Skip to main content

‹‹‹ prev (147) Page 139Page 139

(149) next ››› Page 141Page 141

(148) Page 140 -
140
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B.T. 755—1545.
chorr aon, cha robh iad ni b’fhearr’s an airde ’n iar. Oha
bhi toileachadh no eifeachd an eachdraidh nam papa bha cur
a cheile as an aitean, ’s nacit robh mealtuinn an inbhe agus
an urraim ard ach nine ro ghoirrid.
Chaochail Lando, ’s a1 bhliadhna 914, agus fhuair Albert,
iarla Thuscani, Iain X., a chur’s a1 chathair.* Be Theodora,
a mhathair-cheile, a thug air sin a dheanamh; agus b’e mi-
stuamachd agus a mi-bheusan thug oirre na h-urrad dhoighibh
fheuchainn air a shon. Bha beatha agus giulan Iain maslach,
ach nochd e ghaisge an aghaidh nan Saracens, gidheadh, cha
b’fhad a mheal e aite. Bha ganlas aig nighean Theodora dha,
agus ghuidh i air a dara fear aghlacadh’s a chur am priosunn,
—a chionn e bhi mor aig a mathair chaidh chur gu bas an
sin, agus lean fear agus fear, an cathair a phapa a cheile, gus
an d’fhuair Marosia a bhan-iarla shanntach mhi-gheam-
nuidh—Iain XL—Mac a bh’aice ri Sergius III—Aon eile
bha cur am fiach bhi ’n aite an Naoimh Pheadair, chur an
cathair a’ phapa. Thilgeadh a sin e am B.T., 933, le Alberic
a leth-bhrathair nach fuiligeadh fhaicinn an deigh an dara
fear siubhal—mheall Marosia mi-gheamnuidh Tharis o righ
na Feadailte leis gach gealladh mbr bha i toirt da. Thug
Alberic air na Romhanaich eiridh an aghaidh Eoghain, oide,
a bha’n duil bhi ’na righ orra e fein, chur e as a’ bhaile iad,
agus dhruid e an daighneach oide, a mhathair agus a leth-
bhrathair, far an d’fhuair Iain bas, ’s a’ bhliadhna 936. Lean
ceitbir e feadh fichead bliadhna—a bha moran ni b’fhearr ceud-
faithean agus giulan. Chuir Alberic II. a mhac fein Octarian,
an cathair a’ phapa—aite urramach agus ro shaoibhir. Bha e
bg, agus gun fhoghlum, no fiosrachadh air son leithid do
dhreuchd. Ghabh e ainm ur, mar bha gach papa ’na dheigh
a’ deanamh. Ghairmeadh e Iain XII.
Bha ardachadh maslach, agus a bheatha mi-fhortanach.
Bha Beringer II., righ na Feadailte, cruaidh air. Chuir e
tachdairean, ’s a’ bhliadhna 960, gu Otho Mbr, ’g asluchadh
air tighinn le feachd laidir do’n Fheadailt, a shaoradh na h-
eaglais agus a’ phobuill o'n cuing. Gheall e gu soluimte, nan
* Mosheim.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence