Skip to main content

‹‹‹ prev (63) Page 55Page 55

(65) next ››› Page 57Page 57

(64) Page 56 -
56
ECSODUS.
an la sin a laimh nan Eiphiteach : agus
chunnaic Israel na h-Eiphitich marbh air
traigh na fairge.
31 Agus chunnaic Israel an obair mhor
sin a rinn an Tighearn air na h-Eiphitich,
agus bha eagal an Tighearn air an t-sluagh,
agus chreid iad an Tighearn, agus Maois a
sheirbhiseach.
CAIB. XV.
AN sin chan Maois agus clann Israeil an
laoidh so do 'n Tighearn, agus labhair
iad, ag radh, Canaidh mise do ’n Tighearn,
oir thug e buaidh gu glormhor; an t-each
agus a mharcaeh thilg e san fhairge.
2 ’ S e ’n Tighearn mo neart, agus mo
dhan, agus tha e ’na shlainte dhomh : is
esan mo Dhiasa, agus ni mi aite-comhnuidh
dha; Dia m’ athar, agus ardaichidh mi e.
3 Is fear-cogaidh an Tighearna; ’se ’n
Tighearn a’s ainm dha.
4 Carbadan Pharaoh, agus ’armailt thilg
e san fhairge; agus tha rogha a cheannard-
an air am bathadh san fhairge ruaidh.
5 Dh’ fholaich na doimhneachdan iad;
chaidh iad si os do ’n aigean mar chloich.
6 Rinneadh do dheas lamh, O Thigh-
earna, glormhor aim an cumhachd; bhris
do dheas lamh, O Thighearn, an namhaid
’na bhloighdibh.
7 Agus ann am meud t’ oirdheirceis
chlaoidn thu iadsan a dh’ eirich suas a’d’
aghaidh; chuir thu t’fhearg a mach, loisg
i suas iad mar asbhuain.
8 Agus le anail do shroine chruinnich-
eadh na h-uisgeacha; sheas na tuilte suas
mar thorr, chruaidhich na doimhneachdan
am meadhon na fairge.
9 Thubhairt an namhaid, Leanaidh mi,
beiridh mi orra, roinnidh mi a’ chreach:
s&suichear mo mhiann orra; rilisgidh mi
mo chlaidheamh, sgriosaidh mo lamh iad.
10 Sh6id thu le d’ ghaoith, chomhdaich
an fhairge iad, chaidh iad fodha mar luaidh
anns na li-uisgeachaibh laidir.
11 Co ’jcosmhuilriuts’am measgnan dee,
a Thighearna ? Co tha cosmhuil riut, glor¬
mhor ann an naomhachd, uamhasach ann
am moladh, a’ deanamh nithe iongantach ?
12 Shin thu mach do dheas lamh ; shluig
an talamh suas iad.
13 Threoraich thu ann ad throcair an
sluagh so a shaor thu ; thug- thu iad ann ad
neart a chum &ite-cdmhnuidh do naomh¬
achd.
14 ’Nuair a chluinneas na cinnich, bith-
idh eagal orra; thig doilgheas air luchd-
aiteachaidh Phalestina.
15 An sin bithidh uamhann air cinn-
fheadhna Edoim, thig geilt-chrith air
daoinetreuua Mhoaib ; leaghaidh air falbh
luchd-iiteachaidh Chanaain uile.
16 Tuitidh uamhann agus eagal orra, le
meud do ghairdein bithidh iad tosdach mar
chloich, gus an teid do shluagh thairis, a
Thighearna, gus an t6id an sluagh so thair¬
is, a cheannaich thu.
17 Bheir thu steach iad, agus suidhich-
idh tu iad ann an sliabh t’ oighreachd-sa,
anns an ait a rinn thu dhuit fem, a Thigh¬
earna, chum comhnuidh a ghabhail ann,
san ionad-naomha, a Thighearu, a dhaing-
nich do lamha-sa.
18 Righichidh an Tighearna gu saoghal
nan saoghal.
19 Oir chaidh eich Pharaoh a steach le
charbadaibh, agus le ’mharc-shlungh, san
fhairge, agus thug an Tighearn uisgeacha
na fairge air an aisorra; ach dh’imicn clann
Israeil air talamh tioram am meadhon na
fairge.
20 Agus ghlac Miriam a’ bhan-fhaidh,
piuthar Aaroin, tiompan’na laimh ; agus
chaidh na mnathan uue mach ’na deigh le
tiompanaibh agus le dannsa.
21 Agus fhreagair Miriam iad, Canaibh
do ’n Tighearn, oir thug e buaidh gu glor¬
mhor ; an t-each agus a mharcach thilg e
san fhairge.
22 Mar sin thug Maois Israel o ’n mhuir
ruaidh, agus chaidh iad a mach gu fasach
Shuir, agus dh’ imich iad tri l&ithean san
fhasach, agus cha d’ fhuair iad uisge.
23 Agus an uair a thainig iad gu Marah,
cha b’ urrainn iad uisgeacha Mharah 61, oir
bha iad searbh; uime sin thugadh Marah
mar ainra air.
24 Agus rinn an sluagh gearan an agh¬
aidh Mhaois, ag r&dh, Ciod a dh’ bias sinn ?
25 Agus dh’ eigh esan ris an Tighearn,
agus nochd an Tighearna fiodh dha, agus
thilg e sna h-uisgeachaibh e, agus rinneadh
na li-uisgeacha milis: ann an sin rinn e
lagh agus ordugh dhoibh, agus ann an sin
dhearbh eiad;
26 Agus thubhairt e, Ma dh’ bisdeas tu gu
durachdach ri guth an Tighearna do Dhe,
agus ma ni thu an ni sin a ta ceart ’na sheall-
adh, agus ma bheir thu ’n aire d’ aiiitheant-
aibh, agus raa ghleidheas tu a reachdan
uile, aon do na h-eucailibh a chuir mi air
na h-Eiphitich, cha chuir mi ortsa ; oir is
mise an Tighearn a shlanuicheas thu.
27 Agus th&inig iad gu h-Elim far an robh
di\ thobar dheug uisge, agus deich agus tri
fichead crann pail me ; agus champaich iad
an sin laimh ris na h-uisgeachaibh.
CAIB. XVI.
AGUS dh’ fhalbh iad o Elim,agusthmnig
coimhthional chloinn Israeil uile gu
fasach Shin, a ta eadar Elim agus Sinai, air
a’ chuigeadh lideug do ’n dara mios an deigh
dhoibh teachd a mach & tir na h-Eiphit.
2 Agus rinn coimhthional chloinn Israeil
uile gearan an aghaidh Mhaois agus Aaroin
san th&sach.
3 Agus thubhairt clann Israeil riu,
B’ fhearr gu’m faigheamaid bis le laimh an
Tighearn ann an tir na h-Eiphit, an uair a
bha sinn ’nar suidhe laimh ris na poitibh
feola, agus an uair a dh’ ith sinn aran gu T
sath ; oir thug sibh a mach sinn do ’u fhas¬
ach so, a mharbhadh a’ choimhthionail so
uile le h-ocras.
4 An sin thubhairt an Tighearna ri
Maois, Feuch, frasaidh mise dhuibh aran o
neamh, agus theid an sluagh a mach, agus
cruinnichidh iad cuibhrionn gach la air an
la sin fein, a chum as gu ’n dearbh mi iad,
co ae’ a ghluaises iad ann am lagh, no
nach gluais.
5 Agus air ant-seathadh li ulluichidh lad
an ni sin a bheir iad a steach, agus bithidh
e dha uibhir agus a chruiimicheas iad gach
la eile.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence