Skip to main content

‹‹‹ prev (200)

(202) next ›››

(201)
A' MJiiLilcartach. 153
Ri faicinn na Feinne bu mhbr goil,
Shanntaich a' bheist a bhith 'nan innis,
An toiseach mire agus air,
Rinneadh leatha gion gun chomain ;
Mharbh i le 'h-abhachd ceud laoch,
'S a gaire 'na garbh chraos.
Caillidh tu dosan do china chrionaich
Air son deagh mhac Oisein iarraidh.
Thairg iad dhi cumha, 's i thilleadh an taobh a thainig i. Cha
ghabhadh i sid na bha slieudaibh buadhach an Eirinn gus am
faigheadh i —
Ceann Oscair, Oisein, is Fhinn,
Ghoill, agus Choirill.
* # * * *
Rinn iad cro air son a' chatha mhbir
Mu'n atharraichte air faiclie na sgleb,
A' cheathrar laoch a b'fhearr 'san Fheinn
Gu'n comhraigeadh i iad gu leir;
'S fhrithealadh i iad mu seach.
Mar ghath rionna na lasrach.
Thachair Mac-Cumhail an aigh
Is a' bheist laimh ri laimh ;
Bha 'taobh-choUuinn ri guin bualaidh,
'S bha braon d'a fhuil air na fraochaibh.
Thuit a' Mhuileartach le Fionn ;
Ma thuit cha b'ann gun strith ;
Deuchainn cha d' fhuair e mar sin,
O latha ceardaich Lon-'ic-Liobhainn.
Thog iad a' chailleach air bharraibh an sleagh,
'S thug iad 'na mireanaibh as a cheil' i.
Ruith an naigheachd ud mu thuath,
Gu crioch Lochlainn nam mbr-shluagh ;
'S chaidh an (iobhainn leis a' bhrigh,
Gu teach aobhair an Ard-Righ.
" Rinneadh beud", deir Gobhainn-nan-Cuan

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence