Skip to main content

‹‹‹ prev (149) Page 141Page 141

(151) next ››› Page 143Page 143

(150) Page 142 -
142 ' EACHDRAIDH NA H-EAGLA1SE. [B. T. 755—1545.
pailteas—bha iad a dhith na thogadh iad am meas—bha
iomadh do’n chleir aignach robh a’ chreud. Bha namanaich
’s an airde ’n ear toirt caileigin dh’aire air measarachd; ach
’s an airde ’n iar bha iad gun suim sam bith do ghiulan ceart
no stuama. Bha cuid diubh co aineolach’s nach robh fios
aca air riaghailtean an naoimh Benedict, air an robh iad air an
ainmeachadh. Thug Odo, duine ionnsaichte, crabhach, oidh-
eirp air so a leasachadh, agus chaidh leis. Bha e, ’s a1
bhliadhna927,’na Aba,an cathairChlugni:—an tirBhurgandi;
thug e air na manaich aire shonraichte thabhairt do na
riaghailtean, agus rinn e fein feadhainn ur. Ghabh gach tigh
manaich iad sin feadh na Roinn-Eorp, agus uaith sin thainig
urdugh Ghlugni. An aon linn deug. Bha’n soisgeul ’g a shear-
monachadh ni b’fharsuinge measg almharrach, — ged nach
robh an iompachadh moran diubh ach an t-ainm. Bha righ-
rean agus uachdarain chrabhach, no diadhaidh, deanamh na
b’urrainn iad; agus easbuigean, agus ath’raichean na h-Eaglaise,
seadh, iadsan bha comharaichte le deadh ghiulan agus eud
air-son a1 chreideimh fhior, toirt na h-oidheirpean a b’fhearr.
Bha cuid do na daoine crabhach bha dol am measg duth-
cha na h-airde ’n ear a’ call am beatha, ’s ged bha cinn-
fheadhna feuchainn neirt, ’s a1 dioladh ainneirt—bha e neo-
chomasach thoirt air cuid do na cinnich almharrach cul chuir
ri’n iodhail-aoraidh, no’n deas ghnathacha fein a threigsinn.
Bha na Saracens riaghladh an Sicili o’n naothamh linn.
Thuinich Raibeart Guiscard, a thainig air choann Lochlun-
aich, an 1059, ’s an Fheadailt ’na dheigh sin, bha e ’na
Dhiuc an Amulia. Bha e air a bhrosnuchadh le papa Nicholas
II.—chaidh e le bhrathair Ruairi—agus bhuail e air luchd-
creideimh Mhahomeit. Cha do chuir Ruairi a chlaidheamh ’n a
thruaill, gus an do chuir e na naimhdean air theicheadh
agus an d’fhuair e’n t-eilean da fein. Thug e an creideamh
fior an aite an aidmheil fhoilleil. Thog e eaglaisean agus
tighean—aoraidh. Fhuair iad easbuigean, agus fhuair a’ chleir
moran shochairean a lean riu fada. Bha e-san air-son a ghais-
ge agus a mhaitheis air cheann na h-eaglaise, agus dh’fhag e’n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence