Skip to main content

‹‹‹ prev (211) Page 203Page 203

(213) next ››› Page 205Page 205

(212) Page 204 -
204
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B.T. 755—1545.
dragh no innleachd, ’s nach b’urrainu letser fein, a bka lan
baothaireacbd, gun an fhoill a thabhairt fainear, agus theab
e’n ard mhanach a mharbhadh ’n tra bha e tighinn g’a ionn-
suidh aon oidhcke an riochd na h-Oighe le crun air a cheann.
Bha eagal air na Dominicans gu faighte mach am foill, ’s gu
cailleadh iad an saothair, agus bha iad an duil gu b’e ni b’-
fhearr a b’urrainn iad a dheanamh, na bha iad ris, ’s an t-aobhar
bh’aca, innseadh do letser, agus duais mhdr a ghealladh dha
air-son a chleith, agus na bha iad cur rompa dheanamh.
Dh’aontaich e leo, mar a shaoil iad. Ach bha amharus aca
gu robh e air son am mealladh, agus chuir iad rompa cur as
da. Thug iad nimh dha uair no dha; ach bha e co laidir
’s nach do chuir e umhail air. Chuir iad builionn chuige aon
latha, ’s an robh nithe cubhraidh, bha fas uaine an latha, no
dha, thilg e mir dheth gu cuileanan madaidh alluidh a bha
stigh agus chuir sin as doibh air ball. Air am eile, chuir
iad nimh ’s a’ bhreacaig, ach thilg e nios e, agus thearuinn
e ris. Fhuair e fath air teicheadh, agus rainig e luchd-riagh-
laidh a’ bhaile, d’an d’innis e na h-uile, mar rinneadh air o
thoiseach. Chuireadh fios mu’n fhoill ris an robh iad do’n
Itoimh’s thainig teachdairean a dh’fhiosrachadh uime;—bha
gach comhdachadh soilleir, dhite a cheathrar mhanach, agus
chaidh an losgadh beo air an la mu dheireadh do cheud mhios
an t-samhraidh 1509. Fhuair letser bas beagan ’n a dheigh sin
aig Constance ; bha cuid an duil gu do chuir e as da fein,—
agus cuid eile am barail gu tug a naimhdean nimh dha; ach’s e
ni’s coltaiche gu deachaidh e eug leis na fhuair, ’s na dh’ fhuil-
ing e roimh.*
B'iad na manaich bha sireadh deirc bha teagasg nan sgoil-
ean mar bu bhitheanta; ’s am b’ioghnadh ged bha daoine
fuireach an dorchadas, mar bha’n dall a’ treoireachadh nan
dall. Bha’n luchd-foghluim, bha gabhail orra bhi ionn-
suichte, teagasg nithe gun fheum, a bha doirbh, agus gun
bhrigh do’n chloinn og,—’s gun eolas no buannachd do’n
aosda. Thoisich soillse ni b’thearr an corr ait air feadh na
h-Eorpa,—ach bha’n sluagh dol cuideachd anns gach aineolas
* Hottinger, Burnet’a Trayels, &c.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence