Skip to main content

‹‹‹ prev (107) Page 103Page 103

(109) next ››› Page 105Page 105

(108) Page 104 -
101 LAOIDKEAN SPiORADAIL.
XIII.
Acli nuair dh'eirich E na Mhorachd,
Sheinn reulta na maidne co-la ;
'S chuir Mic Dhe gu h-iomlan ordail ;
Clarsaicliean an ceoil gu caithream.
XIV.
'S mar fhianuis gun d-thug E riarach,
Do gach Buaidh a th'anns an diadhachd ;
Fhuair E Righ-dheas-ìamh na Trianaid,
Feadh gach ial an cuirt na flaitheas.
XV.
Dh'arduich E gu h-iomlan aluin,
An reachd sin a bhris Sliochd-Adhaimh ;
'S cha robh call aige ri aireamh,
'S buannachd slainte aige ri sheachnadh.
XVI.
Tha Ceartas na bhàs air co-lach,
Le pòig reit' cur failt air Tròcair ;
'S thuirt e theid mo lagh ged chò-nadh,
Dhuisgadh moran do 'na peacaidh.
XVII.
Dh' f heuchas doibh gu'm bheil iad cailte,
Aig a' namhaid ann na'm braighdibh ;
'Sa threoricheas gu beinn Shinai iad;
Gus an cluinn iad cainnt am bag'raidh.
XVIII.
'S duisgidh e'n cogais ga'n diteadh,
Bheir mi- shuaimhneis doibh na 'n-inntinn
Nochdas leirsgrios aig a chrich dhoibh,
Mar a pill iad aisd le creideamh.
XIX.
'S bidh e feuchain doibh an dorain,
Gus an eigh iad airson trocair;
Mar sin bidh e mar oid-fhoghluim,
Doibh, gu iobairt ghloirmhor f halluin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence