair a tha na tha iad a’ gabh-
ail orra, agus a’ cur an ceill a bhi feumail gu Eaglais a shuidh-
eachadh, air a dhearbhadh ’n a bhreig-eachdraidh. Tha iad, uime
sin, ’g an gairm fein a mach as a’ mhinistreileachd, agus a’ gairm
a’ phobuill air falbh o shlainte. Tha e a’ tarruing gu ughdarras
duine bhi air ardachadh os ceann ughdarrais Dhe, agus beul-
aithris ar sinnsear thar nan Sgriobtur, agus phoncan a ta annta
fein suarach thar fhirinnean cudthromaeh agus fheumail. Tha
e ’g altrum uabhair a measg luchd-teagaisg, ’s a’ diisgadh eas-
aontachd a measg Phrotastanach. Tha e a’ daingneachadh na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence