Skip to main content

‹‹‹ prev (64) Page 56Page 56

(66) next ››› Page 58Page 58

(65) Page 57 -
CAIB. XVII. 57
6 Agus thubhairt Maois agus Aaron ri
cloinn Israeli uile, Mu fheasgar, an sin bith-
idh fios agaibh gu ’n d’ thug an Tighearn a
mach sibh A tir na h-Eiphit:
7 Agus sa’ rahaduinn, an sin chi sibh gloir
an Tighearn; do bhrlgh gu bheil e a’ cluinn-
tinn bhur gearain an aghaidh an Tighearn :
Agus ciod sinne, gu bheil sibh a’ deanamh
gearain ’nar n-aghaidh ?
8 Agus thubhairt Maois, Bithidh a' cJiuis
mar so ’nuair a bheir an Tighearna dhuibh
san fheasgar feoil r’ a h-itheadh, agus aran
sa’ mhaduinn gu ’r s&th ; do bhrigh gu bheil
an Tighearn a‘ cluinntinn bhur gearain a ta
sibh a’ deanamh ’na aghaidh : Agus ciod
sinne ? cha ’n ann ’nar n-aghaidh-ne tha
bhur gearan, ach an aghaidh an Tighearna.
9 Agus thubhairt Maois ri h-Aaron, Ab-
air ri coimhthional chloinn Israeli uile,
Thigibh am fagus an lathair an Tighearn,
oir chual' e bhur gearan.
10 Agus an uair alabhair Aaron ri coimh-
thional chloinn Israeli uile, dh’ amhairc iad
a dh’ ionnsuidh an fhasaich, agus, feuch,
dh’ fhoillsicheadh gloir an Tighearn ann
an neul.
11 Agus labhair an Tighearna ri Maois,
ag radh,
12 Chuala mi gearan chloinn Israeli;
labhair riu, ag radh. Mu fheasgar ithidh
sibh feoil, agus sa’ mhaduinn sasuichear
sibh 1* h-aran: agus bithidh fios agaibh
gur mise an Tighearna bhur Dia.
13 Agus an uair a bha’m feasgar ann, an
sin thainig na gearra-goirt a nios, agus
chomhdaich iad an camp; agus anns a’
mhaduinn bha ’n druchd ’na luidhe mu
thirachioll a’ chaimp.
14 Agus an uair a dh’ eirich an drilchd a
bha ’na luidhe suas, feuch, bha air aghaidh
an fhasaich ni beag cruinn, beag mar an
liath-reodh air an talamh.
15 Agus an uair a chunnaic clann Israeil
e, thubhairt iad gach aon r’ a cheile, Mana:
oir cha robh fhios aca ciod e. Agus thubh¬
airt Maois riu. So an t-aran a thug an
Tighearna dhuibh r’ a itheadh.
16 So an ni a dh’ Mthn an Tighearna,
Cruinnichibh dheth gach duine a reir ’ith-
eannaich, omer do gach neach a r6ir aireimh
bhurn-anamanna, gabhadh gach duine ag¬
aibh air an son-san a ta ’na bh&th.
17 Agus rinn clann Israeil mar sin, agus
chruinnich iad, cuid ni bu mho, agus cuid
ni bu lugha.
18 Agus an uair a thomhais iad e le
h-omer, cha robh a bheag thairis aige-san
a chruinnich ni bu mho, agus air-san a
chruinnich ni bu lugha, cha robh uireas-
bhuidh : chruinnich gach duine a reir ’ith-
eannaich.
19 Agus thubhairt Maois riu, Na fagadh
duine sam bith dheth gu maduinn.
20 Gidheadh cha d’ eisd iad ri Maois, ach
dh’ fliag cuid diubh dheth gu maduinn, ag¬
us ghin e cnuimhean, agus lobh e: Agus
bha corruich air Maois riu.
21 Agus chruinnich iad e air gach mad¬
uinn, gach duine a reir ’itheaonaich : agus
an uair a dh’fhas a’ ghrian teth, leaghadh e.
22 Agus air an t-seathadh li chruinnich
iad a dha uiread arain, da omer air son gach
aoin: agus thainig uachdarain a’ choimh-
thionail uile, agus dh’ innis iad sin do
Mhaois.
23 Agus thubhairt e riu, So an m alabh¬
air an Tighearn, Bithidh fois na sabaid
naomha do ’n Tighearn am maireach: a*
mheud 's a tha sibh gu fhuineadh, fuinibh
an diugh, agus a' mheud’s a tha sibh gu
bhruicheadh, bruichibh; agus gach ni a
bhios thairis, taisgibh suas dhuibh fein gu
maduinn.
24 Agus thaisg iad suas e gu maduinn,
mar a dh’ aithn Maois ; agus cha do lobh e,
ni mo a bha cnuimh sara bith ann.
25 Agus thubhairt Maois, Ithibh sin an
diugh, oir tha s&baid ann an diugh do ’n
Tighearn ; an diugh cha ’n fhaign sibh e
sa’ mhachair.
26 Sd laithean cruinnichidh sibh e, ach
air an t-seachdamh la bithidh an t-sabaid ;
cha bhi e ann air an Id sin.
27 Agus tharladh air an t-seachdamh la
gu ’n deachaidh cuid do ’n t-sluagh a mach
g’ a chruinneachadh, agus cha d’ fhuair iad
a bheag.
28 Agus thubhairt an Tighearn ri Maois,
Cia fhad a dhiultas sibh m’ aitheanta-san a
choimhead, agus mo reachdan.
29 Faicibh, do bhrigh gu ’n d’ thug an
Tighearna dhuibh an t-sabaid, air an aobh-
ar sin tha e a’ tabhairt dhuibh air an
t-seathadh la aran dha la: fanaibh, gach
duine ’na aite fein ; na rachadh duine sam
bith a mach as ait air an t-seachdamh la.
30 Mar sin ghabh an sluagh fois air an
t-seachdamh la.
31 Agus thus- tigh Israeil Mana mar
ainra air: agus oha e mar fhrois coriandeir,
geal, agus a ohlas mar abhlain air an dean¬
amh le mil.
32 Agus thubhairt Maois, So an ni a
dh’ Mthn an Tighearua, Lion omer dheth gu
bhi air a ghleidheadh air son bhur gineal-
acha, chum gu faic iad an t-aran leis an do
bheathaich mi sibh san fhasach, an uair a
thug mi mach sibh h tir na h-Eiphit.
33 Agus thubhairt Maois ri h-Aaron,
Gabh soitheach, agus cuir ann lan omeir,
do Mhana, agus taisg e an lathair an Tigh¬
earna, gu bhi air a ghleidheadh air son bhur
ginealacha.
34 Mar a dh'aithn an Tighearna do
Mhaois, mar sin thaisg Aaron e an IMhair
na Fianuis, gu bhi air a ghleidheadh.
35 Agus dh ’ith clann Israeli am Mana da
fhichead bliadhna, gus an d’ thainig iad gu
tir aitichte : dll’ ith iad am Mana, gus an
d’thainig iad gu crich tire Chanaain.
36 A nis ix e omer an deicheamh cuid do
ephah.
CAIB. XVII.
AGUSdh’imich coimhthional chloinn Is¬
raeil uile o fhasach Shin, a reir an
turusan, mar a dh’aithn an Tighearn, agus
champaich iad ann an Rephidim ; agus cha
robh uisge ann do’n t-sluagh ri 61.
2 Uime sin rinn an sluagh consachadh
ri Maois, agus thubhairt iad, Thoir dhuinn
uisge chum as gu ’n 61 sinn. Agus thubh¬
airt Maois riu, C’ ar son a ta sibh a’ con¬
sachadh riumsa ? C’ar son a bhrosnaicheas
sibh an Tighearn ?
3.'Agus mhiannaich an sluagh uisge ann
an sin; agus rinn an sluagh gearan an agh-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence