Skip to main content

‹‹‹ prev (61) Page 53Page 53

(63) next ››› Page 55Page 55

(62) Page 54 -
54
ECSODUS.
37 Agrus dh'imich clann Israeil o Rameses
u Sucot, mu thimchioll se ceud mile fear
’ an cois, a thuilleadh air cloinn.
38 Agus mar an ceudna chaidh iomad-
aidh do shluagh eile suas maille riu, agus
treudan, agus buar, ro-mhoran spreidhe.
39 Agus dll’ fhuin iad do’n taois a thug-
adh a mach as an Eiphit breacaga neo-
ghoirtichte, oir cha do ghoirtieheadh i; do
bhrigh gu’n d’ flmadaieheadh iad a inach as
an Eiphit, agus nach b’ urrainn iad fuireach,
agus mar an ceudna nach do dheasaich iad
biadh dhoibh fein.
40 A nis b'i aimsir cuairte chloinn Is¬
raeil, a bha iad a chomhnuidh san Eiphit,
c^ithir cheud agus deich hliadhnafichead.
41 Agus aig ceann nan ceithir cheud ag¬
us nan deich oliadhna thar fhichead, air an
la sin fein chaidh sloigh an Tighearn uile
mach a tir na h-Eiphit.
42 Is oidhche so gu bhi air a coimhead
gu h-araidh do’n Tighearn, air son an toirt-
san a mach k tir na h-Eiphit: so an oidhche
sin gu bhi air a coimhead do’n Tighearna
le cloinn Israeil uile ’nan ginealachaibh.
43 Agus thubhairtan Tighearna ri Maois
agus ri h-Aaron, So ordugh na c&isge:
cha’n ith coigreach sam bith dh’i.
44 Agus gach seirbhiseach duine, a chean-
naieheadh le h-argiod,an uair athimchioll-
ghearras tu e, an sin ithidh e dh' i.
45 Cha’n ith coigreach, no seirbhiseach
tuarasdail dh’ i.
46 Ann an aon tigh ithear i: cha ghitil-
ain thu bheag do’n fheoil a mach as an tigh ;
ni mo bhriseas sibh cnaimh dli’i.
47 Ni coimhthional Israeil uile sin.
48 Agus an uair a bhios coigreach air
chuairt maille riut, agus a chumas e a’
ch&sg do’n Tighearna, tirachioll-ghearrar
gach firionnach aige, agus an sin thigeadh
e am fagus g* a cumail, agus bithidh e mar
neach a rugadh san tir: ach cha’n ith
neach sam bith neo-thimchioll-ghearrta
dh’ i.
49 Bithidh an t-aon lagh aige-san a rug¬
adh san tir, agus aig a’ choigreach a ta air
chuairt ’nur measg.
50 Mar so rinn clann Israeil uile ; mar a
dh’ aithn an Tighearna do Mhaois agus do
Aaron, mar sin rinn iad.
51 Agus air an la sin fein thug an Tigh¬
earna mach clann Israeil a tir na h-Eipnit,
a reir an slogh.
CAIB. XIII.
AGUS labhairanTigheama ri Maois, ag
radii,
2 Naomhaich dhomhsa gach ceud-ghin,
ge b’e air bith a dh’ fhosglas a’ bhru am
measg chloinn Israeil, eaaar dhuine agus
ainmhidh : is leatnsa e.
3 Agus thubhairt Maois ris an t-sluagh,
Cuimhnichibh an \k so, air an d’ thainigsibh
a mach as an Eiphit, k tigh na daorsa ; oir
le laimh threin thug an Tighearn a mach
sibh as a sin: agus cha’n ithear aran goirt-
ichte.
4 Air an la ’n diugh thainig sibh a mach,
am mios Abib.
5 Agus an uair a bheir an Tighearna
steach thu do thir nan Canaanach, agus nan
Hiteach, agus nan Amorach, agus nan
Hibheach, agus nan lebusach, a mhionn-
aich e do d’ aithrichibh gu’n tugadh e dhuit,
fearann a’ sruthadh le bainne agus le mil,
an sin coimhididh tu an t-seirhhis so anus
a’ mhios so.
6 Seachd liithean ithidh tu aran neo-
ghoirtichte, agus air an t-seachdamh la
bithidh feill do’n Tighearna.
7 Ithear aran neo-ghoirtichte seachd
laithean ; agus cha’n fhaicear aran goirt-
ichte agad, ^us ni mo a chithear taois
ghoirt agad ann ad chriochaibh uile.
8 Agus innsidh tu do d’ mhac san la sin,
ag radh, Nithear so air sgath an ni sin a rinn
an Tighearna dhomhsa, ’nuair a thainig mi
mach as an Eiphit.
9 Agus bithidh e dhuit mar chomharadh
air do laimh, agus m r chuimhneachan
eadar do shililibh, a chum gu’m bi lagh an
Tighearn ann ad bheul; oir le laimh threin
thug an Tighearna raach thu as an Eiphit.
10 Air an aobhar sin coimhididh tu an
t-ordugh so ’na thrath feiu o bhliadhna gu
bliadhna.
11 Agus an uair a bheir an Tighearna
steach thu do thir nan Canaanach, mar a
mhionnaich e dhuitse, agus do d’ aithrich¬
ibh, agus a bheir e dhuit e,
12 An sin cuiridh tu air leth do’n Tigh¬
earna gach ni a dh’ fhosglas a’ bhru, agus
gach ceud-ghin a thig o ainmhidh a’s leatsa ;
buinidh iadsan a ta firionn 'narn measg
do’n Tighearna.
13 Agus gach ceud-ghin asail fuasgailidh
tu le h-uan ; a<ms mur fuasgail thu e, an
sin brisidh tusamhach: agus gach ceud-
ghin duine am measg do chloinne fuasgail¬
idh tu.
14 Agus an uair a dh’ fhedraicheas do
mhac dhiot san aimsir ri teachd, ag radh,
Ciod e so? an sin their thu ris, Le IMmh
threin thug an Tighearna mach siun as an
Eiphit, a tigh na daorsa:
15 Agus an uair a chruaidhich Pharaoh e
fein, agus nach b’ aill leis ar leigeadh air
falbh, an sin mharbh an Tighearna gach
ceud-ghin ann an tir na h-Eiphit, araon
ceud-ghin duine agus ceud-ghin ainrahidh ;
air an aobhar sin iobraidh mi do n Tigh¬
earna gach ni a dh’ fhosglas a’ bhru, ma's
firionnaich iad, ach uile cheud-ghin mo
chloinne fuasgailidh mi.
16 Agus bithidh e mar chomharadh air
do laimh, a«nis mar eudanan eadar do shuil-
ibh ; oir le laimh threin thug an Tighearn
a mach sinn as an Eiphit.
17 Agus eadhon an uair a leig Pharaoh
do’n t-sluagh jmearhd, cha do thredraich
Dia iad air slighe tire nam Philisteach, ged
a bha sin aithghearr : oir thubhairt Dia
Air eagal gu’m bi aithreachas air an
t-sluaj'h an uair a chi iad cogadh, agus gu’m
pill iad do’n Eiphit.
18 Ach threoraich Dia an sluagh mu’ii
cuairt, air slighe fasaich na mara ruaidhe:
agus chaidh clann Israeil suas an ordugh
catha k tir na h-Eiphit.
19 Agus thug Maois cnamhan lo-eiph
leis ; oir ghabh e mionnan teann do chloimi
Israeil, ag ridh, Gu cinnteach amhaircidh
Dia oirmise, agus bheir sibh suas mo
chnamhan leibh as a so.
20 Agus dll’ imich iad o Shucot, agus

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence