Skip to main content

‹‹‹ prev (148) Page 140Page 140

(150) next ››› Page 142Page 142

(149) Page 141 -
Caijj. I.J
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
141
tigeadh e gu luath g’an comhnadh, gu cuireadli e eide righ air
agus gu’n eigheadh se e ’na iompaire air na Romhanaich. Eha
Otho Mdr rule dlieonaclr, thainig e do’n Fheadailt le moran
airm, agus mar agheall, dli’eigh Iain e ’na iompaire; achthug
am papa fainear an ath-ghoirid gu deachaidh e’m mearachd;
agus ged a mhionnaich e gu soluimte umhlachd do’n iompaire,
mar uachdaran dligheach, bhris e mhionnan agus chaidh e le
Adelbert, mac Bheringer, an aghaidh Otho. Dhiol e air-son
ar-a-mach. Phill an t-iompaire do’n Roimh, ’s a’ bhliadhna
964, ghairm e comhairle, dhit e’m papa air-son a dhroch-
bheart—chuir e as aite e gu maslach, agus chuir e Leo VIII.
’na aite. Co luath’s a d’fhalbh an t-iompaire, phill Iain do’n
Roimh, ghairm e comhairle, ’s a’ bhliadhna sin fein, dhit e’m
papa chuir an t-iompaire s.uas, agus an beagan uine fhuair e
has o bhuille bhuail Morear air’s an aghaidh, air-son a bhean
a thruailleadh. An deigh a bhais roghnaich na Romhanaich
Benedict V. Ach chuir an t-iompaire Leo’s a’ chathair.
Ged nach robh iadsan a lean ainmeil thaobh am fdghluim
’s an cailean, bha iad measara agus ceart am frithealadh. Bha
cuid dhiubh an sith re an laithean, agus cuid eile fulang, mar
bha ro bhitheanta, ’s na h-amaibh trioblaideach sin,-gu h-araid
deigh bais Otho mhoir a chum sios na Romhanaich le neart
agus deagh riaghailtean. Bha geur-leanmhuinn, dioghaltas,
agus mort ro-bhitheanta. Bha papa nach robh ach mios’s a’
chathair, agus b’ainneamh am fear bha caithe a bheatha, ’s a’
caochladh ann an sith.
Bha inbhe a’ phapa, ’s gach caochladh bha tachairt, dol ni
b’airde. Chuir Otho Mor mach reachd nach suidhichte papa
’s a’ chathair an aghaidh an iompaire, agus bha’n t-sochair so
aig amhac agus ogha ’na dheigh. Bha eud air easbuigeanna
Germailte, na Frainge agus na Feadailt, toirt orra bhi diultadh
ard-uachdranachd do easbuig na Roimhe—gidheadh, bha cuid
co brosgalach’s gu robh iad cur an ceill gu robh uachdranachd
aig a’ phapa thar na h-uile. Agus bha gach aon gabhail’s ag
iarruidh a choir sin. Bha an ughdarras thar tomhas, agus
bha iad deanamh am feum a b’fhearr a mhianuicheadh do gach
cumhachd agus comas a bh’aca. Ged bha iad an inbhe’s am

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence