Skip to main content

‹‹‹ prev (172) Page 164Page 164

(174) next ››› Page 166Page 166

(173) Page 165 -
Caib. I.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
165
Bha Iain reir coltais gun mhothachadh air an tair, am feadh
bha gacli cridhe air a lionadh le feirg air-son an dimeas.
An deigh Innocent III., lean papa agus papa e bha cnmail
rompa mar bha e-san; ach mar nach ’eil ni sonraichte re’n
am cha ruig sinn leas an ainmeachadh. An 1227 thogadh
seann duine do’n chathair ris na cha’n iad Griogair IX., a
chuir dusgadh fodh gach aimhreit agus comh-stri a bha greis
an tamh, ’s a’ las suas na theine. Chuir e’n t-iompaire fodh
ascaoin eaglaise chionn dail a chur ’n a thurus do Phalestine
carbliadhna, ged b’e aobhar air sin gun leth-sgeul, seadh, bha
e neo-chomasach gu falbh o euslaint. Thriall Frederic an
1228, agus rainig e’m fearann bha air a mheas naomh. Thois-
ich an papa air uparaid agus cogadh 'n a iompaireachd,—air
prionnsan na h-Eorpa chur ’na aghaidh, agus moran storais
a thrusadh air son cogaidh na croise ach a bha e cur ’n a
ionmhas fein. Bha righ Shasuinn faoin, agus bha e-san ’g a
spuineadh mar a mhiann. Chual an t-iompaire mar bha gach
foill agus do-bheirt ’g a dheanamh. Phill e do’n Roinn-Eorpa
’s a’ bhliadhna 1229, chuir e’n teicheadh air feachd a’ phapa,
thug e mach na bailtean agus daighnichean thugadh uaith,
rinn am papa sith ris agus thug e maitheanas da gu soluimte.
Bha’n sith diomhnan, mar nach robh ceannairc agus uaibh-
reachas an t-seann duine so reir a ghiulan. Bha’n t-iompaire
treun, meanmnach, ’s bhuail e orrasan bha cumail cairdeas ri
Griogair. Ghlachd e eilean Sardinia, air an robh am papa ’g
agairt coir, agus thug e da mhac Entius e mar oighreachd.
Bha’n giulan so ro choireach an suilean a’ chleir. Bha Griog¬
air air a lionadh le feirg, agus chuireadh an t-iompaire fodh
ascaoin eaglaise a ris gu folaiseach, an 1239, air a mhodh bu
mhios’ a b’urrainn e ;—cur as a leth gach coire, ’s a’ deanamh
casaid air ris gach righ agus prionnsa fad na h-Eorpa. Sheas
an t-iompaire suas gu neo-thiom;—chuir e sgriobhan mach bha
cur an ceill a cheartais fein, ’s a dheadh chliu, bhuail e air
a naimhdean, ’s gu h-araid air neart a’ phapa a chuir e ’n a
theinn chruaidh. Ghairm Griogair an ard chleir ri cheile, ’s a’
bhliadhna 1240, ’s an Roimh, gus an t-iompaire chur as a chath¬
air, ach ghlac Frederic na saothaichean’s an robh iad sin a’

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence