Skip to main content

‹‹‹ prev (175) Page 167Page 167

(177) next ››› Page 169Page 169

(176) Page 168 -
ICS
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B.T. 755—1545.
an linn so air a’ ckreideamh sgaoileadh feadh China, agus air
na Tartaraich iompachadh, ach bha iomad aobhar air grabadh
chur orrasan bha deonacli agus eudmhor’s a’ ghniomh.
Thbisich uachdranachd eaglaise na Roimh nis ri claonadh.
Feudar so fhaicinn o’n chomh-stri bha eadar Boniface VIII.
agus Philip Ban-righ na Frainge. Bha aigne an righ sin ard;—
bha e dan, misneachail;—ged chriothnaich iomad prionnsa le
geilt roimh hi phapa uaibhreach, an geilleadh e-san ? Chuir
Boniface an ceill ’n a linn gu robh ughdarras aige o neamh
thar Philip, co math ris gach righ agus prionnsa air thalamh,
an gnothuichean aimsireil co math agus spioradail. Chuir
an righ fios chuige nach robh aon sam bith thairis air-san an
nithe aimsireil, agus rinn e dimeas air uaill uaibhreach.
Fhreagair am papa le uaibhreas bu mho, agus’s an reachd
ainmeil sin (Unam Sanctam) a chuir e mach mu’n am so,
bha e cur an ceill, gu tug Criosd da chumhachd do’n Eaglais;
no’m briathraibh eile gu tug e da chlaidheamh dha, claidheamh
spioradail agus claidheamh aimsireil,—gu robh an cinne-daoin’
uile fodh ’n phapa, agus aon sam bith a dh’aicheadhadh sin,
nach robh ann ach baothaire, ’s nach b’urrainn gu bitheadh e
air a shabhaladh. Thug an righ, air an lamh eile, air fear-
lagh ainmeil, ann an comhairle a mhorairean agus a dhaoine
cumhachdach, gach ni’s an robh e coireach chur an aghaidh
a’ phapa; agus chuir e sios saobh-chreideamh, reic nithe
naomlT agus moran dhroch-bheartean. Dh’aithn an righ an
sin coinneamh bhi do’n chleir uile, chum aon a bha co choireach
chur as a dhreuchd. Chuir am papa ’s a’ chleir an righ’s
gach aon bha gabhail leis fodh ascaoin eaglaise.
Co luath’s a fhuair an righ fios air a’ bhinn a thugadh ’n a
aghaidh ghairm e cuideachd comharlaichean a rioghachd,
agus dh’ainmich e na daoine bu chomasaiche dhiubh gu suidh
am binn air a’ phapa, agus leig e gach ni gu radh na comhairle-
Chuir e Uilleam o Nogaret agus feadhainn eile do’n Fhead-
ailt a bhrosnachadh dhaoine an aghaidh a’ phapa, g’a ghlac-
adh, ’s g’a thabhairt gu Lions, far an robh an righ cur roimhe
a shuidheadh a’ chomhairle thoirt breth. Bha Nogaret
eudmhor’s a’ chuis mar bha e’n tus cur sios gach coire chuir

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence