Skip to main content

‹‹‹ prev (128) Page 120Page 120

(130) next ››› Page 122Page 122

(129) Page 121 -
Caib. IV.]
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
121
eadh e duine. Dll’ fhuirich e bliadhnachan an sin,—phill ris e
gu Antioch far an robh e ’na shearmonaich co ainmeil’s gu do
thaghadh e le aon ghuth an uachdarain spioradail an Constan¬
tinople. Cha robh e ceaduichte do luchd-leanmhuinn Ariuis
aoradh folaiseach’s a’ bhaile mhor; ach bha iad dol amach a>s,
air oidhche di-sathuirne no moch air la na sabaid, a’ seinn
laoidhean reir an doigh aoraidh. Bha fios aig Chrisostom gu
cuireadh sin iompuidh air an t-sluagh, agus phill e’n airm fein
’n an aghaidh, ’s chuir e mach luchd-ciuil le lochrain a bha giul-
an na croise air thoiseach orra. Chonnuich iad air an t-straid,
—bhuail iad air a cheile, agus thoisich an iorghuill. Thug an t-
iompaire an roghain do luchd-leanmhuinn Ariuis, an dara
cuid aontachadh leis a’ chreideamh cheart, no’m baile fhagail.
Roghnaich iad falbh. Fhuair naimhdean Chrisostom, gu h-
araid an t-iompaire Eudocsia, d’an tug e achmhasan fol¬
aiseach air-son a1 chaithe-beatha, agus Theophilus, uachdaran
spioradail Alecsandria, a ghabh gu h-olc e ghabhail gnothuich
ri brionglaid bha eadar e fein agus manaich araid, a chur as a
dhreuchd, agus as a dhuthaich e, ach dh’eirich am pobull ’na
aobhar agus b’eigin do’n iompaire a ghairm air ais. Cha robh
e fada an sith. Fhuair iad a ris a’ chur air fogradh, agus an
deigh a chur as antir dh’aithn’ an t-iompaire e dhol ni b’fhaide
air falbh—dlT ionad a bha mi-fhalain, ach chaochail e air an
rathad, ’na thri fichead bliadhna, ’s an 407. B’e Chrisostom a
bu deas-bhriathairiche, chumhachdaiche, ’na linn—’s bha ionn-
sachadh mor. Sgriobh e moran air modhanna, agus deasboir-
eachd.
Bha iomad sgriobhaich eile’s an linn so bha ’g an comhar-
achadh fein ’n an am, cuid dhiubh ni bu mho na cheile, cuid dol
a cuimhne, nach ’eil feumail iomradh. An cuigeamh linn. Bha
foghlum agus gach deadh oilean finealta claonadh, agus teag-
asgan fior deanamh aite do shaobha, agus bhaoth-chreideamh.
B’e Ciril, a chuireadh an cathair easbuig Alecsandria, ’s a’
bhliadhna 412, bh’air thus sgriobhaichean an linn so. Mar
bha thoiseach an stri, bha riaghladh comharaichte le spiorad
comh-stri, ole, ’s bha iomad ni rinn e eu-cordadh ri aidmheil
u

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence