Skip to main content

‹‹‹ prev (199) Page 171Page 171

(201) next ››› Page 173Page 173

(200) Page 172 -
172 ETYMOLOGY.
FOCLACHADH,
radh, aimhleis, anacriosd, ànnsachd. Banail, bàntrach, bealU
tuinn, bàillidh, bìadhtachd, brògach, buachaill, buarach, bual-
aidh, buar. Casach, caithtiche, carach, ceannard, ceòlraidh,
clàrsair, còmhdaich, còmhradh, coinneamh. Dealgan, dìadhair^
donnas, doimhnead. Dònull, dùslainn. Easaontas, eascaraid,
eòlach. Flaitheanas, fìdhlear, furanach. Geamhradh, gear-
radaireachd. Iomchair, ìslich, lùdasach. Làmhainn, lìathag.
Mactalla, mìlsead. Naoidhean, òlach, rìbìiinn. Seachtlnar,
seachduin. Turcach, Eòrpach, Sasunnach, Tuathach.
INDECLINABLE PARTS OF SPEECH.
Translate the following sentences, and point out tJie Simple
and Compound Adverbs, Prepositions, Conjunctions, and In-
terjections.
Is ainmic a thig è. Cìan mu'n do ghineadh na cnuic. Cha
deanainn idir è. Nis o'n bhuail an aois mì, fhuair mì gaoid a
leanas rium. Am beil an nighean shìos ? Chaidh ì sìos do 'n
tobar agus thainig ì nìos. Tha 'n soitheach a' cur thairis. Tha
d' eòlas gle mhaith, càit an d' fhuair thu d' ionnsachadh ?
Anns an sgoil. Dìreach. An dean thu Gàelig ? 'Nì cuid-
eachd. Nach glèusd' thu ? An tig an lòng an-nochd ? Thàinig
ì cheana. Am bi thu ri sealg ? Bithidh air uairibh.
Ged bu toigh leam riamh ìad 's ged fhaicinn air an t-slìabh iad,
Cha tèid mì nis 'g àn ìarraidh, o'n chàill mì trìan na h-analach.
Dh'-fhalbh m' athair a-chìanamh. A chaoidh cha n-fhaic mì
fear mo ghràidh. A là 's a dh-òiche, tha ì ri bròn. Bhuail è
mì a-rìst, 's a-rithist. Bithidh na caoraich an-so an ceartar.
'Nì mì sin am màireach. Faodaidh tu à dheanamh an-diugh.
Ach 'rinn thu è mu-dheireadh thàll. O cheann trì làithean. O
chìan nan cìan. Dol a-mhàin 's an-àird. Cur a-nùll 's a-nàll
Seàll a-nuas. Am beil an t-eunadair a-stigh ? Tha è. Abair ris
tighinn a-mach mata. Thig è air an uair. Thigeadh è air-
bàll. An d' thàinig an seasgach {barren cattle) le bruthach ?
Cha d' thàinig fathast. Am beil ìad fad às ? Cha n-'eil a-nis.
C'àit am faca tu ìad ? Shuas-ùd. Cuirmu 'n cuairt am fìon.
Cuiridh cuiridh mì gu-dearbh. Ol às do ghlaine, a dh-aon-
bheum. Thuit am misgear an comhair a' chìnn anns an tobar.
Cha b' iongantach leam sin idir, oir is tric à sheòrsa 'dòl clìth.
Tha 'n t-eutroman an ìmpis sgàineadh. C'ar-son a c leig sibh an
iuchair air chàll ? Ciamar tha sibh an-diugh ? Tha gu sùnnd-
ach, gu'n robh math agaibh-se. Cionnas tha bean an tighe 's
a' chlànn ? Tha ìad an eatorras, ach cha n-'eil am pàist a's
òige ach mu làimh. Is math a mharcaicheas an rìbhinn ud.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence