Skip to main content

‹‹‹ prev (62) Page 54Page 54

(64) next ››› Page 56Page 56

(63) Page 55 -
CAIB. XIY.
ohampaich iad ann an Etam, ann an iomall
an fhasaich.
21 Agus chaidh an Tighearna rompasan
la ann am raeall neoil, a chum an treorach-
adh air an t-slighe, agus san oidhche ann
am meall teine, a thoirt soluis dhoibh ; gu
imeachd a la agus a dh’ oidhche.
22 Cha d thug e air falbh am meall neoil
san la, no ’m meall teine san oidhche, k
lathair an t-sluaigh.
CAIB. XIV.
AGUS labhairanTighearnariMaois,ag
radh,
2 Labhairri cloinn Israeli, gu’m pill iad,
agus gu ’n campaich iad fa chomhair
Phihahiroit, eadar Migdol agus an fhairge,
fa chomhair Bhaal-sephoin; fa choinn-
eamh-san campaichidh sibh l&imh ris an
fhairge.
3 Oir their Pharaoh mu chloinn Israeil,
Tha iad air seachran san tir, dh’ iadh am
fasach mu n timchioll.
4 Agus cruaidhichidh mise cridhe Pha¬
raoh, agus theid e air an toir, agus gheibh
mise gloir a thaobh Pharaoh, agus a shloigh
uile; agus bithidh fios aig na h-Eiphitich
gur raise an Tighearn. Agus rinn iad mar
sin.
5 Agus dlf innseadh do righ na h-Eiphit
gu ’n do theich an sluagh : agus thionndaidh
cridhe Pharaoh, agus a sheirbhiseach an
aghaidh an t-sluaigh, agus thubhairt iad,
Ciod e so a rinn sinn, gu n do leig sinn le
h-Israel imeachd as ar seirbhis ?
6 Agus bheartaich e a charbad, agus thug
e a shluagh maille ris ;
7 Agus thug e leis se ceud carbad taghta,
agus uile charbada na h-Eiphit, agus ceann-
ardan orra uile.
8 Agus chruaidhich an Tighearna cridhe
Pharaoh righ na h-Eiphit, agus lean e air
toir chloinn Israeil: agus chaidh clann Is¬
raeil a mach h* laimh aird.
9 Ach chaidh na h-Eiphitich air an toir
(eich aow carbadan Pharaoh, agus amharc-
shluagh, agus ’armailt uile) agus rug iad
orra, agus iad a’ campachadh laimh ns an
fhairge, laimh ri Pihahirot, fa chomhair
Bhaal' sephoin.
10 Agus an uair a thiinig Pharaoh am
fagus, thog clann Israeil suas an suilean, ag¬
us, feuch, bha na h-Eiphitich air an toir,
agus bha eagal mor orra: agus dll’ eigh clann
Israeil ris an Tighearn.
11 Agus thubhairt iad ri Maois, An ann
a chioun nach robh uaighean san Eiphit, a
thug thuleat sinn gu bas fhaghailsan fhas-
ach ? C’ ar son a rinn thu so oirnn, ar tabh-
I airt a mach as an Eiphit?
12 Nach e so am focal a labhair sinn riut
san Eiphit, ag ridh, Leig leinn seirbhis a
| dheanamh do na h-Eiphitich ? Oird’fhearr
dhuinn seirbhis a dheanamh do ua h-Eiphit-
i ich na bas fhaghail san this ach.
13 Agus thubhairt Maois ris an t-sluagh,
Na biodh eagal oirbh, seasaibh, agus faicibh
[ slainte anTighearn, a dh’oibricheas e dhuibh
j an diugh ; oir na h-Eiphitich a chunnaic
j sibh an diugh, cha n fhaic sibh iad a chaoidh,
1 tuilleadh.
14 Cogaidh an Tighearn air bhur son,
I agus fanaidh sibhse ’nur tosd.
15 Agus thubhairt an Tighearn ri Maois,
C’ ar sonata thu ’geigheach riumsa ? Abair
ri cloinn Israeil dol air an aghaidh.
16 Ach togsa suas do shlat, agus sin a
mach do l&mh os ceann na fairge, agus
sgoilt i; agus theid clann Israeil a steach
am roeadhon na fairge air talamh tiorara.
17 Agus cruaidhichidh mise, eadhon
mise, cridhe nan Eiphiteach, agus theid iad
a steach ’nan deigh : agus gheibh mise
gloir a thaobh Pharaoh, agus a thaobh a
shloigh uile, a thaobh a charbadan, agus a
thaobh a mharc-shluaigh.
18 Agus bithidh fios aig na h-Eiphitich
gur mise an Tighearna, ’uuair a gheibh mi
gloir a thaobh Pharaoh, a thaobh a charbad¬
an, agus a thaobh a mharc-shluaigh.
19 Agus dh’fhalbh aingeal an Tighearn a
chaidh roimh champ Israeil, agus ah’ imich
e ’nan deigh ; agus dh’ fhalbh am meall
neoil o ’m beulaobh, agus sheas e air an
culaobh.
20 Agus thainig e eadar camp nan Eiphit¬
each agus camp Israeil, agus bha e ’na neul,
agus ’na dhorchadas Aot6/i sud, ach shoill-
sich e ’n oidhche dhoibh so, air chor as nach
d’ thainig a h-aondiubh am fagus d’ ach&le
re na h-oidhche.
21 Agus shin Maois a mach a lamh os
ceann na fairge, agus thug an Tighearn air
an fhairge dol air a h-ais le gaoith liiidir o
’n ear re na h-oidhche sin, agus rinn e ’n
fhairge ’na talamh tioram, agus roinneadh
na h-uisgeachan.
22 Agus chaidh clann Israeil a steach am
meadhon na fairge air talamh tioram, agus
bha na h-uisgeacha ’nam balla dhoibh air
an laimh dheis, agus air an laimh clill.
23 Agus lean na h-Eiphitich, agus chaidh
iad a steach ’nan deigh gu meadhon na
fairge, eadhon eich Pharaoh uile, a charb¬
adan, agus a mharc-shluagh.
24 Agus ann am faire na maidne dh’amh-
airc an Tighearn air sluagh nan Eiphiteach,
troimh n mheall theine agus neoil; agus
chlaoidh e armailt nan Eiphiteach.
25 Agus thug e air falbh rothan an carb¬
ad, air chor as gu n do tharruingeadh iad
gu trom. Agus thubhairt na h-Eiphitich,
Teicheamaid 5 lathair Israeil, oir tha ’n
Tighearn a’ cogadh leosan an aghaidh nan
Eiphiteach.
26 Agus thubhairt an Tighearnari Maois,
Sin a mach do lamh os ceann na fairge,
churn gu ’n tig na h-uisgeachan air an ais air
na h-Eiphitich, air an carbadaibh, agus air
am marc-shluagh.
27 Agus shin Maois a mach a lamh os
ceann na fairge, agus phill an fhairge g’ a
neart an uair a shoillsich a’ mhaduinn; ag¬
us theich na h-Eiphitich ’na h-aghaidh ; ag¬
us chuir an Tighearna na h-Eiphitich fodha
am meadhon na fairge.
28 Agus phill na h-uisgeachan, agus
dh’ fholaich lad na carbaid, agus am marc-
shluagh, agus armailt Pharaoh uile, a
thainig san fhairge ’nan deigh : cha d’ fhag-
adh uiread’s a h-aon diubh.
29 Ach dh’ imich clann Israeil air tal¬
amh tioram am meadhon na fairge, agus
bha na h-uisgeacha ’nam balla dhoibh air
an laimh dheis, agus air an laimh chli.
30 Mar so shaor an Tighearu Israel air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence