Skip to main content

‹‹‹ prev (85)

(87) next ›››

(86)
56 TUILLEADH DHUILLEAG
adhart ri taobh loch Chreag Luis, agus loch Chlach an-
ime agus thionndaith sinn ri taobh àllt Eithe-a-chip —
suas ri uchdaich chais air an robh coille bhreagha a'
fàs agus ghabh sinn seachad air dithis de thighean-
seilg Dhiùc Atholl dha 'n ainm Euithe-a-chip agus an
Euithe-mòr agus tha iad le chèile air an suidheachadh.
An dèigh dol seachad orra sin thàinig sinn air càthar
fìadhaich niu 'n d' ràinig sinn coilltean cuir agus coill-
tean nàdurra Loch Orduigh, agus ann an so ghabh sinn
ar tràth-nòin air an fheur, gu math dlùth air an tigh-
sheilge. Bha soìtheach deasaichte de shithinn aig a
Bhan-diùc leatha. Chum iad teth e agus bha e glè
thaitneach leinn. Thàinig a' ghrian a mach agus bha
'n latha cho blàth bhreagha — an speur cho gorm, agus
na sohiis cho boisgeil mu 'n cuairt agus shuidh sinn
greis a' tarruing dhealbh. Thog an shiagh còir càrn a'
measg na 'n craobh far an do ghabh sinn ar cuid tea an
niridh.
Thog sinn oirnn aig ceithir uairean agus ghabh sinn
an rathad a tha' dol air adhart gu Tullichmhaid agus
a mach as a' clioille aig tigh cadha-chliath Hardie
dlùth air drochaid a tlia ann an sin, stad sinn aig àite
fìor bhòidheach air a chuairteachadh le coilltean, cnoc-
an, agus àiridhean a bha cur na m' chuimhne an
Laucha Grund aig Eeinhardtsbrunn. Mu choinn-
eamh so aig àite ris an abrar an Euidhe-rainnich las
sinn teine 'us fhuair sinn ar tca, ghabh sinn an d^igh
sin air adhart gu rathad àrd St Colme agus suas sràid
na drochaide troimh 'n bhaile, air adhart gu crois a'
mhargaidh far ann bheil iad a' cur suas tobar mar

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence