Skip to main content

‹‹‹ prev (105) Page 101Page 101

(107) next ››› Page 103Page 103

(106) Page 102 -
102 LAOIDHEAN SPIORADAFL,
XXIII.
Glolr do'n Trianaid tha na'n Aon-Bhitb,
'S na chomhluich Buaghan cho Naomha ;
'S iad uile 'n curnhnaint'na saorse,
'N cairdeas caomh san aonachd fhalluinn.
AN DARA PAIRT.
An Diomhaireachd Fhoillsìchte agus Aithnickte.
Ann an iomlaineachd na h-aimsir,
Ghabh Mac Dhe air Fein air 'n-anain'eachd ;
Sann an Stàbul measg na'n ainmhean,
Rugadh E mar leauaban aimbeart.
II.
Thug E umhlachd fad a laithean,
Do'n lagh sin a bhris sliochd Adhaimh ;
'S o'n a sheas E ann na'n aite,
Thagradb fiachan chaich air fad air.
III.
'Shearmonaich E 'n soisgeul siorruith,
Do 'na braìghdibh ann am priosun ;
'S bu lionmhor cumhachd a mhiorbhuilean,
'Toirt fianuis air an talamh.
IV.
Dhuisg na mairbh o'n uaigh air iartas,
Ghlan E na lobhair 'bha iargalt ;
'S thug E le cumhachd a Dhiadhachd,
Siubhal iasguidh do na baccaidh.
V.
Thug fradharc do dhoill bha bronach,
Thilg E deamhain 'mach a moran ;
'S fhuair na bodhair c]aisteachd oirdbearc,
Nuair bha 'Chomhnuidh air an talamh,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence