Skip to main content

‹‹‹ prev (202)

(204) next ›››

(203)
BHO m' leabhar-latha. 163
Mhoirich. Ghabh sinn seached air an raon air an deach-
aidh blàr fuileachdach Chuilfhodair a chur, am blàr
sin air nach urrainn dòmhsa srauaineachadh gu 'n mhòr
dhoilgheas. Bha 'n fraoch cho barr-dhearg bhòidheach
mu 'n cuairt, agus an dùthaich cho breagha. Stad sinn
aig leth-uair an dt^igli tri aig Baile-mòr na gaidhealtachd,
Inbhernis, agus tha a shuidheachadh glè ghrinn.
Stad sinn mu dheich mionaidean 'an so direach mu 'n
d' ràinig sinn an ceann-uidhe. Bha dùmhladas mòr
sluaigh ann ach bha gach ni air a chur an òrdugh
cho math 's nach robh mùchadh sam bith ann. Bha
mòran mlmathan uaisle na 'n suidhe air lobhtachan
a chaidh chur suas agus dh' aithnich mi Ban-tighearna
Chluani na suidhe thall na 'm broilleach. Bha Cluanni
fhèin ann air ceann na 'n saighdearan saor-dheònach
a bha ris an làimh dheis na 'n seasamh làmh ris na
lobhtachan air an robh na mnathan uaisle, agus ris
an làimh chli bha probhaist a bhaile — an Dr Mac-
Coinnich — seann duine breagha 's an deise ghàidh-
ealach air, agus shìn e òraid dhomh. Bha Mòrair Sea-
field, 'us oighre Mhic-Shimi 'an sin agus Baillie Doch-
fuar 'us Mr Eoghan a mhac 's thuirt mi focal no dhà
ris gach aon diùbh. Thug ogha do 'n Phrobhaisd bad
fhlùraichean domh. Bha dùmhladas mor sluaigh a null
ri taobh cùil an àrd-ùrlair.
Dh' fhalbh sinn air adhart agus bha 'n dùthaich mu
'n cuairt dhinn glè bhreagha. Tha ballaclian briste an
Tighmhannaich goirid blio 'n abliuinn a tha ruith a
stigh do Chaolas na Mannachain. Tha 'n caol so coltach
ri loch mòr 's na mouaidhean ■àn: eirioh suas mu 'u cuairt

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence