Skip to main content

‹‹‹ prev (199)

(201) next ›››

(200)
152 The Fiaiis.
chuil. Agus ghabh Fionn lag-mhisneach an uair sin. Sin an
uair a dh'orduich e an talamh a ghearradh o 'bonn, 's a
leigeadh gu ionad a crios 'san lar. Bha i 'gar ceapadh shios is
shuas mar lasair ; 's na h-uile h-uilc no h-urbhaidhe 'gan
d'fhuair sinn, sin dar a mharbh sinn a' chailleach, 's thug sinn
an gaoir-chatha asainn.
Dar a chual Gobhainn-nan-Cuan, a bha air cul gaoithe 's ri
aodunn greine gu'n do mharbhadh a' Mhuileartach, ghabh e
mach gu cuan. [Rann mu thurus-cuain.] Rainig e Lochlainn
leis fhein : choinnich Manus e, agus dh'fhoighneachd e dheth,
c'ait' an d'fhag e a' chailleach. "Mharbhadh i," thuirt Gobh-
ainn-nan-Cuan.
" O bheisd ! cha do mharbhadh ; ach dar a chunnaic thusa
eaghnadh a bha i deanamh, theich thu."
" O ! mharbhadh i."
" Cha do shluig an talamh-toll i, 's cha do bhathadh i air
muir sleamhuin lom, 's cha robh do shluagh air an domhan na
mharbhadh mo Mhuileartach."
" Cha do mharbh i ach an Fheinn',
An dream air nach do tharladh buaidh ;
'S aon riamh cha deach' as
Air an dream fhalt-bhuidhe chas."
Mar sin chriochnaich a' chailleach a turus.
An dara Earrann.
Latha do'n Fheinn air tulaich shoir (17)
Ag amharc Eirinn m'a timchioll,
Chunncas a' teachd bharr thonn,
Arrachd eitidh, creadhall, trom.
'S gu'm b'e b'ainm do'n fhuath nach robh tiom, (18)
A' Mhuileartach mhaol, ruadh, mhuing-fhionn.
Bha 'h-aodann dubh-ghlas air dhreach guail,
Bha deud a carbaid claon-ruadh,
Bha aon shuil ghlogach 'na ceann,
'S gu'm bu luaith' i na rionnach madhair ;
Bha greann glas-dhubh air a ceann,
Mar choille chrionaich roimh chrith-reotha ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence