Skip to main content

‹‹‹ prev (176) Page 168Page 168

(178) next ››› Page 170Page 170

(177) Page 169 -
Caib. I.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
K>y
e a leth Ehoniface, agus fhuair e cuideachadh o theaghlach
mor Oholonna. Rug iad air Boniface aig Anagni,—far an
robh e chomhnuidh gun churam, no eagal. Bhuin Nogaret
ris gu taireil, ’g a bhualadh’s a1 deanamh dimeas air, gus an
d’eirich muinntir a’ bhaile ’s an tug iad e o namh cruaidh,
dioltach,—’s thug iad an sin e do’n Roimh, far an do chaochail
e am beagan uine hi a dheigh, le brise-cridhe agus tamailt,
chionn na rinneadh air. “ Thainig e do’n chathair mar
shionnach, bha e riaghladh mar loomhan, agus chaidh e eug
mar chu.”*
Chunnaic am papa hi a dheigh meud a’ chunnairt’s an robh
am fearmudheireadh,—dh’fhuasgaileanrigho ascaoinEaglaise,
ach cha tugadh e maitheanas do’n fhearlagh a rinn ar-amach
an aghaidh morachd an ard chleir. Bha Nogaret coma co-
dhiubh, agus thug e mach an lagh an aghaidh a’ phapa a
chaochail, agus chaidh a chuimhne a dhite gu folaiseach.
Ohaochail Benedict XL, ’s a’ bhliadhna 1304, agus fhuair
Philip le innleachdanRrangach chur ’n a aite, agus dh’iomchuir
iad cathair a’ phapa do’n Frainge, far na shuidh an ard chleir
fad sheachd agus tri fichead bliadhna.
Bha m papa nis, ris an canadh iad Clement V., fodh rian
an righ, agus bha sin feumail, an am’s an do dhite ceann na
h-Eaglaise a bha iad gairm neo-mhearachdach, no nachb’urr-
ainn dol mearachd. Bha’m papa cur gach dail agus sar bha
n a chomas anns a’ bhinn a cho-dhunadh ; ach fhuair rich na
Frainge mu dheireadh e fein agus uile dhaoine, agus arioghachd
a shaoradh o mhallachadh na h-Eaglaise. Bha comh-stri agus
aimhreit mhor’s a’ Ghermailt mu’n chorau, mar chaidh dithis
do dhaoine cumhachdach na h-iompaireachd ainmeachadh
airidh air an inbhe. Chuireadh Lughais fodh ascaoin Eaglaise
s chuir e-san nithe coireach as leth a’ phapa; bha e air a
lionadh le feirg air-son na rinneadh, agus thriall edo’n Fhead-
ailt far an d’eirich moran ’n a aobhar, agus thug iad air ard-
chleir Cholonna a chrunadh’s an Roimh. Roghnaich iad an
sin papa eile nach do mheal a dhreuchd fada.
Mu gach papa lean gu Griogair XL, cha ruig sinn^ leas a
* Farmer’s Eccles. Hist., vol. i., p. 238.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence