Skip to main content

‹‹‹ prev (80) Page 72Page 72

(82) next ››› Page 74Page 74

(81) Page 73 -
CjUB. I.J
EACHDRAIDH NA H-EAGLAISE.
73
eanais a thugadh an comhairle Chalcedoin, cur aimhreite
na cleir am meud, ’s a’ togail buaireis air feadh na Criosd-
uidheachd ’s an linn so. Bha iad an aghaidh a cheile,
’s bha’n t-iompaire ’s an airde ’n ear cur iadsan bha’n agh-
aidh na taobh air an robh e fein as an dreuchd. Cha
ghabhadh na h-iochdarain ri nithe ur a bha easbuig Chonstan-
tinople a’ teagasg. Lionadh iad le feirg—agus dh’eirich
tuasaid ’n am measg aims an deachaidh fuil a dhortadh agus
mdran a mharbhadh. Cha robh iad ni bu fin oagairiche an
Antioch a ghabhail iomadh broth thugadh mach an Calcedon.
Grhabh Bhitellianus, aon do chinn-fheadhna an iompaire, leo.
Bha iad triall gu baile an iompaire. Bha’n aireamh mor,
agus uime sin eagalach, gu sonraichte mar bha curaidh mor
air an ceann. Mhaoidh Bhitellianus gu tilgeadh e an t-iom¬
paire far na cathrach nam biodh chridhe aige na bha e ’g
iarruidh dhiultadh; seadh, na h-easbuigean chur ’n an aite
fein, comhairle eile ghairm, agus gach breth chaidh thabhairt
amach a chnuasachadh a ris. B’eigin do Anastasius geill-
eachduin a dh’aindeoin; ach tha beag earbsadh ri chur,
a gealladh dhaoine a ghabharan teinn. Dh’aontaich an ceann
feadhna an sluagh aimhreiteach a leigeadh mu sgaoil, agus
dol gu fhrithealadh an Thrace, ’s cha bu luaithe a fhuair an
t-iompaire Bhitellianus air falbh na bhrist e gach gealladh agus
ghabh e air aghaidh mar bha e’n toiseach. Bha iadsan a
thainig an deigh Anastasius dol a reir’s mar bha’m beachd,
no’n steidh chreideimh. Ach Vuin’ a chuireamaid crioch
air seanachas mu na h-iompairean, easbuigean, agus manaich,
nan cuireamaid sios gu mion gach uile ni bha air aithris
mu’n linn so.
Gidheadh tha e ri thoirt fainear gu robh a choir bha eas¬
buigean na Boimh ’g iarruidh roimhe so a nis ’g a h-agairt
air gach doigh b’innleachdaiche, agus bu chuilbheartaiche. Bha
iad cur an ceill an uachdranachd mar choir dhligheach bha
o neamh, a thugadh do’n Eaglais a steidhich an t-abstol, ged
nach ’eil dearbhadh gu robh Peadar riamh’s an Boimh. Ach
ged bha’n cumhachd mor bha easbuigean a’ bhaile fathast
fuidh riaghladh nan righrean Gothach, agus, an deigh am
baile a ghlacadh, a ris fuidh na h-iompairean Greugach, a bha
K

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence