Skip to main content

‹‹‹ prev (210) Page 202Page 202

(212) next ››› Page 204Page 204

(211) Page 203 -
Caib. II.] EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. 203
li-iomhaigliean bu lugha, agus chuir iad suas iad sin an aite
am faiceadh am manaoh iad a’ tighinn’s a’ falbh mar aingil,
mar bhatbas ’g an tarruing, ’s ’g an leigeadh as; ’s a’ toirt orra
dol mu’n cuairt air an Oigh an sealladh letser. Labhair i
mbran ris, agus, gu h-araid, dk’innis i dha gu do ghineadh
am peacadh i, ach nach robh i fad’s an truaidh sin. Thug
i breacag dha mar chbmhar air a’ cumhachd a dh’oibreachadh
mhiorbhuilean, a thionndadh o bhi goal gu dearg an tiota.
Thainig i iomad uair ga ionnsuidh, agus mu dkeireadh thuirt
e ris gu cuireadh i na failean bh’air Criosd fein air-san, a
leigeadh ris a graidh da chionn na bha e deanamh. Sin ghlac
i lamh, agus spar i tarruinn troimhe gun mhothuch do’n
amadan air a ghoirteas. Thainig e ’n ath oidhche air a sin le
cuid do’n lein annairt bh’air Criosd, a chuir i air an lot; agus
thug i deoch chadail da’s an robh fuil leanaibh nach deachaidh
a bhaisteadh crathadh beag do nithe cubhraidh agus salan
eoisrigte, airgiod beo, fabhra leanaibh, agus nithe eile bheir-
eadh a mhothachadh uaith, a chuir an ard mhanach tre cheile,
le ubagan, agus gisreagan, a’ guidheadh air an diabhal fein
a chomhnadh. Am feadh a bha’m manach bochd ’n a shuain,
thainig each agus chuir iad na ceithir failean eile air. ’Nuair
a dhuisg e as a shuain bha e air a lionadh le solas, agus
chreid e mar fhirinn, gu robh e an aite Chriosd air thalamh,
mar a dh’fhuiling e. Thaisbeanadh e d’ an t-sluagh air an
Altair mhoir. Cha robh na Franciscans toilichte, chionn
daoine bhi ’g a choimhead le mor ioghnadh gun teagamh sam
bith aca, mu na bha iad a’ faicinn. Thug a’ chomunn fein
deoch eile dha, a dh’oibrich air gus an do chaill e ’thur, chual
e sin guth, thainig ga ionnsuidh, le’n innleachdan, o Mhuire
agus o’n leanabh losa, seadh, na h-iomhaighean agus deuraibh
air gruaidh na h-Oighe. Dh’fharraid an leanabh, no’n ard
mhanach a bha ’gu fior a’ labhairt, d’a mhathair c’arson a bha
i caoineadh ! Fhreagair i, gu robh chionn a’ chomuinn bha
cur an ceill i bhi co-ionann ri mac as aonais peacaidh gin.
Bha gach tanasg fuathach agus uamhan, bha na Domini¬
cans a’dealbhadh, tighinn na h-uile oidhche chum a’ mhanaich;
gus mu dheireadh an robh nithe ’g a dheanamh co soilleir, gun

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence