Skip to main content

‹‹‹ prev (200)

(202) next ›››

(201)
BHO m' leabhar-latha. 161
clliara pìobaire. Bha 'ii luclid frithealaidh aig Beatrais
aig Leopold agus aig Ban-mhorair Cliurchill leinn
cuideachd, agus thug sinn triùir ghillean bùird leinn
agus Goddard, chaidh sinn a stigh do àite-stad carbad-
na-smùid aig Abaireadhain agus bha dùmhladas mòr
sluaigli ann, chaidh òraid a thoirt dhomh, agus iuch-
raichean a bhaile, le Leslie am probliaisd, agus chaidh
Morair Kintore agus Morair og Abareadhain a' dhean-
amh aithnichte dhomh. Thug Morair Kintore bad
fhlùraichean agus measan dhomh. Thog an latha agus
dh' fhàs e gu math teth. Chaidh sinn air adhart bho
Aljaireadhain air rathad air nach robh mise riamh roimhe
— ghabh sinn seachad air Inbheriùbhraidh air adhart ri'
bun Beinn-a-chaoidh agus fhuair sinn sealladh math de
Bhoc-na-Cabraich agus de na monaidhean eile 'bha mu
'n cuairt, ghabli sinn seachad air Baile Hundaith agus
air baUachan briste seann chaisteal Hundaith agus air
adhart gu Keith far an robh saighdearan saor-dheònach
Bhanbli air an tarruing an òrdugh. Bha mòran sluaigh
air cruinneachadh ach cha do leig iad le neach tighinn
a stigh gu àite stad carbad-na-smùid. Bha beagan
moiUe air a chur oirnn an so le aon de na dorsan nach
gabhadh fosgladh. 'S e dorus a bha eadar seòmar cadail
'us seòmar èididh a bh' ann, chaidh Anna as an dara
seòmar a stigh do 'n fhear eile beagan mu 'n d' ràinig
sinn Keith agus 'n uair a dh' fheuch i ri tilleadli cha
ghabhadh an dorus fosgiadh. Dh' fheuch an Brùnach
ris le uile neart, agus ghabh e sgeannan da, ach cha
ghluaiseadh e dha, agus b' fheudar dithis de luchd oibre
an rathaid iaruinn fhaotuinn 's ghabh iad dha le ùird
L

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence