Skip to main content

‹‹‹ prev (82) Page 74Page 74

(84) next ››› Page 76Page 76

(83) Page 75 -
Caib. I.] EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE. 75
easbuig thar uile easbuigean. Cha robh sin reir gne easbuigean
na h-airde ’n iar, agus chuir iad ’na aghaidh—gach aon diubh
mar bba iad tighinn an deigh a cheile.
Gdiabh, mar chaidh thoirt fainear cheana, cinn-fheadhna
nan daoine fiadbaich o thuath, a chiosnuich an airde ’n ear,
ri barailean mearachdach Ariuis, agus bha iad cur an aghaidh
aidmheil Eaglais na Roimh. Bha Thrasimund, righ nam
Bhandals, ged bha fhoghlum thar moran, cruaidh orra;—
dhruid e an eaglaisean an Africa, agus chuir e se fichead
easbuig air fogradh do Shardinia far an robh iad claonadh
gun fheum fad chuig bliadhna deug. ’Nuair shaor Uilderic,
a thainig ’na aite iad, dh’aisig e gu’n inbh’ agus an aite fein
iad. Thoisich iad sin a ris air foirneart a dheanamh air luchd-
leanmhuinn Ariuis,—mar an di-chuimhnicheadh iad na rinn-
eadh orra fein, no ciod a’ ghne spioraid a bha’s a’ chreideamh
bha iad ag aidmheil.
Oha ’n urrainn sinn gach aobhar, agus meadhon ainm-
eachadh a bha air an gnathachadh measg sloigh agus chinne
aig nach robh eolas, no umhail mu’n aidmheil; no spiorad
siochail an t-soisgeil aca-san bha ’g iarruidh uachdranachd
agus ceannas thar na h-uile. Cha robh iad ag iarraidh an
urraim a b’airde an ainm no ’n inbhe, chur orra-san a ghabh-
adh leo. Chiosnuich naSacsons an earrainn mu dheas dh’ eilean
Bhreatuinn’s an linn so, agus rinn iad geur-leanmhuinn air
luchd-aidmheil a’ chreideimh Chriosduidh gus an do chuir
Bertha iompuidh air Ethelbert, aon do na firinnibh bu mho
dhiubh bhi caoimhneil dhoibh-san a bha d’a h-aidmheil fein,
agus chuir Augustin a thainig do Bhreatunn an 596, leatha.
Dh’ iompuich am Manach so, ’s an da fhichead chuir Grigor
Mor, ard-easbuig na Roimh, coladh ris Ethelbert fein, ’s bha’m
foghnadh co mor, ’s gu do thilgeadh sios paganachd. Chaidh
eaglaisean dheanamh do ’n teampuill agus thogadh Augustin,
le Grigor, gu bhi ’na ard-easbuig Chanterburro. ’Nuair thainig
Augustin do Bhreatunn fhuair e na Criosduidhean an sin do
dhoigh theagaisg na h-airde ’n ear. Fhuair e coire dhoibli
agus dhit e iad thaobh frithealaidh a bhaisteadh. Cha b’aill leis
a’ chleir umhlachadh dha,—cha ghabhadh iad ris mar as ard-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence