Skip to main content

‹‹‹ prev (86)

(88) next ›››

(87)
BHO m' leabhar-latha. 57
chuimhneaclian air an Diùc, chaidh sinn a' dh' fliaic-
inn an tigh bhainne, agus thill sinn dachaidh d' ar
cois aig ceathramh roimh sheachd uairean, ghabh
mise tacan fois air suidheachan seimheanachd, bha mo
cheann glè ghoirt ; ach dh' f hàs e ni b' feàrr an dèigh
na dinnearach,
Disathurha, an sìathamh latha de mhìos
mu dheìreadh an Fhoghair.
Bha 'mhaduinn cho àhiinn bhoisgeil shoilleir 's gur
ann a bha i a' cur dorrain orm. An dèigh ar trath-
maidne a ghabhail, aig leth-uair an dèigh naoi uairean dh'
fhàg sinn dachaidh aoidheil na Bhan-diùc chaoimhneil
agus gu dearbh bu duilich leinn e. Bha na h-uile ni 's
an dachaidh àigh sin cho làn càirdealachd 'us sith, cho
sàmhach agus cho chlùmhor. Bha m' fhuireach ann an
so cho taitneach 's gur ann a bha e mur aiteal na grèine
a dearsadh troimh neul tròm mo bhàntrachais. Dh'
fhalbh Liùsaidh agus a' Bhan-diùc anns a' charbad
agamsa, ghabh càch air adhart air thoiseach oìrnn. Bha
cuid de luchd dreuchd sònruichte na Bhan-diùc 'n an
sreath ri' taobh an rathaid air an deachaidh sinn a mach
bho 'n tigh anns a' charbad. Ghabh sinn an rathad
àbhaisteach gu Loch Orduigh seachad air an tigh-sheilg
gu ceann an ear an loch, bha chuid mu dheireadh de 'n
rathad glè gharbh agus trom, chaidh sinn 'an sin air
muin nan eacha beaga againn aig leth-uair 'an dèigh
aon-uair-deug 'us ghabh sinn air adhart air ar turas.
Bha 'n spèur gun neul air, agus cha robh deò gaoithe
aun 's bha bruthainn mhòr ann a dh' fhàgadh neach

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence