Skip to main content

‹‹‹ prev (201)

(203) next ›››

(202)
1G2 TUILLEADH DHUILLEAG
agus mu dbeireadh thall chuir iad a stigh e. Bha sinn
aig Keith aig leth-uair an dèigh aon uair agus aig Eilgin
aig dà mhionaid romh dhà. Bha 'n t-aite stad ann an
so air a chur 'an òrdugh gu breagha ; bha boghachan ann
air an cur suas le flùrachan agus le fraoch, agus bha
ùrlar àrd air a thogail, agus aiteachan suidhe air an cur
air, air son na 'm mnathan uaisle, agus bha moran ànn
dhiùbh. Bha 'm Probhaisd ann agus Diùc Eichmond
'us morair March. Shìn am Probhaisd òraid dhomh agus
rinn mise tacan bruidhne ris an Diùc agus dh' innis
esan dhomh gu 'n d' rinneadh ball saor de 'n bhaile so,
do Leopold gaolach, bràthair mo mhàthar 'n uair a bha
e fuireach anns a' choimhearsnachd 'an 1819. Tha iad
a' ràdh gur iad ballachan briste na h-àrd-eagiais a tha
an so, feadhain is breagha 'an Albuinn agus tha 'm
baile uile làn de sheann chuimhneacliain. Cha robh
Uachdaran Eioghail Breatannach riamh roimhe cho fada
so gu tuath. Thug nighean a' Phrobhaisd dhomh bad
fhlùraichean.
Stad sinn ann an so mu dhèich mionaidean. Bha
'n latha anabarrach teth. Bha 'n t-arbhar abaich 'us
tha e air a bhuain an cuid a dh' àiteaclian. An d(5igh
so ghabh sinn ar tràth-nòin de bhiadh fuar, 's an uair
a bha sinn 'n ar suidhe aig a' bhord bheag ga ghabhail
sheall sinn a mach 'us chunnaic sinn gu 'n robh sinn
a dol seachad air Farrais. Ohaidh an carbad gu socrach
seachad air ach cha do stad e. 'S ann dhith air so a
tha 'm blàr tiadhaich anns an do chuir Shakespeare
na buitsichean a choinneachadh ]Mac-Beathaige. Tha
Narinn na' hiidhe gu bòidheach air cladacli a chaolas

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence