Skip to main content

‹‹‹ prev (209) Page 201Page 201

(211) next ››› Page 203Page 203

(210) Page 202 -
202
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B. T. 755—1349.
aoin a bhuineadk do’n ckomuim clirabhach; ach threig mi iad
agus mkarbh iad mi’s an Fhraing air-son a’ chionta mhoir
sin, b’e neamk a dhiol orm am breitheanas thaobh aodach
nam manach a clmir dhiom;—tha mi nis am purgadoir air-
son mo dhroch-bheirt, ach feudaidh tusa mo thoirt as a phein
mhbir’s am bheil mi.” Bha sgeul agns acain an Dominicain
ro thruagh, agus gheall am baothaire gu deanadh e na b’urr-
ainp e gu thoirt as an dorainn. Sin tkuirt an cealgair ris gu
feumadh na manaich uile iad fein a sgiursa gu sgaiteach fad
ochd laithean, ’s gu feumadh letser luidhe sios an am na
h-aifrionn mar aon air a cheusadh, mu’n tugta e-san as an
ionad phiantail, far an robh e air a chradh gu goirt.
Thuirt e ris gu deanadh na bha e ri fulang e ro mhor aig
an oighe Muire, agus dh’innis e dha gu tigeadh e ris le da
spiorad eile an nine bheag. Co luath’s a thainig an latha,
chaidh letser a dh’innse a sgeoil do na manaich, a spar air
toiseachadh ris na chaidh iarruidh air a dheanamh; bha na
ceithir manaich a’ dearbhadh ’n an teagasgan gu bu mhior-
bhuil ro mhor a chunnaic letser. An ath oidhehe, chunnaic e
tri ann an coslas an aibheisteir; dh’innis a’ cheud fhear dha
uile ghniomha a bheatha, thug e air a chreidsinn gu b’fhirinn
na h-uile focal a labhair e; ged fhaodadh am burraidh bochd
a smaointeachadh gu faigheadh e am fiosrachadh sin o athair
eisdeachd. Finn e moran seanachais ris mu’n chomunn, a
bha e cur an ceill a bha ro-thaitneach do’n Oigh Naomh;
agus thuirt e ris, gu robh fios math ni’s leoir aice, gu d’ rug-
adh i am peacadh; gu robh na daoine foghluimte bha teag-
asg an ro-thruailleachd am purgadoir,—gu robh diom mbr aig
an Oighe bheannaichte ris na Franciscans chionn a radh gu
robh ise co-ionann ri Mac ’s gu rachadh am baile sin Bern
a thilgeadh sios a chionn iadsan a bha comhnuidh ann.
Shaoil letser aon uair gu b’e ’n ard mhanack’s an tigh aca fein
bha labhairt ris, mar bha ghuth ro choltach, ach an do
smaointich e gu robh foill gu chaitheadh air ? Bha’m man¬
ach tighinn anis an riochd aon naomh, agus a ris an riochd
aoin eile, gus na ghabh e air fein samhladh bha e caitheadh
air na laithean feill bu mho, cheangail iad sraing ris na

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence