Skip to main content

‹‹‹ prev (15) Page 13Page 13

(17) next ››› Page 15Page 15

(16) Page 14 -
14
22) Chaidh an Reaehd-Riaghlaidh so a chur le h-ughdarras a’
chomh-chruinneachaidh ud a chum nan nil’ Eaglaisean. (Rann
28. agus xvi. 4). Tha an eiseimpleir so air a leantuinn, ann an
Riaghladh, maille ris na h-uile mion chunntas iomchuidh do
choimhthionalaibh air leth; sonraichte, agus leis an t-Seisein a
chum nan Eaglaisean a ta goireasach a thaobh coimhearsnachd,
leis a’ Chleir, agus do ’n Eaglais uile leis an Ard-sheanadh.
“ Deanaibh, na h-uile nithe gu deadh-mhaiseach agus le drdugh.”
1 Cor. xiv. 40.
CAIB. IV.
0IDEAS NA H-EaGLAIS.
I. Ciod e teisteas Sgriobtuireil mu Eaglais Chriosd?
Is comunn i do dh’ aiteam a th’ air an dealachadh o ’n chuid
eile do’n Chinne-dhaona chum seirbhis Dhe. Eoin xvii. 10:
“ Cha’n eil iadsan do’n t-saoghal.”
II. Ciod na meadhonan leis am bheil an teist so gu bhi air a
gleidheil?
Le gluasad dileas ann an oideas Sgriobtuireil 1 Cor. v. 7:
“ Glanaibh a mach, uime sin, an t-sean thaois ghoirt, a chum gu
'm bi sibh ’n ur meall nuadh.” (Faic a’ chuid eile do’n rann.)
III. Ciod an dbigh a reir am bu choir do Mhbd Eaglais a bhi
a’ cur oideis an cleachdamh?
Bu choir dha bhi, aims a’ clieud ait, gu h-ORDAiL. 1 Cor. xiv.
40: “ Deanar na h-uile nithe gu deadh-mhaiseach agus a reir
orduigh.” Anns an dara h-ait, gu Macanta. Gal vi. 1: “ Togaibh
suas a leithid sin do dhuine, ann an spiorad na macantachd.”
Anns an treas ait, gu Soluimte. 1 Read. iv. 11. “Ma labhras
neach’s am bith, labhradh e mar bhriathraibh Dhe.” Anns a’
cheathramh ait, gu Neo-CHlaon-bhretheach. 1 Tim. v. 21:
“ gun ni air bith a dheanamh le claon-bhreth.'’
IV. Ann an gabhail a steach bhall do’n Eaglais, am bheil an
luchd-dreuchd fo chumhnant gun a ghabhail a stigh ach iadsan
a rnhain a ta da rireadh ’n an naomhaibh?
Cha ’n urrainn e bhi air a dheanamh aithnichte gu’m bheil
neach do rireadh ’n a naomh, ach le Dhia a mhdin. Bhiodh e,
air an aobhar sin, mi-reusonta, an ni is eigin a bhi ’n a dhiomh-
aireachd do dhuine bhi ’n a cheann-f ath breth. Theagaisg ar Tigh-
earn agus a chuid Abstola dhuinn, nach ’eil staid dhiomhair an
anama gu bhi ’n a chuspair d’ ar breth-ne ’n uair a bhios daoine
’g iarruidh an gabhail a stigh mar bhuill do dh’ Eaglais fhaic-
sinneich, Chriosd—Chuir Criosd a mach mar shearmonaiche,
ludas, as-creidmheach, agus a bha ’n a f hear-bratha, ’g a ghabhail
a steach mar chompanach, agus theagamh gu comhpairteachadh
d’ a shuipeir; (Faic Luc. xxii. 10, 20, 21.) agus cha do dh’ eadar-
sgar se e gus an do dhearbh se a chealgaireachd fein le gniomh
soilleir. Amhuil a rinn abstol naomh air Simon Magus. (Faic
Gniomh. viii. 13, 23; faic mar an ceudna Mat. xxv. 1, 2.)

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence