Skip to main content

‹‹‹ prev (174) Page 166Page 166

(176) next ››› Page 168Page 168

(175) Page 167 -
Caib. I.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
167
co mdr’s gu robh iad a’ fenchainn gach doigh agus innleachd
gu neart na h-Eorpa chur air thurus eile, ged bha gach turns
air an deachadh iad roimh hi a chall co mor ’s air co beag
buannachd. Chaidh mbran uidheamachaidh dheanamh o’n
bhliadhna 1307, gu 1363,—feachd chur air chois agus
airgiod chur ri cheile, gu h-araid leis gach doigh bh’aig a’
chleir gu thogail trid maitheanais peacaidh,—chum dol thoirt
comhnadh agus saorsa do na Criosduidhean am Palestine, ach
bha ni eigin daonan tachairt bha cur dail, no grabaidh turuis
’n an rathad.
Ged bha doille agus aineolas, aimhreit, agus m-ireite co-
mor, bha, gidheadh iad sin uile, an creideamh ac lionsgaradh’s
a1 buadhachadh. Bha mbran do na cinnich, mar robh a chuid
bu mho, tionndadh o chreideamh an athraichean gus a’chreid.
eamh ur. Gun eolas air an spiorad, no gun umhail do’n
dealachadh mhbr tha eadar saobh-chreideamh agus an creid¬
eamh fior. Bha sin uile gu foghnadh mar bha solus aig
gabhail ’n a dheigh, uigh air uigh, gus fa dheireadh an robh
an creideamh fior-ghlan spioradail cur iompuidh orrasan aig
an robh an inntinn air a fosgladh. Bha, ach beag, uile uachd-
arain na h-Eorpa ’g aidmheil a’ chreideimh chriosduidh’s a’
cheathramh linn deug, agus, an 1386, thainig am fear mu dheir¬
eadh dhiubh steach do’n aireamh. Bha mhiann air rioghachd
aimsireil cur iompuidh air, math dh’fhaoidte,' ni bu mho, na
rioghachd spioradail, agus bha ban-righinn 6g nach tugadh a
lamh do phaganach ’g a bhrosnuchadh ni bu mho, na b’urrainn
cumhachd papa, agus labhairt cleir.
Bha mbran do thir na Spainnte fathast aig na Saracens ;
ach ged bha iad dangarra, cogach, bha iad gu bitheanta call.
Bha prionnsan Africa, agus iompairean Mhorocco cuideach-
adh leo. Cha robh sin toileachadh a’ phapa agus bha e
deanamh na bha ’n a chomas, a’ spreigeadh nan criosduidhean
anns gach aite, an aghaidh nan ana-criosduidhean. Bha, air
an aobhar sin, iad dol cuideachd an comhairle agus an gniomh,
agus bha aogus air an cuis gu faighte buaidh air a’ cheann
mu dheireadh ’s gu cailleadh luchd-aidmheil a’ chreideimh
Islaim an Spainnte uile. Chaidh oidheirpean a thabhairt’s

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence