Skip to main content

‹‹‹ prev (129) Page 121Page 121

(131) next ››› Page 123Page 123

(130) Page 122 -
122
EACHDEAIDH NA H-EAGLAISE. [B. T. 325—755.
’s a’ dhreuclid. Chuir e feadhainn mach as an eagiais, agus
dhiol e an anneart air na k-Iudhaich.
Grhabli Orestes an riaghalair fearg ris air-son a ghiulain,
agus chuir e roimhe an t-ard chleir so a smachdachadh ; sheas
cuig ceud manach leis agus chuir e air theicheadh e chum
masladh thoirt da,—thoisich e ri aoradh do mhanach ceann-
airceach a chuir Orestes gu has. Chuireadh as a leth mort
Uipatia, oigh ro fhoghluimte, ach an ain-fhios da, ’s ged bha
sgriobhaichean a’ comkdachadh nach robh gnothuch aige ri
gniomh coolc,cha robhteagamh nachb’e thoil e thachairt,—ged
bha e deas-bhriathrach gu deasboireachd, agus seasmkach
’s a1 chreideamh, cha robh fhoghlum mor.
Oha’n fhiu beatha no sgriobha Theophiluis chuir sios.
Tha Isidor’ airidh air iomradh, mar bha e cronuchadh modh-
anna truaillidh na cleir, ’s a’ sgriobhadh gu foghluimte mu na
beusan’s na subhailcean tha iomchuidh.
Bha Theodorus, easbuig Mepsuestia, co foghluimte ’s a’
bha’s an linn so. Bha e ’na sgriobhaiche cliuiteach agus ’na
dhuine math. Dhite e fein agus oibre an deigh a bhais, mar
bha e air chur as a leth bhi gabhail le cuid a dhealaich ris an
eagiais. Bha sgriobhan air na sgrioptuirean ro thuigseach,
cheart, agus ionnsuichte, ach chaidh moran do oibre a chall.
Bha iomadh tabhairt oidheirp air na sgrioptuirean a mhineach-
adh’s an linn roimhe so,—o nach robh iad co comasach ris-san
cha bhiodh e gu feum sam bith an ainmeachadh o nach ’eil
bheag tuille sonraichte ri radh, Feudar thoirt fainear gu robh
Sabhurian an Galala, co deas, fhileanta, ’na chainnt’s gu robh
eud air Chrisostom mu ur-labhairt. Bha leabhraichean ’g an
cur amach ’s an linn so ann an ainm athraichean na h-
Eaglaise, air son iadsan bha cur an ceile am barailean fein a
dhite, no thoirt gu neo-bhrigh.
Bha tri seanachaidh mora na h-Eaglaise’s an aon am,—
Socrates, Sosomen,agus Theodoret; agus feudar Philostorgius,
a sgriobh eachdraidh na h-Eaglaise, chur ’s an aireamh.
Chaidh cheud fhear dhiubh fhoghlum’s an lagh, agus bha e
’na fhear-tagraidh, ’s e sgriobh an toiseach, agus tha seanachas
Sosomen co coltach ris, ’s gu bheil e gun teagamh nach d’rinn

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence