Skip to main content

‹‹‹ prev (173) Page 165Page 165

(175) next ››› Page 167Page 167

(174) Page 166 -
166 EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B. T. 755—1545.
tional o gach aite le moran ionmhais, agus dhruid e iad an
daighneach teann. Ohuir sin agns iomad call eile a thuit an>
ach am papa gu trom smaointean agus mi mhisneaeh, a ghiorr-
uich a laithean, chaochail 'e am beagan uine ’n a dheigh.
Bha’n ath phapa shuidh’s a’ chathair do inbhe ard, agus
an caoimbneas an iompaire, agus, uime sin, bha gach fiutkair
gu bitheadli iad reidh,—ach bha iarrtais co mdr’s nach b’urr-
ainn an t-iompaire gun tamailt a ghabhail, agus an diultadh
gu buileach. Cha robh Innocent IV. ’g a mheas fein sabhailt
’s an Fheadailt. Chaidh e as o chomas Fhrederic. Chruinnich
e’nard chleir, agus, ’s a’ bhliadhna 1245, chuir iad, ged nach
robh iad aon-sgeulach, an t-iompaire bhar na cathrach agus dh’-
eigh iad a’ chathair rioghail falamh. Ged bha bhreth thug iad
eucorach agus uaibhreach, thug prionnsan na Germailt geill
agus urram co mor do cheannard na h-Eaglaise, ’s gu do rogh-
naich iad iompaire eile. Cha tug sin leagadh no caochladh
air aigne ard Fhrederic; chum e’n cogadh suas ’s an Fhead¬
ailt gus an do chuir eu-slaint crioch air a laithean ann an
Apulia, an deireadh na bliadhna 1250. Phill Innocent IV.
an sin do’n Fheadailt. Bha papa agus papa ’na dheigh-san
mu nach ruig sinn leas labhairt. Bha cathair a’ phspa tri
bliadhna falamh le aimhreit agus cuilbheartan an ard chleir.
Thogadh Griogair gus an iribhe ard an 1272. Chum crioch a
chur air gach conspoid, aimhreit, agus cuilbheart mu rbgh-
nachadh papa ’n a dheigh, rinn e-san reachd a thoirt air an ard-
chleir bhi air an druideadh an aite eigin (conclave) gus am
barailean a thabhairt. Do na lean’s an linn so tha Boniface
VIII. amhain airidh air iomradh air son ainneirt, aleis
agus uaibhreis, ’g a thogail fein thar uile righrean an domh-
ain, ’s a’ cur crith air prionnsan le reachdan. Cha bu lugha
dh’fhoghnadh leis na bhi ’n a uachdaran thar na h-uile an
nithe aimsireil co math agus spioradail. Cha robh aon co
ceannairceach ris o na bha Griogair VII. ann, air an tug e
buaidh ’n a rathaidean uaibhreach.
Ann ceaihranih linn deug. Thoisich luchd-riaghlaidh na h-
Eaglaise a ris ri daoine dhusgadh gu dol gu cogadh na croise.
Bha’n eud air-son a chogaidh naoimh a thoirt amach Iuda?a,
1

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence