Skip to main content

‹‹‹ prev (106) Page 102Page 102

(108) next ››› Page 104Page 104

(107) Page 103 -
LAOIDHEAN SPIORADAIL, 103
VI.
Ge 'do ghabh na feartan graidh ud,
Comhnuidh tharais ann air Slanuighf hear ;
Ann an irisleachd a Naduir ;
Dh' f huiling E tarcuis is fanoid.
VII.
Dh' f huiling E dhiteadh san eucoir,
Agus sin ìe fianuis bhreige ;
'Sa 'n crun droighinn ge'd bu gheur e,
'S guirsadh deislinneach na bhallaibh.
VIII.
Dh' fhuiling E, Cruaidh-ghleachd is amhghar,
Nuair a bha E anns a gharradh ;
A's fhallas aig meud a chraidh,
A ruith gu làr mar chlodan fola.
IX.
Dh' f huiiing E gach uile amhghar,
Dh' fheudadh mi-ghean 'chur air nàdux;
'S ge'd a bhuaireadh E le Sàtan ;
Fhuair E 'n aird' as eugmhuis peacaidh.
X
Dh' f huiling E bàs a a chroiim-cheusaidh,
'S peacaidhean a Shluaigh gu leir Air;
'S ge'd dh'amhlaic, iad E na dheigh sin ;
'S treun a dheirich E 'n treas iatha.
XI.
Bhris E na cuibhrichean laidir,
'Cheangail peacadh bàs is Sàtan ;
'S mar Ghaisgeach air tigh'nn o 'n<araich ;
Dhuisg E 'n aird orra le caithream.
XII.
'S gealb na creagan bha gu h-iosal,
Nuair a ghlaoidh E " tha e criochnuicht' ;"
Chlisg na mairbh o'n uaigh anios,
Sa Ghrian fo mhi-ghean dibreadh 'soluis.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence