Skip to main content

‹‹‹ prev (81) Page 73Page 73

(83) next ››› Page 75Page 75

(82) Page 74 -
74
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. [B.T. 325—755.
leantuinn coir air an dlighe bh’acasan a chaidh rompa. Gidh-
eadh bha cuilbbeartan na cleir mhor-chuiseach co iomadh
agus carach, ’s gu robh. a chuid mhor do chumhachdaicli na
h-airde ’n iar fuidh’n’s smaig-san’s an linn mu dheireadh.
Bha aimhreit agus comh-stri tri uairean ’s an linn so
a measg ard-shagairtean na Roimh fein. Thogadh Simmachus,
fear frithealaidh an Eaglais na Roimh fein, agus Laureutius,
air do Anastasius siubhal, gus a’ chathair le’n luchd-seasaidh
fa leth, agus bha iad bliadhna gach aon diubh ’g agairt coir
air an ait urramach. Thug cairdean Simmachus buaidh mu
dheireadh, Rinn Ennodius, easbuig Pabhia, cuideachadh mbr
leo, trid a sgriobhan bha lan brosguil, bha ’g a thogail suas,
cha b’e mhain gu inbhe righ, ach, cur an ceill gu b’e’m breith-
eamh an aite Dhe fein, agus fear ionaid an Ti is airde. Bha
stri ris eadar Boniface agus Dioscorus—’s bha’n Eaglais gun
samhchair gus an do chaochail Dioscorus. Fhuair Bhigilius
le eucoir agus mealltaireachd, trid a’ bhan-iompaire Theodora,
thoirt air Belisarius-Silbherus a chur a aite agus e fein a
thosuil do’n chathair. Chaill Silbherus mi-fhortanach aite
O
agus urram, agus uile mhaoin agus chuireadh air fogradh e.
Ghabh Justinian a leith-sgeul phill e an duil gu faigheadh
e aite agus urram. Bha Bhigilius tuille is domhain carraid-
each,—fhuair e ris ’na lamhan’s chuir e dh’eilean fad as e anns
an do chaochail e an ainnis agus an trioblaid. Chuireadh as
leth Phelagius gu robh lamh aige ann am bas Bhigilius—a
bha uaibhreach, carach, seolta. Thoill e’n eucoir rinn e fein
air-san a bha roimhe; shuidh ’na bhreitheamh air cuis
Phelagius, a shaor e o’n sgainneal—co dhiubh bha sin ceart no
nach robh. Ged bha’n aite urramach agus an saoibhreas mor
bha iomadh trioblaid, amhghar, cunnart, agus cogadh dean-
amh an cupain solais air amaibh gle shearbh. Bha easbuigean
na h-airde ’n ear co deigheil air urram agus saoibhreas riu fein ;
cha leigeadh iad leo d’an deoin lan uachdranachd. Bha iad,
uime sin, a ghna ’n aghaidh a cheile. Cha do lughdaich idir
giulan aon do’n chleir, ris an canadh iad Iain na traisg, an
comh-stri—bha e doirbh, gabhaidh. Ghabh e, ann an comhairle
bh’aig Constantinople, am’s a’ bhliadhna 588—an t-ainm ard-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence