Skip to main content

‹‹‹ prev (84)

(86) next ›››

(85)
BHO m' leabhar-latha. 55
'n oidhche. Bha na seirbhisich againne uile ann ach
an Granntach agus dithis dhe na gillean, cha robh
mise toilichte nach d' thàinig iad ach thuirt na gillean
nach robh brògan aca 'bha freagarrach air son dànnsadh
's nach b' urrainn doibh leis a sin tighinn. Bha Sìne Ely
ann 'us Mr Keir agus bu bheò a dhanns a' phaidhir.
Cha d' rinn Seanalair Grey ach sealltuinn a stigh air son
tiotan, bha droch cnatan air. Chluich na fidhlearan gu
gasda 'us chum iad an deadh thhn 'us chaidh an dànnsadh
air adliart gu h-aighearach gun mhoiUe, gun bhristeadh,
cha robh ruidhle anns nach robh Liùsaidh air an ùrlar,
agus Artair cuideachd, chaidh sean Clarice i fhein a
dhànnsa 's i sin an Searbhanta-pearsa Fhrangacli a bh'
aig a' Bhan-diùc. Cha 'n 'eil i nis a deanamh ni sam bith
'ach tha i f uireach dlùth air làimh anns na tighean a tha
air an togail de clachan creadha.
Dihaoine, an còigeamh latha de mhìos
mu dheireadh an Fhoghair.
Ged a bha beagan ceathaich ann bha 'mhaduinn glè
shoilleir, dh'èirich a ghrian gu boilsgeil agus sgaoil an
ceò. Aig fichead mionaid roimh aon uair dh' fhalbh
mi leis a' Bhan-diùc agus Liùsaidh a dhol gu Loch
Orduigh agus lean an da bhean uasal eile siun. Bha
sinn fad an turais gun chinnt air ciamar a bhiodh an
t-sìde againn, bha 'n ceò ag iarruidh an làmh an uachdar
ach bha a' glirian le a gathan aigh a' sior fhaotuinn
buaidh, thigeadh an speur gorm am fradharc, shioladh
an ceò air falbh as an t-sealladh agus chrathadh gach
cnoc agus coille na ssàilean uatha. Ghabh sinn air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence